bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Deuteronomy 33
Deuteronomy 33
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 34 →
1
Agus is e seo am beannachadh leis an do bheannaich Maois, òglach Dhè, clann Israeil ro a bhàs.
2
Agus thubhairt e, Thàinig an Tighearna o Shinài, agus dh’èirich e suas dhaibh o Sheir; dhealraich e a‑mach o shliabh Pharain, agus thàinig e le deich mìle de naoimh: o a dheas làimh chaidh lagh teine a‑mach dhaibh.
3
Seadh, ghràdhaich e an sluagh; tha a naoimh uile ad làimh: agus shuidh iad sìos aig do chasan; gheibh gach neach ded bhriathran.
4
Dh’àithn Maois lagh dhuinn, mar oighreachd do cho‐chruinneachadh Iàcoib.
5
Agus bha e na rìgh ann an Iesurun, nuair a chruinnich ceannardan an t‑sluaigh agus treubhan Israeil an ceann a chèile.
6
Biodh Reuben beò, agus na faigheadh e bàs; agus biodh a dhaoine lìonmhor an àireamh.
7
Agus is e seo beannachadh Iùdah: agus thubhairt e, Eisd, a Thighearna, ri guth Iùdah, agus thoir e a‑chum a shluaigh: biodh a làmhan foghainteach dha, agus bi‑sa ad chòmhnadh aige o a naimhdean.
8
Agus mu Lèbhi thubhairt e, Biodh do Thumin agus d’Urim aig d’aon naomh, a dhearbh thu aig Masah, ris an do rinn thu strì aig uisgeachan Mheribah;
9
A thubhairt ra athair agus ra mhàthair, Chan fhaca mi e; agus cha do ghabh e ra bhràithrean, agus cha d’aithnich e a chlann fhèin: oir choimhead iad d’fhacail, agus ghlèidh iad do choicheangal.
10
Teagaisgidh iad do bhreitheanais do Iàcob, agus do lagh do Israel: cuiridh iad tùis fad chomhair, agus làn ìobairt‐loisgte air d’altair.
11
Beannaich, O Thighearna, a mhaoin, agus gabh ri obair a làmh: buail tro leasraidh na muinntir a dh’èireas na aghaidh, agus na muinntir leis am fuathach e, a‑chum nach èirich iad a‑rìs.
12
Mu Bheniàmin thubhairt e, Gabhaidh aon gràdhach an Tighearna còmhnaidh ann an tèarainteachd làimh ris; agus còmhdaichidh an Tighearna e rè an là uile, agus gabhaidh e còmhnaidh eadar a ghuaillean.
13
Agus mu Iòseph thubhairt e, Beannaichte on Tighearna gu robh a fhearann, a‑thaobh nithean luachmhor nèimh, a‑thaobh an drùchd, agus a‑thaobh na doimhne a tha na laighe shìos,
14
Agus a‑thaobh nan toradh luachmhor a bheirear a‑mach leis a’ ghrèin, agus a‑thaobh nan nithean luachmhor a chuirear a‑mach leis gach mìos.
15
Agus a‑thaobh prìomh nithean nam beann aosda, agus a‑thaobh nithean luachmhor nan sliabh sìorraidh,
16
Agus a‑thaobh nithean luachmhor na talmhainn, agus a làin, agus deagh‐ghean an Tì sin a bha a chòmhnaidh anns a’ phreas: thigeadh am beannachd air ceann Iòseiph, agus air mullach a chinn‐san a sgaradh o a bhràithrean.
17
Mar chiad‐ghin a thairbh tha a sgèimh, agus mar adhaircean nan aon‐adharcach tha a adhaircean‐san: leo seo purraidh e an sluagh le chèile, gu iomallan na talmhainn: agus is iad seo deich mìltean Ephraim, agus is iad seo mìltean Mhanaseh.
18
Agus mu Shebulun thubhairt e, Dèan gàirdeachas, a Shebuluin, ad dhol a‑mach; agus, Isachair, ad bhùthan.
19
Gairmidh iad an sluagh a‑chum na beinne; an sin ìobraidh iad ìobairtean ionracais: oir pailteas nan cuan sùghaidh iad suas, agus ionmhais fhalaichte na gaineimh.
20
Agus mu Ghad thubhairt e, Beannaichte gu robh esan a leudaicheas Gad: mar leòmhann tha e a’ gabhail còmhnaidh, agus reubaidh e an gàirdean maille ri mullach a’ chinn.
21
Agus dheasaich e a’ chiad chuid dha fhèin, a chionn an sin, ann an cuibhreann an lagh‐thabhartair, gun do shuidhicheadh e; agus thàinig e maille ri ceannardan an t‑sluaigh; ceartas an Tighearna chuir e an gnìomh, agus a bhreitheanais ri Israel.
22
Agus mu Dhan thubhairt e, Is cuilean leòmhainn Dan: leumaidh e o Bhasan.
23
Agus mu Naphtali thubhairt e, O Naphtali, sàsaichte le deagh‐ghean, agus làn de bheannachadh an Tighearna, sealbhaich thusa an àird an iar agus an àird a deas.
24
Agus mu Aser thubhairt e, Biodh Aser beannaichte le cloinn; biodh e taitneach da bhràithrean, agus tumadh e a chas ann an ola.
25
Bidh do bhrògan nan iarann agus nan umha; agus mar do làithean is amhlaidh a bhios do neart.
26
Chan eil neach cosmhail ri Dia Iesuruin, a tha a’ marcachd air nèamh ad chòmhnadh, agus na mhòrachd air na speuran.
27
Is e an Dia bithbhuan do thèarmann, agus foidhe tha na gàirdeanan sìorraidh: agus fuadaichidh e a‑mach an nàmhaid romhad, agus their e, Cuir as dha.
28
An sin gabhaidh Israel còmhnaidh gu tèarainte na aonar: bidh tobar Iàcoib air fearann arbhair agus fìona; mar an ceudna silidh a nèamhan a‑nuas drùchd.
29
Is sona thu, O Israeil; cò a tha cosmhail riut, O shluagh a shaoradh leis an Tighearna, sgiath do chòmhnaidh, agus neach as e claidheamh do mhòrachd? Agus gheibhear do naimhdean nam breugairean dhut, agus saltraidh tu air an àitean àrda.
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 34 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34