bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Joshua 14
Joshua 14
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 15 →
1
Agus is iad seo na dùthchannan a fhuair clann Israeil mar oighreachd ann an tìr Chanàain, a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn‐fheadhna athraichean treubhan chloinn Israeil mar oighreachd dhaibh.
2
Le crannchur bha an oighreachd, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, do na naoi treubhan agus an leth‐threubh.
3
Oir bha Maois air tabhairt oighreachd do dhà threubh, agus do leth‐threubh, air an taobh eile de Iòrdan: ach do na Lèbhithich cha tug e oighreachd sam bith nam measg.
4
Oir bha clann Iòseiph nan dà threubh, Manaseh agus Ephraim: uime sin cha tug iad roinn sam bith do na Lèbhithich anns an fhearann, saor o bhailtean gu còmhnaidh a ghabhail annta, maille rim fearann co‑roinn dan sprèidh, agus dam maoin.
5
Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil, agus roinn iad am fearann.
6
An sin thàinig clann Iùdah gu Iosua ann an Gilgal; agus thubhairt Càleb mac Iephuneh an Ceniseach ris, Tha fhios agad air an nì a thubhairt an Tighearna ri Maois, òglach Dhè, am thaobh‐sa, agus ad thaobh fhèin, ann an Cadeis‐barnea.
7
Dà‑fhichead bliadhna a dh’aois bha mise nuair a chuir Maois, òglach Dhè, mi o Chadeis‐barnea, a rannsachadh a‑mach an fhearainn; agus thug mi air ais fios da ionnsaigh, mar a bha e ann am chridhe.
8
Gidheadh, thug mo bhràithrean, a chaidh suas maille rium, air cridhe an t‑sluaigh leaghadh: ach lean mise gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia.
9
Agus mhionnaich Maois air an là sin, ag ràdh, Gu cinnteach bidh am fearann, air an do shaltair do chas, agad fhèin mar oighreachd, agus aig do chloinn gu bràth; a chionn gun do lean thu gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia.
10
Agus a‑nis, feuch, ghlèidh an Tighearna mi beò, mar a thubhairt e, na còig agus an dà‑fhichead bliadhna seo, eadhon o labhair an Tighearna am facal seo ri Maois, am feadh a dh’imich clann Israeil anns an fhàsach; agus a‑nis, feuch, tha mi an‑diugh ceithir‐fichead agus còig bliadhna a dh’aois.
11
Fhathast tha mi cho làidir an‑diugh is a bha mi anns an là anns an do chuir Maois uaithe mi: mar a bha mo neart an sin, mar sin tha mo neart a‑nis, a‑chum cogaidh, agus a dhol a‑mach, agus a theachd a‑steach.
12
A‑nis uime sin thoir dhomh a’ bheinn seo, mun do labhair an Tighearna anns an là ud; (oir chuala tu anns an là ud cionnas a bha na h‑Anacaich an sin, agus gu robh na bailtean mòr agus daingnichte;) ma thàrlas gum bi an Tighearna leam, an sin fògraidh mi a‑mach iad, mar a thubhairt an Tighearna.
13
Agus bheannaich Iosua e, agus thug e do Chàleb mac Iephuneh Hebron mar oighreachd.
14
Rinneadh uime sin Hebron na oighreachd do Chàleb mac Iephuneh, an Ceniseach, gus an là‑an‑diugh, a chionn gun do lean e gu h‑iomlan an Tighearna Dia Israeil.
15
Agus b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat‐arba; bha an t‑Arba seo na dhuine mòr am measg nan Anacach. Agus bha fois aig an tìr o chogadh.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24