bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Deuteronomy 26
Deuteronomy 26
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 27 →
1
Agus nuair a thèid thu a‑steach don fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, agus a shealbhaicheas tu e, agus a ghabhas tu còmhnaidh ann,
2
An sin gabhaidh tu den chiad chuid de uile thoradh na talmhainn, a bheir thu leat ded fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut, agus cuiridh tu ann am basgaid e, agus thèid thu a‑chum an àit a thaghas an Tighearna do Dhia, a chur a ainme an sin.
3
Agus thèid thu a dh’ionnsaigh an t‑sagairt a bhios ann anns na làithean sin, agus their thu ris, Tha mi ag aideachadh air an là‑an‑diugh don Tighearna do Dhia, gun tàinig mi don dùthaich a mhionnaich an Tighearna dar n‑athraichean gun tugadh e dhuinn.
4
Agus gabhaidh an sagart a’ bhasgaid as do làimh, agus cuiridh e sìos i air beulaibh altair an Tighearna do Dhia.
5
Agus freagraidh tu agus their thu an làthair an Tighearna do Dhia, Bu Shirianach air sheòl a bhith caillte m’athair, agus chaidh e sìos don Eiphit, agus bha e air chuairt an sin le beagan cuideachd, agus dh’fhàs e an sin na chinneach mòr, cumhachdach, agus lìonmhor:
6
Agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinn, agus shàraich iad sinn, agus chuir iad daorsa chruaidh oirnn:
7
Agus ghlaodh sinn ris an Tighearna, Dia ar n‑athraichean, agus dh’èisd an Tighearna ri ar guth, agus dh’amhairc e air ar n‑àmhghar, agus ar saothair, agus ar fòirneart:
8
Agus thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhann mòr, agus le comharraidhean, agus le iongantasan:
9
Agus thug e sinn don àite seo, agus thug e dhuinn am fearann seo, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus mil.
10
Agus a‑nis, feuch, thug mi leam ciad‐thoradh an fhearainn a thug thusa, a Thighearna, dhomh. Agus cuiridh tu e am fianais an Tighearna do Dhia, agus nì thu adhradh am fianais an Tighearna do Dhia.
11
Agus nì thu gàirdeachas anns gach nì math a thug an Tighearna do Dhia dhut, agus dod thaigh, thu fhèin, agus an Lèbhitheach, agus an coigreach a bhios nur measg.
12
Nuair a chuireas tu crìoch air deicheamh a thoirt seachad, eadhon uile dheicheamh do chinneis air an treas bliadhna, bliadhna an deichimh, agus a bheir thu e don Lèbhitheach, don choigreach, don dìlleachdan, agus don bhantraich, a‑chum gun ith iad an taobh a‑staigh ded gheatachan agus gun sàsaichear iad;
13
An sin their thu am fianais an Tighearna do Dhia, Thug mi leam na nithean naomha as mo thaigh, agus mar an ceudna thug mi iad don Lèbhitheach, agus don choigreach, don dìlleachdan, agus don bhantraich, a rèir d’àitheantan uile a dh’àithn thu dhomh: cha do bhris mi aon ded àitheantan, cha mhò a dhìochuimhnich mi iad.
14
Cha d’ith mi a’ bheag dhiubh am bhròn, cha mhò a ghabh mi a’ bheag dhiubh gu feum neòghlan sam bith, cha mhò a thug mi a’ bheag dhiubh airson a’ mhairbh: dh’èisd mi ri guth an Tighearna mo Dhia; rinn mi a rèir nan uile nithean a dh’àithn thu dhomh.
15
Amhairc a‑nuas o ionad‐còmhnaidh do naomhachd, o nèamh, agus beannaich do shluagh Israel, agus am fearann a thug thu dhuinn, mar a mhionnaich thu dar n‑athraichean, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus mil.
16
Air an là‑an‑diugh dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut na reachdan agus na breitheanais sin a dhèanamh: uime sin coimheadaidh agus nì thu iad led uile chridhe agus led uile anam.
17
Rinn thu roghainn an‑diugh den Tighearna gu bhith na Dhia dhut, agus gu gluasad na shlighean, agus gu a reachdan a ghleidheadh, agus a àitheantan, agus a bhreitheanais, agus gu èisdeachd ra ghuth.
18
Agus thagh an Tighearna thusa an‑diugh gu bhith ad shluagh sònraichte dha fhèin, mar a gheall e dhut, agus a‑chum gun gleidheadh tu a àitheantan uile;
19
Agus a‑chum gun dèanadh e àrd thu os cionn nan uile chinneach a rinn e, ann an cliù, agus ann an ainm, agus ann an urram; agus a‑chum gum biodh tu ad shluagh naomh don Tighearna do Dhia, mar a labhair e.
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 27 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34