bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Deuteronomy 7
Deuteronomy 7
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 8 →
1
Nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann a‑chum a bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, agus a thilgeas e a‑mach romhad mòran chinneach, na Hitich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Peridsich, agus na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, seachd cinnich as mò agus as cumhachdaiche na thusa;
2
Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia iad thairis ad làthair, buailidh tu iad, agus cuiridh tu gu tur as dhaibh; cha dèan thu coicheangal sam bith riu, cha mhò a nochdas tu tròcair dhaibh:
3
Cha mhò a nì thu cleamhnas riu; do nighean cha toir thu da mhac‐san, cha mhò a ghabhas tu a nighean‐san dod mhac‐sa.
4
Oir tionndaidhidh iad do mhac o mise a leantainn, a‑chum gun dèan iad seirbhis do dhiathan eile: mar sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus sgriosaidh e thu gu h‑obann.
5
Ach mar seo buinidh sibh riu: sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan, agus loisgidh sibh an coslais shnaidhte le teine.
6
Oir is sluagh naomh don Tighearna do Dhia thusa: thagh an Tighearna do Dhia thu gu bhith ad shluagh àraidh dha fhèin, os cionn gach sluaigh a tha air aghaidh na talmhainn.
7
Cha do ghràdhaich an Tighearna sibh, cha mhò a thagh e sibh, a chionn gu robh sibh na bu lìonmhoire na sluagh sam bith eile; (oir is sibh a bu teirce de gach uile shluagh;)
8
Ach a chionn gun do ghràdhaich an Tighearna sibh, agus a‑chum gun gleidheadh e na mionnan a mhionnaich e dur n‑athraichean, thug an Tighearna a‑mach sibh le làimh chumhachdaich, agus shaor e thu à taigh nan tràillean, à làimh Phàraoh righ na h‑Eiphit.
9
Biodh fhios agad uime sin, an Tighearna do Dhia gur esan Dia, an Dia fìrinneach, a chumas coicheangal agus tròcair riùsan a ghràdhaicheas e, agus a ghleidheas a àitheantan, gu mìle ginealach;
10
Agus a dhìolas orrasan a dh’fhuathaicheas e, rin aodann, a‑chum an sgrios: cha dèan e moille da thaobh‐san aig a bheil fuath dha; dìolaidh e air ra aodann.
11
Gleidhidh tu uime sin na h‑àitheantan, agus na reachdan, agus na breitheanais, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh a dhèanamh.
12
Uime sin, ma dh’èisdeas sibh ris na breitheanais sin, agus ma choimheadas agus ma nì sibh iad, cumaidh an Tighearna do Dhia riutsa an coicheangal agus an tròcair a mhionnaich e dod athraichean.
13
Agus gràdhaichidh e thu, agus beannaichidh e thu, agus nì e lìonmhor thu: mar an ceudna beannaichidh e toradh do bhronn, agus toradh d’fhearainn, d’arbhar, agus d’fhìon, agus d’ola, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach, anns an fhearann a mhionnaich e dod athraichean a thabhairt dhut.
14
Bidh tu beannaichte os cionn gach sluaigh; cha bhi fireann no boireann neo‐thorrach nur measg, no am measg ur sprèidhe.
15
Agus bheir an Tighearna uat gach eucail, agus cha chuir e ort aon air bith de dhroch ghalaran na h‑Eiphit, as aithne dhut, ach cuiridh e iad orrasan uile leis am fuathach thu.
16
Agus sgriosaidh tu an sluagh sin uile a bheir an Tighearna do Dhia thairis dhut; cha ghabh do shùil truas riu: cha mhò a nì thu seirbhis dan diathan, oir bidh sin na ribe dhut.
17
Ma their thu ad chridhe, Is mò na cinnich sin na mise, cionnas as urrainn mise an cur à seilbh?
18
Cha bhi eagal ort romhpa; ach cuimhnichidh tu gu math ciod a rinn an Tighearna do Dhia ri Phàraoh, agus ris na h‑Eiphitich uile;
19
Na deuchainnean mòra a chunnaic do shùilean, agus na comharraidhean, agus na h‑iongantasan, agus an làmh chumhachdach, agus an gàirdean sìnte a‑mach, leis an tug an Tighearna do Dhia a‑mach thu: mar sin nì an Tighearna do Dhia ris an t‑sluagh uile ro a bheil eagal ort.
20
Os bàrr, cuiridh an Tighearna do Dhia a’ chonnspeach nam measg, gus am bi iadsan a dh’fhàgar, agus a dh’fhalaicheas iad fhèin od ghnùis, air an sgrios.
21
Cha bhi uamhann ort romhpa; oir tha an Tighearna do Dhia nur measg, Dia mòr agus uamhasach.
22
Agus cuiridh an Tighearna do Dhia a‑mach na cinnich sin romhad a lìon beagan is beagan: chan fhaod thu an sgrios a dh’aon bheum, air eagal gum fàs fiadh‐bheathaichean na machrach lìonmhor ort.
23
Ach bheir an Tighearna do Dhia iad thairis dhut, agus sgriosaidh e iad le sgrios mòr, gus an cuirear as dhaibh.
24
Agus bheir e an rìghrean thairis dod làimh, agus sgriosaidh tu an ainm o bhith fo nèamh: cha seas duine sam bith ad aghaidh, gus an cuir thu as dhaibh.
25
Dealbhan snaidhte an diathan loisgidh sibh le teine: cha mhiannaich thu an t‑airgead no an t‑òr a tha orra, cha mhò a ghabhas tu e dhut fhèin, air eagal gun ribear thu leis: oir is gràinealachd e don Tighearna do Dhia.
26
Cha mhò a bheir thu gràinealachd dod thaigh, air eagal gum bi thu ad nì mallaichte cosmhail ris: ach bheir thu fuath iomlan dha, agus gabhaidh tu gràin dheth gu tur, oir is nì mallaichte e.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34