bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ecclesiastes 4
Ecclesiastes 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 5 →
1
An sin thionndaidh mi, agus dh’amhairc mi air gach uile fhòirneart a nìthear fon ghrèin, agus, feuch, deòir na dream a bha fo fhòirneart, agus gun aon fhear‐comhfhurtachd aca! Agus air taobh an luchd‐fòirneart bha neart, ach cha robh fear‐comhfhurtachd acasan.
2
Uime sin mhol mi na mairbh a dh’eug cheana nas mò na na beòthan a tha beò fhathast.
3
Ach is fheàrr na iad le chèile an tì nach robh ann fhathast, nach faca an droch obair a nìthear fon ghrèin.
4
A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.
5
Fillidh an t‑amadan a làmhan ri chèile, agus ithidh e a fheòil fhèin.
6
Is fheàrr làn dùirn le suaimhneas, na an dà làimh làn le saothair agus buaireadh spioraid.
7
An sin thionndaidh mi, agus chunnaic mi dìomhanas fon ghrèin.
8
Tha duine ann leis fhèin, agus chan eil lethbhreac aige: seadh, chan eil leanabh no bràthair aige; gidheadh chan eil crìoch air a shaothair uile, agus cha sàsaichear a shùil le saoibhreas; cha mhò a their e, Cò airson a bheil mi a’ saothrachadh, agus a’ fàgail m’anama a dh’easbhaidh maith? Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus is saothair ghoirt e.
9
Is fheàrr dithis na aon duine, a chionn gu bheil deagh dhuais aca airson an saothrach.
10
Oir ma thuiteas duine dhiubh togaidh an duine eile suas a chompanach: ach mo thruaighe esan a tha na aonar nuair a thuiteas e; oir chan eil neach eile aige ga thogail suas.
11
Mar an ceudna ma laigheas dithis cuideachd, bidh iad blàth: ach cionnas a bhios aon blàth leis fhèin?
12
Agus ma bhuadhaicheas aon air, seasaidh dithis na aghaidh; agus cha bhrisear còrd thrì dual gu h‑obann.
13
Is fheàrr leanabh bochd agus glic na rìgh sean agus amaideach, nach gabh comhairle nas mò.
14
Oir à prìosan thig e a rìoghachadh; an tì mar an ceudna a rugadh na rìoghachd, fàsaidh e bochd.
15
Thug mi an aire do na h‑uile bheòthan a shiùbhlas fon ghrèin, maille ris an dara leanabh a sheasas suas na àite.
16
Chan eil crìoch air an t‑sluagh uile, orrasan uile a bha romhpa: cha dèan iadsan mar an ceudna a thig nan dèidh gàirdeachas ann. Gu cinnteach is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12