bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Samuel 10
2 Samuel 10
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 11 →
1
Agus na dhèidh seo fhuair rìgh chloinn Amoin bàs, agus rìghich a mhac Hanun na àite.
2
An sin thubhairt Daibhidh, Nochdaidh mi coibhneas do Hanun mac Nahais, mar a nochd a athair‐san dhòmhsa. Agus chuir Daibhidh uaithe a sheirbhisich, a thoirt sòlais dha airson a athar. Agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh a‑steach do thìr chloinn Amoin.
3
Agus thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, an tighearna, An saoil thu gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd‐sòlais? Nach ann a rannsachadh a’ bhaile, agus a ghabhail beachd air, agus ga sgrios, a chuir Daibhidh a sheirbhisich ad ionnsaigh?
4
Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bheàrr e dhiubh leth am feusaig, agus gheàrr e an aodach anns a’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad.
5
Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh chuir e daoine nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh.
6
Agus nuair a chunnaic clann Amoin gu robh iad gràineil am fianais Dhaibhidh, chuir clann Amoin teachdairean uapa, agus thuarasdalaich iad Sirianaich Bhet‐rehoib, agus Sirianaich Shoba, fichead mìle coisiche, agus o rìgh Mhaacah mìle fear, agus o Istob dà‑mhìle‐dheug fear.
7
Agus nuair a chuala Daibhidh sin, chuir e a‑mach Ioab, agus uile shluagh nan daoine treuna.
8
Agus thàinig clann Amoin a‑mach, agus chuir iad an cath an òrdagh aig dol a‑steach a’ gheata: agus bha Sirianaich Shoba, agus Rehoib, agus Istoib, agus Mhaacah, leo fhèin anns a’ mhachair.
9
Agus nuair a chunnaic Ioab gu robh aghaidh a’ chatha ris air a bheulaibh agus air a chùlaibh, thagh e a‑mach cuid de uile dhaoine taghte Israeil, agus chuir e ann an òrdagh catha iad an aghaidh nan Sirianach:
10
Agus a’ chuid eile den t‑sluagh thug e thairis do làimh a bhràthar Abisai, a‑chum gun cuireadh e an òrdagh iad an aghaidh chloinn Amoin.
11
Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich nas treasa na mise, an sin nì thusa còmhnadh riumsa; ach ma bhios clann Amoin nas treasa na thusa an sin thig mise a dhèanamh còmhnaidh leatsa.
12
Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè; agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean.
13
Agus thàinig Ioab am fagas, agus an sluagh a bha maille ris, gu cath an aghaidh nan Sirianach: agus theich iad roimhe.
14
Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do theich na Sirianaich, an sin theich iadsan mar an ceudna ro Abisai, agus chaidh iad a‑steach don bhaile: agus thill Ioab o chloinn Amoin, agus thàinig e gu Ierusalem.
15
Agus nuair a chunnaic na Sirianaich gun do bhuaileadh iad ro Israel, chruinnich iad iad fhèin an ceann a chèile.
16
Agus chuir Hadadeser fios uaithe, agus thug e a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn, agus thàinig iad gu Helam; agus chaidh Sobach, ceannard armailt Hadareseir, romhpa.
17
Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile an ceann a chèile, agus chaidh e thar Iòrdan, agus thàinig e gu Helam; agus chuir na Sirianaich iad fhèin an òrdagh catha an aghaidh Dhaibhidh, agus chog iad ris.
18
Agus theich na Sirianaich ro Israel; agus mharbh Daibhidh de na Sirianaich fir sheachd ceud carbad, agus dà‑fhichead mìle marcaiche; agus bhuail e Sobach, ceannard an armailte, a fhuair bàs an sin.
19
Agus nuair a chunnaic na rìghrean uile, a bha nan seirbhisich aig Hadareser, gun do bhuaileadh iad ro Israel, rinn iad sìth ri Israel, agus rinn iad seirbhis dhaibh. Agus bha eagal air na Sirianaich còmhnadh a dhèanamh tuilleadh ri cloinn Amoin.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24