bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Samuel 1
2 Samuel 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 2 →
1
A‑nis an dèidh bàs Shauil, thill Daibhidh o àr nan Amaleceach, agus dh’fhan Daibhidh ann an Siclag dà là.
2
Agus air an treas là, feuch, thàinig duine as a’ champ o Shaul, agus a aodach reubte, agus ùir air a cheann: agus nuair a thàinig e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air an talamh, agus rinn e ùmhlachd.
3
Agus thubhairt Daibhidh ris, Cia as a tha thu air teachd? Agus thubhairt esan ris, A camp Israeil theich mi.
4
Agus thubhairt Daibhidh ris, Ciod a thachair? Innis dhomh, guidheam ort. Agus fhreagair e, Theich an sluagh on chath, agus cuideachd tha mòran den t‑sluagh air tuiteam agus marbh; agus mar an ceudna tha Saul agus a mhac Ionatan marbh.
5
Agus thubhairt Daibhidh ris an òganach a dh’innis dha, Cionnas a tha fhios agad gu bheil Saul agus a mhac Ionatan marbh?
6
Agus thubhairt an t‑òganach a dh’innis dha, Thachair dhòmhsa a bhith air sliabh Ghilbòa, agus, feuch, bha Saul a’ leigeil a thaice ra shleagh, agus, feuch, lean na carbadan agus am marc‐shluagh gu dian na dhèidh.
7
Agus nuair a dh’amhairc e na dhèidh, chunnaic e mise, agus ghairm e orm: agus fhreagair mi, Tha mi an seo.
8
Agus thubhairt e rium, Cò thusa? Agus fhreagair mise e, Is Amaleceach mi.
9
Thubhairt e rium a‑rìs, Seas orm, guidheam ort, agus marbh mi: oir ghlac teanntachd mi, do bhrìgh gu bheil mo bheatha fhathast gu h‑iomlan annam.
10
Agus sheas mi air, agus mharbh mi e, a chionn gu robh fhios agam nach biodh e beò an dèidh dha tuiteam; agus ghabh mi an crùn a bha air a cheann, agus an làmh‐fhail a bha air a ghàirdean, agus thug mi an seo iad a dh’ionnsaigh mo thighearna.
11
An sin rug Daibhidh air a aodach, agus reub e e, agus mar an ceudna na daoine uile a bha maille ris.
12
Agus rinn iad caoidh, agus ghuil iad, agus thraisg iad gu feasgar, airson Shauil, agus airson a mhic Ionatan, agus airson sluagh an Tighearna, agus airson taigh Israeil, do bhrìgh gun do thuit iad leis a’ chlaidheamh.
13
Agus thubhairt Daibhidh ris an òganach a dh’innis dha, Cia as dhutsa? Agus fhreagair esan, Is mac coigrich Amalecich mi.
14
Agus thubhairt Daibhidh ris, Cionnas nach robh eagal ort do làmh a shìneadh a‑mach a mharbhadh aon ungte an Tighearna?
15
Agus ghairm Daibhidh air aon de na h‑òganaich, agus thubhairt e, Thig am fagas, agus leum air. Agus bhuail e e, agus fhuair e bàs.
16
Agus thubhairt Daibhidh ris, Biodh d’fhuil air do cheann fhèin, oir thug do bheul fianais ad aghaidh, ag ràdh, Mharbh mi aon ungte an Tighearna.
17
Agus rinn Daibhidh caoidh leis a’ chumha seo os cionn Shauil, agus os cionn a mhic Ionatan:
18
(Agus dh’àithn e gun ionnsaicheadh iad do chloinn Iùdah tilgeadh le bogha: feuch, tha e sgrìobhte ann an leabhar Iaseir;)
19
O mhaise Israeil, air do lotadh air d’àitean àrda! Cionnas a thuit na cumhachdaich!
20
Na innsibh e ann an Gat, na cuiribh an cèill e ann an sràidean Asceloin; air eagal gum bi nigheanan nam Philisteach aoibhneach, air eagal gun dèan nigheanan nan neo‐thimcheall‐gheàrrte luathghaire.
21
A shlèibhtean Ghilbòa, na biodh drùchd no uisge oirbh; no oirbhse, achaidhean thabhartas; oir an sin thilgeadh gu tàireil air falbh sgiath nan cumhachdach, sgiath Shauil, mar nach biodh e ungte le ola.
22
O fhuil nam marbh, o shaill nan cumhachdach, cha do thionndaidh bogha Ionatain air ais; agus cha do thill claidheamh Shauil gu faoin.
23
Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn.
24
A nigheanan Israeil, guilibh airson Shauil, a dh’èidich sibh ann an sgàrlaid le aoibhneas, a chuir òr‑ghreus air ur n‑aodach.
25
Cionnas a thuit na cumhachdaich am meadhon a’ chatha! O, a Ionatain, air d’àitean àrda mharbhadh thu!
26
Tha cràdh orm air do shon, mo bhràthair, a Ionatain: ro‑thaitneach bha thu dhòmhsa: b’iongantach do ghràdh dhòmhsa, a’ toirt barrachd air gràdh nam ban.
27
Cionnas a thuit na cumhachdaich, agus a chaidh as do airm a’ chogaidh!
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24