bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Joshua 16
Joshua 16
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 17 →
1
Agus chaidh crannchur chloinn Iòseiph a‑mach o Iòrdan làimh ri Iericho gu uisgeachan Iericho air an làimh an ear, a dh’ionnsaigh an fhàsaich a’ dol suas o Iericho gu sliabh Bheteil,
2
Agus tha e a’ dol a‑mach o Bhetel gu Luds, agus a’ gabhail seachad gu crìochan Archi gu Atarot,
3
Agus a’ gabhail sìos a làimh na h‑àird an iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet‐horoin ìochdaraich, agus gu Gèser: agus tha a dhol a‑mach aig an fhairge.
4
Mar sin ghabh clann Iòseiph, Manaseh, agus Ephraim, an oighreachd.
5
Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean, mar seo: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot‐adar, gu Bet‐horon uachdarach:
6
Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach a dh’ionnsaigh na fairge, gu Michmetah air an taobh mu thuath; agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt a làimh na h‑àird an ear gu Taanot‐siloh, agus ghabh i seachad air an taobh an ear gu Ianohah:
7
Agus chaidh i sìos o Ianohah gu Atarot, agus gu Naarat, agus thàinig i gu Iericho, agus chaidh i a‑mach aig Iòrdan.
8
Chaidh a’ chrìoch a‑mach o Thapuah a làimh na h‑àird an iar gu sruth Chanah; agus bha a dol a‑mach aig an fhairge. B’i sin oighreachd treubh chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean.
9
Agus bha na bailtean mòra a chuireadh air leth do chloinn Ephraim, am measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na bailtean mòra uile lem bailtean beaga.
10
Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24