bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ecclesiastes 1
Ecclesiastes 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 2 →
1
Briathran an t‑Searmonaiche, mac Dhaibhidh, rìgh ann an Ierusalem.
2
Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche; dìomhanas nan dìomhanas! Is dìomhanas na h‑uile nithean.
3
Ciod an tairbhe a tha aig duine na uile shaothair a nì e fon ghrèin?
4
Tha aon ghinealach a’ siubhal, agus ginealach eile a’ teachd; ach fanaidh an talamh gu bràth.
5
Eiridh mar an ceudna a’ ghrian, agus thèid a’ ghrian fodha, agus luathaichidh i da h‑àite fhèin as an d’èirich i.
6
Thèid a’ ghaoth a làimh na h‑àird a deas, agus thèid i mun cuairt don àird a tuath; thèid i mun cuairt agus mun cuairt a‑ghnàth, agus ath‐thillidh a’ ghaoth air a cuairtean fhèin.
7
Ruithidh na h‑aibhnichean uile a‑chum na mara, gidheadh chan eil a’ mhuir làn: a‑chum an àite as an tàinig na h‑aibhnichean, thuige sin tillidh iad a‑rìs.
8
Tha na h‑uile nithean làn de shaothair; chan urrainn duine a chur an cèill: cha sàsaichear an t‑sùil le faicinn, agus cha lìonar a chluas le cluinntinn.
9
An nì a bha ann, is e an nì sin fhèin a bhitheas ann; agus an nì sin a rinneadh, is e an nì sin fhèin a nìthear; agus chan eil nì sam bith nuadh fon ghrèin.
10
A bheil nì ann mum faodar a ràdh, Feuch, tha e seo nuadh? Bha e ann cheana anns an t‑seann aimsir a bha ann romhainn.
11
Chan eil cuimhne air bith air na nithean a bha ann roimhe; cha mhò a bhios cuimhne air na nithean a tha ri teachd, acasan a thig nan dèidh.
12
Bha mise an Searmonaiche am rìgh air Israel ann an Ierusalem.
13
Agus thug mi mo chridhe a shireadh agus a rannsachadh le gliocas, mu thimcheall gach nì a nìthear fo nèamh: an t‑saothair ghoirt seo thug Dia do chloinn nan daoine, a‑chum an cleachdadh fhèin rithe.
14
Chunnaic mi na h‑uile obraichean fon ghrèin; agus, feuch, is dìomhanas iad uile, agus buaireadh spioraid.
15
An nì a tha cam, cha ghabh e dèanamh dìreach; agus an nì a tha a dh’easbhaidh, cha ghabh e àireamh.
16
Labhair mi rim chridhe fhèin, ag ràdh, Feuch, dh’fhàs mi mòr, agus fhuair mi tuilleadh gliocais na iadsan uile a bha romham ann an Ierusalem, agus chunnaic mo chridhe mòran gliocais agus eòlais.
17
Agus thug mi mo chridhe a dh’fhaotainn eòlais air gliocas, agus air cuthach agus amaideachd: dh’aithnich mi gur buaireadh spioraid e seo mar an ceudna.
18
Oir ann am mòran gliocais tha mòran doilgheis; agus an tì a mheudaicheas eòlas, meudaichidh e bròn.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12