bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Joshua 15
Joshua 15
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 16 →
1
B’e seo uime sin crannchur treubh chloinn Iùdah a rèir an teaghlaichean, eadhon gu crìch Edoim, gu fàsach Shin ri deas on chuid as fhaide a‑mach den iomall dheas.
2
Agus bha an crìoch mu dheas o thràigh na mara salainn, on lùib a tha ag amharc ri deas.
3
Agus chaidh i a‑mach a dh’ionnsaigh an taoibh mu dheas gu uchdaich Acrabim, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Sin, agus chaidh i suas air an taobh mu dheas gu Cadeis‐barnea, agus chaidh i air a h‑aghaidh gu Hesron, agus chaidh i suas gu Adar, agus ghabh i mun cuairt gu Carcaa.
4
Uaithe sin ghabh i a dh’ionnsaigh Asmoin, agus chaidh i a‑mach gu Abhainn na h‑Eiphit, agus bha dol a‑mach na crìche sin aig a’ mhuir: bidh seo agaibh na crìch mu dheas.
5
Agus b’i a’ chrìoch an ear a’ mhuir shalainn, eadhon gu ceann Iòrdain: agus bha a’ chrìoch air an taobh mu thuath o lùib na mara, aig a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Iòrdan.
6
Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Beth‐oglah, agus ghabh i air a h‑aghaidh air an taobh mu thuath de Bhet‐arabah; agus chaidh a’ chrìoch suas gu cloich Bhohain mhic Reubein.
7
Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Debir o ghleann Achoir, agus ri tuath ag amharc ri Gilgal, a tha fa chomhair uchdach Aduimim, a tha air taobh deas na h‑aibhne; agus chaidh a’ chrìoch thairis gu uisgeachan En‑semeis, agus bha a’ dol a‑mach aig En‑rogel.
8
Agus chaidh a’ chrìoch suas gu gleann mac Hinoim, gu taobh deas an Iebusaich; (is e sin Ierusalem:) agus chaidh a’ chrìoch suas gu mullach na beinne, a tha ro ghleann Hinoim, air an làimh an iar, a tha aig ceann gleann nam famhairean ri tuath.
9
Agus thàirngeadh a’ chrìoch o mhullach an t‑slèibh gu tobar uisge Nephtoah, agus chaidh i a‑mach gu bailtean sliabh Ephroin, agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Bàalah; (is e sin Ciriat‐iearim.)
10
Agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt o Bhàalah air an làimh an iar gu sliabh Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh sliabh Iearim (is e sin Chesalon), air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet‐semes, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Timnah:
11
Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach gu taobh Ecroin ri tuath; agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis air sliabh Bhàalah, agus chaidh i a‑mach gu Iabneel: agus bha dol a‑mach na crìche aig a’ mhuir.
12
Agus bha a’ chrìoch an iar gus an fhairge mhòir agus a h‑oirthir: b’i sin crìoch chloinn Iùdah mun cuairt, a rèir an teaghlaichean.
13
Agus do Chàleb mac Iephuneh, thug e roinn am measg chloinn Iùdah, a rèir àithne an Tighearna do Iosua, eadhon baile Arbah, athair Anaic: (is e sin Hebron).
14
Agus dh’fhògair Càleb a‑mach as a sin triùir mhac Anaic, Sesai, agus Ahiman, agus Talmai, clann Anaic.
15
Agus chaidh e suas o sin gu luchd‐àiteachaidh Dhebir: agus b’e ainm Dhebir roimhe Ciriat‐sepher.
16
Agus thubhairt Càleb, Esan a bhuaileas Ciriat‐sepher, agus a ghlacas e, dhàsan bheir mi Achsah mo nighean na mnaoi.
17
Agus ghlac Otniel, mac Chenais, bràthair Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi.
18
Agus thàrladh, nuair a thàinig i da ionnsaigh, gun do bhrosnaich i e gu achadh iarraidh air a h‑athair: agus theirinn i bhàrr a h‑asail, agus thubhairt Càleb rithe, Ciod a b’àill leat?
19
Agus fhreagair ise, Thoir dhomh beannachadh; oir thug thu dhomh fearann mu dheas, thoir dhomh mar an ceudna tobraichean uisge; agus thug e dhi na tobraichean uachdarach, agus na tobraichean ìochdarach.
20
B’i sin oighreachd treubh chloinn Iùdah, a rèir an teaghlaichean.
21
Agus b’iad na bailtean a b’fhaide a‑mach, le treubh chloinn Iùdah, leth ri crìch Edoim mu dheas, Cabseel, agus Eder, agus Iagur,
22
Agus Cinah, agus Dimonah, agus Adsadah,
23
Agus Cedes, agus Hasor, agus Itnan,
24
Siph, agus Telem, agus Bealot,
25
Agus Hasor, Hadatah, agus Ceriot, agus Hesron (is e sin Hasor),
26
Amam, agus Sema, agus Moladah,
27
Agus Hsaar‐gadah, agus Hesmon, agus Bet‐palet,
28
Agus Hasar‐sual, agus Beer‐sèba, agus Bis‐iotiah,
29
Bàalah, agus Iim, agus Asem,
30
Agus Eltolad, agus Chesil, agus Hormah,
31
Agus Siclag, agus Madmanah, agus Sansanah,
32
Agus Lebaot, agus Silhim, agus Ain, agus Rimon: b’iad na mòr‐bhailtean uile naoi‐ar‑fhichead, maille rim bailtean beaga.
33
Agus anns a’ chòmhnard, Estaol, agus Soreah, agus Asnah,
34
Agus Sanòah, agus Enganim, Tapuah, agus Enam,
35
Iarmut, agus Adulam, Sochoh, agus Asecah,
36
Agus Sàraim, agus Aditaim, agus Gederah, agus Gederotaim; ceithir mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga.
37
Senan, agus Hadasah, agus Migdal‐gad,
38
Agus Dilean, agus Mispeh, agus Iocteel,
39
Lachis, agus Boscat, agus Eglon,
40
Agus Cabon, agus Lahmas, agus Citlis,
41
Agus Gederot, Bet‐dagon, agus Nàamah, agus Macedah: sia mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga.
42
Libnah, agus Eter, agus Asan,
43
Agus Iiphtah, agus Asnah, agus Nesib,
44
Agus Ceilah, agus Achsib, agus Maresah: naoi bailtean mòra lem bailtean beaga.
45
Ecron le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga.
46
O Ecron, eadhon gus an fhairge, iadsan uile a bha làimh ri Asdod, lem bailtean beaga.
47
Asdod le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, Gàsah le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, gu abhainn na h‑Eiphit, agus an fhairge mhòir, eadhon a crìch.
48
Agus anns na beanntan, Samir, agus Iatir, agus Socoh,
49
Agus Danah, agus Ciriat‐sanah, eadhon Debir,
50
Agus Anab, agus Estemoh, agus Anim,
51
Agus Gòsen, agus Holon, agus Giloh: aon mhòr‐bhaile deug lem bailtean beaga.
52
Arab, agus Dumah, agus Esean,
53
Agus Ianum, agus Bet‐tapuah, agus Aphecah,
54
Agus Humtah, agus Ciriat‐arbah (is e sin Hebron), agus Sior; naoi bailtean mòra lem bailtean beaga.
55
Maon, Carmel, agus Siph, agus Iutah,
56
Agus Iesreel, agus Iocdeam, agus Sanòah,
57
Càin, Gibeah, agus Timnah: deich bailtean mòra lem bailtean beaga.
58
Halhul, Bet‐sur, agus Gedor,
59
Agus Maarat, agus Betanot, agus Eltecon: sia bailtean mòra lem bailtean beaga.
60
Ciriat‐bàal (is e sin Ciriat‐iearim), agus Rabah: dà bhaile mhòr lem bailtean beaga.
61
Anns an fhàsach, Bet‐arabah, Midin, agus Secacah,
62
Agus Nibsan, agus baile an t‑salainn, agus En‑gedi: sia bailtean mòra lem bailtean beaga.
63
A‑thaobh nan Iebusach, luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 16 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24