bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Samuel 5
2 Samuel 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 6 →
1
An sin thàinig uile threubhan Israeil a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus labhair iad, ag ràdh, Feuch, is sinne do chnàimh agus d’fheòil.
2
Mar an ceudna roimhe seo, nuair a bha Saul na rìgh os ar cionn, bu tusa an tì a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel: agus thubhairt an Tighearna riut, Beathaichidh tu mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air Israel.
3
Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel.
4
Bha Daibhidh deich‐bliadhna‑fichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà‑fhichead bliadhna.
5
Ann an Hebron rìghich e os cionn Iùdah seachd bliadhna agus sia mìosan; agus ann an Ierusalem rìghich e trì‐bliadhna‑deug ar fhichead os cionn Israeil uile agus Iùdah.
6
Agus dh’imich an rìgh agus a dhaoine gu Ierusalem, a dh’ionnsaigh nan Iebusach, luchd‐àiteachaidh na tìre, a labhair ri Daibhidh, ag ràdh, Cha tig thu a‑steach an seo mura toir thu air falbh na doill agus na bacaich; ag ràdh, Cha tig Daibhidh a‑steach an seo.
7
Gidheadh, ghlac Daibhidh daingneach Shioin: is e sin baile Dhaibhidh.
8
Agus thubhairt Daibhidh air an là sin, Ge bè neach a ruigeas a’ chlais‐uisge, agus a bhuaileas na h‑Iebusaich, agus na bacaich, agus na doill, air a bheil fuath aig anam Dhaibhidh, bidh esan na cheannard: uime sin thubhairt iad, Cha tig an dall agus am bacach a‑steach don taigh.
9
Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an daingneach, agus thug e Baile Dhaibhidh mar ainm air; agus thog Daibhidh aitreabh mun cuairt, o Mhilo agus air an taobh a‑staigh.
10
Agus chaidh Daibhidh air aghaidh, a’ fàs mòr; agus bha an Tighearna Dia nan sluagh maille ris.
11
Agus chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus saoir, agus clachairean; agus thog iad taigh do Dhaibhidh.
12
Agus thuig Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaich e a rìoghachd airson a shluaigh Israel.
13
Agus ghabh Daibhidh dha fhèin tuilleadh choileabach agus bhan à Ierusalem, an dèidh dha teachd à Hebron: agus rugadh fhathast mic agus nigheanan do Dhaibhidh.
14
Agus is iad seo an ainmean‐san, a rugadh dha ann an Ierusalem: Samuah, agus Sobab, agus Nàtan, agus Solamh,
15
Agus Ibner, agus Elisua, agus Nepheg, agus Iaphia,
16
Agus Elisama, agus Eliada, agus Eliphalet.
17
Ach nuair a chuala na Philistich gun d’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, thàinig na Philistich uile a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh; agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e sìos don daingneach.
18
Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim.
19
Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a dh’ionnsaigh nam Philisteach? An toir thu thairis iad dom làimh? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Gabh suas; oir gu cinnteach bheir mi thairis na Philistich dod làimh.
20
Agus thàinig Daibhidh gu Bàal‐perasim, agus bhuail Daibhidh iad an sin, agus thubhairt e, Bhris an Tighearna o chèile mo naimhdean am fhianais, mar bhriseadh uisgeachan. Uime sin thug e Bàal‐perasim mar ainm air an àite sin.
21
Agus dh’fhàg iad an sin an dealbhan, agus loisg Daibhidh agus a dhaoine iad.
22
Agus thàinig na Philistich a‑nìos a‑rìs, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim.
23
Agus nuair a dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, thubhairt e, Cha tèid thu suas; ach gabh mun cuairt air an cùlaibh, agus thig orra fa chomhair craobhan nan smeur.
24
Agus nuair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am mullach craobhan nan smeur, an sin gluaisidh tu thu fhèin; oir an sin thèid an Tighearna a‑mach romhad, a bhualadh feachd nam Philisteach.
25
Agus rinn Daibhidh mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna dha: agus bhuail e na Philistich o Theba, gus an tig thu gu Gaser.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24