bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Deuteronomy 30
Deuteronomy 30
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 31 →
1
Agus nuair a thig na nithean seo uile ort, am beannachadh agus am mallachadh, a chuir mise romhad, agus a chuimhnicheas tu orra am measg nan cinneach uile a‑chum an d’fhògair an Tighearna do Dhia thu,
2
Agus a thilleas tu a dh’ionnsaigh an Tighearna do Dhia, agus a bheir thu gèill da ghuth, a rèir nan uile nithean a tha mise ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, thu fhèin agus do chlann, led uile chridhe, agus led uile anam;
3
An sin bheir an Tighearna do Dhia air ais do bhraighdeanas, agus nì e iochd riut, agus tillidh e agus cruinnichidh e thu as na h‑uile chinnich a‑chum an do sgap an Tighearna do Dhia thu.
4
Ma dh’fhògradh neach agad gus a’ chuid as iomallaiche de nèamh, as a sin cruinnichidh an Tighearna do Dhia thu, agus as a sin bheir e thu:
5
Agus bheir an Tighearna do Dhia thu don fhearann a shealbhaich d’athraichean, agus sealbhaichidh tu e; agus nì e math dhut, agus bheir e ort fàs lìonmhor os cionn d’athraichean.
6
Agus timcheall‐ghearraidh an Tighearna do Dhia do chridhe, agus cridhe do shliochd, a ghràdhachadh an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, a‑chum gum bi thu beò.
7
Agus cuiridh an Tighearna do Dhia na mallachdan sin uile air do naimhdean, agus orrasan aig a bheil fuath dhut, a rinn geur‐leanmhainn ort.
8
Agus tillidh tu agus bheir thu gèill do ghuth an Tighearna, agus nì thu a àitheantan uile a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh.
9
Agus nì an Tighearna do Dhia pailt thu ann an uile obair do làimhe, ann an toradh do chuirp, agus ann an toradh do sprèidhe, agus ann an toradh d’fhearainn, a‑chum maith: oir nì an Tighearna a‑rìs gàirdeachas os do chionn a‑chum maith, mar a rinn e gàirdeachas os cionn d’athraichean;
10
Ma dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan, agus a reachdan, a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha seo, agus ma thilleas tu a‑chum an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam.
11
Oir an àithne seo a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, chan eil i am falach ort, cha mhò a tha i fada uat.
12
Chan eil i anns na nèamhan, air chor is gun abradh tu, Cò a thèid suas air ar son do na nèamhan, agus a bheir i dar n‑ionnsaigh, a‑chum is gun cluinn sinn i, agus gun dèan sinn i?
13
Cha mhò a tha i an taobh thall den fhairge, air chor is gun abradh tu, Cò a thèid a‑null air ar son thar an fhairge, agus a bheir i dar n‑ionnsaigh a‑chum gun cluinn sinn i, agus gun dèan sinn i?
14
Ach tha am facal ro‑fhagas dhut, ann ad bheul, agus ann ad chridhe, a‑chum gun dèan thu e.
15
Feuch, chuir mi romhad an‑diugh beatha agus math, agus bàs agus olc;
16
A mheud gu bheil mi ag àithneadh dhut an‑diugh an Tighearna do Dhia a ghràdhachadh, gluasad na shlighean, agus a àitheantan a ghleidheadh, agus a reachdan, agus a bhreitheanais, a‑chum gum bi thu beò, agus gum fàs thu lìonmhor agus gum beannaich an Tighearna do Dhia thu anns an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh.
17
Ach ma thionndaidheas do chridhe air falbh agus nach èisd thu, ach gun tàirngear air falbh thu, agus gun dèan thu adhradh do dhiathan eile, agus gun dèan thu seirbhis dhaibh;
18
Tha mi ag innse dhuibh air an là‑an‑diugh gun sgriosar gu cinnteach sibh, agus nach buanaich sibh ur làithean air an fhearann, da bheil thu a’ dol thar Iòrdan, gu gabhail a‑steach ga shealbhachadh.
19
Tha mi a’ gairm nan nèamh agus na talmhainn mar fhianaisean nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun do chuir mi beatha agus bàs fa ur comhair, beannachadh agus mallachadh: uime sin roghnaich beatha, a‑chum gum bi thu fhèin agus do shliochd beò:
20
A‑chum gun gràdhaich thu an Tighearna do Dhia, agus gun toir thu gèill da ghuth, agus gun lean thu ris; (oir is esan do bheatha, agus fad do làithean;) a‑chum gun gabh thu còmhnaidh anns an fhearann a mhionnaich an Tighearna dod athraichean, do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, gun tugadh e dhaibh.
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 31 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34