bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ecclesiastes 2
Ecclesiastes 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 3 →
1
Thubhairt mi am chridhe, Teann a‑nis, dearbhaidh mi thu le subhachas; uime sin meal math: ach, feuch, is dìomhanas seo mar an ceudna.
2
Mu ghàire thubhairt mi, Is cuthach e; agus mu shùgradh, Ciod a nì e?
3
Dh’iarr mi ann am chridhe mi fhèin a thabhairt do fhìon (gidheadh a’ seòladh mo chridhe ann an gliocas), agus greim a ghabhail air amaideachd, gus am faicinn ciod e am math sin do chloinn nan daoine, a bu chòir dhaibh a dhèanamh fo nèamh air feadh uile làithean am beatha.
4
Rinn mi obraichean mòra dhomh fhèin: thog mi dhomh fhèin taighean; shuidhich mi dhomh fhèin fìonliosan:
5
Rinn mi dhomh fhèin gàrraidhean agus liosan chrann‐meas, agus shuidhich mi annta craobhan de gach gnè thoraidh;
6
Rinn mi dhomh fhèin lochain uisge, a dh’uisgeachadh leo na coille anns am fàs craobhan:
7
Fhuair mi òglaich agus banoglaich, agus rugadh seirbhisich am thaigh: bha mar an ceudna sealbh mòr bhuar agus threud agam, os cionn nan uile a bha romham ann an Ierusalem:
8
Chàrn mi suas mar an ceudna dhomh fhèin airgead agus òr, agus ionmhas sònraichte nan rìgh agus nam mòr‐roinn; fhuair mi dhomh fhèin fir‐chiùil agus mnathan‐ciùil, agus aoibhneasan clann nan daoine, mar a tha innealan‐ciùil, agus sin de gach gnè.
9
Mar sin bha mi mòr, agus dh’fhàs mi nas mò na gach duine a bha romham ann an Ierusalem: os bàrr, dh’fhan mo ghliocas agam.
10
Agus gach nì a mhiannaich mo shùilean cha do chùm mi uapa; cha do bhac mi mo chridhe o shubhachas sam bith: oir rinn mo chridhe aoibhneas ann am shaothair uile; agus b’e seo mo chuibhreann dem uile shaothair.
11
An sin sheall mi air m’obraichean uile a rinn mo làmhan, agus air an t‑saothair anns an do shaothraich mi ga dèanamh; agus, feuch, bu dìomhanas an t‑iomlan, agus buaireadh spioraid, agus cha robh tairbhe ann fon ghrèin.
12
Agus sheall mi air m’ais a dh’fhaicinn gliocais, agus cuthaich, agus amaideachd: oir ciod a dh’fhaodas an duine a dhèanamh a thig an dèidh an rìgh? An nì sin fhèin a rinneadh cheana.
13
Agus chunnaic mi gu bheil gliocas cho fad os cionn amaideachd is a tha solas os cionn dorchadais.
14
Tha sùilean an duine ghlic na cheann; ach imichidh an t‑amadan ann an dorchadas: gidheadh dh’aithnich mi mar an ceudna gun tachradh an t‑aon nì dhaibh uile.
15
An sin thubhairt mi am chridhe, Mar a thachras don amadan, mar sin tachraidh dhòmhsa fhèin; agus carson uime sin a bha mise na bu ghlice na esan? An sin thubhairt mi am chridhe gur dìomhanas seo mar an ceudna.
16
Oir cha bhi cuimhne air an duine ghlic nas mò na air an amadan gu bràth; o dhìochuimhnichear na nithean a tha a‑nis ann uile anns na làithean a tha ri teachd: agus cionnas a dh’eugas an duine glic? Mar an t‑amadan.
17
Uime sin dh’fhuathaich mi beatha, a chionn gur doilgheasach dhomh an obair a dh’obraichear fon ghrèin: oir is dìomhanas na h‑uile nithean agus buaireadh spioraid.
18
Seadh, dh’fhuathaich mi mo shaothair uile a shaothraich mi fon ghrèin, a chionn gum fàg mi i don fhear a bhios am dhèidh.
19
Agus cò aig a bheil fhios co‑dhiù a bhios e na dhuine glic no na amadan? Gidheadh bidh uachdaranachd aige os cionn mo shaothrach uile anns an do shaothraich mi, agus anns an d’fhuaireadh mi gu glic fon ghrèin. Is dìomhanas seo mar an ceudna.
20
Air an adhbhar sin thionndaidh mi a thoirt air mo chridhe dol an eu‑dòchas mun uile shaothair a shaothraich mi fon ghrèin.
21
Oir tha duine ann aig a bheil a shaothair ann an gliocas, agus an eòlas, agus an ceartas; gidheadh do dhuine nach do shaothraich ann bheir e e mar a chuibhreann. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus olc mòr.
22
Oir ciod a tha aig duine de a uile shaothair, agus de bhuaireadh a chridhe, anns an do shaothraich e fon ghrèin?
23
Oir is doilgheasan a làithean uile, agus is do‑bhròn a shaothair: eadhon anns an oidhche cha ghabh a chridhe fois. Is dìomhanas seo mar an ceudna. Seo mar an ceudna chunnaic mi, gur ann o làimh Dhè a tha e.
24
Chan eil nì ann as fheàrr do dhuine na gun itheadh agus gun òladh e, agus gun tugadh e air a anam math a mhealtainn na shaothair.
25
Oir cò as urrainn ithe, no cò eile a luathaicheas thuige nas mò na mise?
26
Oir don duine a tha math na shealladh, bheir Dia gliocas, agus eòlas, agus aoibhneas: ach don pheacach bheir e saothair, a chruinneachadh agus a chàrnadh suas, a‑chum gun tabhair e don tì a tha math ann am fianais Dhè. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12