bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
1 Thessalonians 4
1 Thessalonians 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
1
Os bàrr, matà, a bhràithrean, cuireamaid a dh’impidh agus a dh’athchuing oirbh tre an Tighearna Iosa, mar a fhuair sibh uainne cionnas as còir dhuibh imeachd, agus Dia a thoileachadh, gum meudaicheadh sibh mar sin nas mò agus nas mò.
2
Oir tha fhios agaibh ciod iad na h‑àitheantan a thug sinn dhuibh tre an Tighearna Iosa.
3
Oir is i seo toil Dhè, eadhon ur naomhachadh‐se, sibh a sheachnadh strìopachais:
4
Gum b’aithne do gach aon agaibh a shoitheach fhèin a shealbhachadh ann an naomhachd, agus ann an urram;
5
Chan ann ann am fonn ana‑miannach, mar a nì na Cinnich aig nach eil eòlas air Dia:
6
Gun neach air bith a dhèanamh eucoir no mealltaireachd anns a’ chùis air a bhràthair; do bhrìgh gur e an Tighearna a nì dìoghaltas air an uile leithidean sin, a rèir mar a dh’innis sinn mar an ceudna dhuibh roimhe, agus a rinn sinn fianais.
7
Oir cha do ghairm Dia sinn gu neòghlaine, ach gu naomhachd.
8
Uime sin an neach a nì tàir, chan ann air duine a tha e a’ dèanamh tàir, ach air Dia, a thug dhuinn a Spiorad Naomh fhèin.
9
Ach a‑thaobh gràidh bhràthaireil, chan eil feum agaibh mise a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh: oir tha sibh fhèin air ur teagasg o Dhia gràdh a thoirt da chèile.
10
Agus gu deimhinn tha sibh a’ dèanamh seo a‑thaobh nam bràthair uile, a tha ann am Macedònia gu h‑iomlan: ach guidheamaid oirbh, a bhràithrean, sibh a mheudachadh nas mò agus nas mò;
11
Agus gun dèan sibh ur dìcheall a bhith ciùin, agus ur gnothaichean fhèin a dhèanamh, agus a’ saothrachadh le ur làmhan fhèin (amhail a dh’àithn sinne dhuibh);
12
A‑chum gun gluais sibh gu cubhaidh a‑thaobh na muinntir sin a tha an leth a‑muigh, agus nach bi uireasbhaidh nì sam bith oirbh.
13
Ach cha b’àill leam, a bhràithrean, sibh a bhith aineolach a‑thaobh na muinntir sin a tha nan cadal, a‑chum nach dèan sibh bròn, eadhon mar dhaoine eile aig nach eil dòchas.
14
Oir ma chreideas sinn gun d’fhuair Iosa bàs, agus gun d’èirich e a‑rìs, amhail sin mar an ceudna an dream a chaidil ann an Iosa, bheir Dia maille ris.
15
Oir seo tha sinn ag ràdh ribh ann am facal an Tighearna, nach bi againne a tha beò agus a dh’fhàgar gu teachd an Tighearna, toiseach orrasan a tha nan cadal.
16
Oir thig an Tighearna fhèin a‑nuas o nèamh le àrd‐iolaich, le guth an àrd‐aingil, agus le trompaid Dhè: agus èiridh na mairbh ann an Crìosd air tùs:
17
An dèidh sin, sinne a bhios beò agus a dh’fhàgar, togar suas sinn maille riùsan anns na neòil, an còdhail an Tighearna anns an adhar: agus mar sin bidh sinn gu sìorraidh maille ris an Tighearna.
18
Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile leis na briathran seo.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5