bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Samuel 6
2 Samuel 6
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 7 →
1
Agus chruinnich Daibhidh fhathast an ceann a chèile fir thaghte Israeil uile, deich‐mìle‐fichead.
2
Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Bhàal Iùdah, a thabhairt suas à sin àirc Dhè, air an gairmear ainm Tighearna nan sluagh, a ghabhas còmhnaidh eadar na ceruban.
3
Agus chuir iad àirc Dhè air feun nodha, agus thug iad i à taigh Abinadaib a bha ann an Gibeah: agus dh’iomain Usah agus Ahio, mic Abinadaib, am feun nodha maille ri àirc Dhè.
4
Agus dh’imich Ahio ron àirc.
5
Agus chluich Daibhidh agus taigh Israeil uile am fianais an Tighearna, air gach inneal‐ciùil de fhiodh giuthais, eadhon air clàrsaichean, agus air saltairean, agus air nabalan, agus air tiompanan, agus air ciombalan.
6
Agus nuair a thàinig iad gu ùrlar‐bualaidh Nachoin, chuir Usah a‑mach a làmh a dh’ionnsaigh àirc Dhè, agus ghabh e greim dhith: oir chuir na daimh air chrith i.
7
Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Usah, agus bhuail Dia an sin e airson a dhànadais; agus fhuair e bàs an sin làimh ri àirc Dhè.
8
Agus bha doilgheas air Daibhidh, do bhrìgh gun do rinn an Tighearna briseadh air Usah: agus thug e Peres‐usah mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh.
9
Agus bha eagal air Daibhidh ron Tighearna air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a thig àirc an Tighearna am ionnsaigh‐sa?
10
Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearna a thionndadh da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a lethtaobh i gu taigh Obed‐edoim an Giteach.
11
Agus dh’fhan àirc an Tighearna ann an taigh Obed‐edoim an Giteach trì mìosan: agus bheannaich an Tighearna Obed‐edom agus a thaigh uile.
12
Agus dh’innseadh do rìgh Daibhidh, ag ràdh, Bheannaich an Tighearna taigh Obed‐edoim, agus gach nì a bhuineas dha, airson àirc Dhè. Uime sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e a‑nìos àirc Dhè à taigh Obed‐edoim gu baile Dhaibhidh le gàirdeachas.
13
Agus nuair a dh’imich iadsan a ghiùlain àirc an Tighearna sia ceuman, dh’ìobair e tairbh agus beathaichean reamhar.
14
Agus dhanns Daibhidh le a uile neart am fianais an Tighearna, agus bha Daibhidh crioslaichte le èphod lìn‐aodaich.
15
Agus thug Daibhidh agus uile thaigh Israeil a‑nìos àirc an Tighearna le iolaich, agus le fuaim trompaide.
16
Agus nuair a bha àirc an Tighearna a’ teachd a‑steach gu baile Dhaibhidh, dh’amhairc Michal nighean Shauil tro uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ leumnaich agus a’ dannsa am fianais an Tighearna, agus rinn i tàir air na cridhe.
17
Agus thug iad a‑steach àirc an Tighearna, agus chuir iad suas i na h‑àite, ann am meadhon a’ phàillein a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug Daibhidh suas ìobairtean‐loisgte am fianais an Tighearna, agus ìobairtean‐sìthe.
18
Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air ìobairtean‐loisgte a thoirt suas, agus ìobairtean‐sìthe, bheannaich e an sluagh ann an ainm Tighearna nan sluagh.
19
Agus roinn e air an t‑sluagh uile, eadhon air uile cho‐chruinneachadh Israeil, eadar fhir agus mhnathan, do gach neach breacag arain, agus mìr math feòla, agus cupan fìona: agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach neach da thaigh fhèin.
20
Agus thill Daibhidh a bheannachadh a theaghlaich: agus thàinig Michal nighean Shauil a‑mach an coinneamh Dhaibhidh, agus thubhairt i, Cia urramach a bha rìgh Israeil an‑diugh, a rùisg e fhèin an‑diugh ann an sùilean banoglaich a sheirbhiseach, mar a rùisgeas aon de na daoine aotrom e fhèin!
21
Agus thubhairt Daibhidh ri Michal, Is ann a bha e am fianais an Tighearna, a thagh mise rod athair, agus ro a thaigh uile, a‑chum m’òrdachadh am cheannard air sluagh an Tighearna, air Israel: uime sin chluich mise am fianais an Tighearna.
22
Agus bidh mi fhathast nas tàireile na seo, agus bidh mi ìosal am shùilean fhèin; agus aig na banoglaich mun do labhair thu, acasan gheibh mi urram.
23
Agus cha robh duine‐cloinne aig Michal nighean Shauil gu là a bàis.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24