bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ecclesiastes 5
Ecclesiastes 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 6 →
1
Coimhead do chas nuair a thèid thu do thaigh Dhè, agus bi nas deise gu cluinntinn na gu ìobairt nan amadan a thabhairt; oir chan eil iad sin a’ toirt an aire gu bheil iad a’ dèanamh uilc.
2
Na bi bras led bheul, agus na luathaicheadh do chridhe gu nì a labhairt an làthair Dhè: oir tha Dia air nèamh, agus thusa air thalamh: uime sin biodh do bhriathran tearc.
3
Oir thig aisling le iomadalachd ghnothaichean, agus aithnichear guth amadain le iomadalachd bhriathar.
4
Nuair a bhòidicheas tu bòid do Dhia, na cuir dàil na dìoladh; oir chan eil tlachd aige ann an amadain: an nì a bhòidicheas tu, dìol e.
5
Is fheàrr gun thu a bhòideachadh, na gum bòidicheadh tu, agus nach dìoladh tu.
6
Na leig led bheul a thoirt air d’fheòil peacachadh; agus na abair an làthair an aingil gum bu mhearachd e; cuim am biodh fearg air Dia airson do ghutha‑sa, agus an sgriosadh e obair do làmh?
7
Oir mar ann an iomadalachd nan aisling a bhios dìomhanais, is amhail a bhios iad ann an iomadalachd nam briathar: ach biodh eagal Dhè ortsa.
8
Ma chì thu fòirneart an duine bhochd, agus fiaradh breitheanais agus ceartais le làimh làidir ann am mòr‐roinn, na biodh ioghnadh ort ris an nì seo: oir bheir an tì as àirde na an neach a tha àrd acasan an aire, agus tha iad ann as àirde na iadsan.
9
A‑nis tha tairbhe na talmhainn airson nan uile: riaraichear an rìgh fhèin as an fhearann.
10
An tì a ghràdhaicheas airgead, cha sàsaichear e le airgead; no an tì a ghràdhaicheas pailteas, le toradh: is dìomhanas seo mar an ceudna.
11
Nuair a mheudaichear nithean matha, meudaichear iad a dh’itheas iad; agus ciod an tairbhe a tha annta dan sealbhadairean ach am faicinn len sùilean?
12
Tha cadal obraiche milis, co‑dhiù a dh’itheas e beagan no mòran: ach chan fhuiling sàsachd an t‑saoibhir dha cadal.
13
Tha olc cràiteach ann a chunnaic mi fon ghrèin, saoibhreas air a ghleidheadh da shealbhadair a‑chum an aimhleis.
14
Ach thèid as don t‑saoibhreas sin le droch shaothair: agus ginidh e mac, agus cha bhi nì air bith na làimh.
15
Mar a thàinig e a‑mach lomnochd à broinn a mhàthar, ath‐thillidh e, a’ dol mar a thàinig e; agus cha ghiùlan e nì air bith de a shaothair a bheir e leis na làimh.
16
Is olc cràiteach seo mar an ceudna, air gach uile chor air an tàinig e, mar sin gun tèid e: agus ciod an tairbhe a tha aigesan a shaothraich don ghaoith?
17
Mar an ceudna rè a làithean uile ithidh e ann an dorchadas, agus bidh mòran doilgheis agus feirge aige na thinneas.
18
Feuch, an nì a chunnaic mise math, gur tlachdmhor do dhuine ithe agus òl, agus math a mhealtainn na uile shaothair a ghabh e fon ghrèin, air feadh uile làithean a bheatha a bheir Dia dha; oir is e sin a chuibhreann.
19
Gach duine mar an ceudna don tug Dia beartas agus saoibhreas, agus don tug e comas ithe dhiubh, agus a chuibhreann a ghlacadh, agus gàirdeachas a dhèanamh na shaothair; is e seo tìodhlac Dhè.
20
Oir cha mhòr a chuimhnicheas e làithean a bheatha; a chionn gum freagair Dia e ann an aoibhneas a chridhe.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12