bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Joshua 20
Joshua 20
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 21 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh,
2
Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Sònraichibh dhuibh fhèin bailtean dìdein, mun do labhair mi ribh le làimh Mhaois;
3
A‑chum gun teich am marbhaiche, a mharbhas neach ann an aineolas agus gun fhios dha, an sin: agus bidh iad nan dìdein dhuibh o dhìoghaltair na fala.
4
Agus nuair a sheasas esan a theicheas a dh’ionnsaigh aon de na bailtean sin, aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus a chuireas e a chùis an cèill ann an cluasan seanairean a’ bhaile sin, gabhaidh iad a‑steach e don bhaile dan ionnsaigh, agus bheir iad àite dha a‑chum gun gabh e còmhnaidh nam measg.
5
Agus nuair a thèid dìoghaltair na fala an tòir air, an sin cha toir iad suas am marbhaiche da làimh; a chionn gun do bhuail e a choimhearsnach gun fhios dha, agus gun fhuath aige dha anns an aimsir roimhe sin.
6
Agus gabhaidh e còmhnaidh anns a’ bhaile sin, gus an seas e an làthair a’ cho‐chruinneachaidh a‑chum breitheanais, agus gu bàs an àrd‐shagairt a bhios ann anns na làithean sin: an sin tillidh am marbhaiche, agus thig e da bhaile fhèin, agus da thaigh fhèin, don bhaile on do theich e.
7
Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat‐arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.
8
Agus air taobh eile Iòrdain, làimh ri Iericho air an làimh an ear, shònraich iad Beser anns an fhàsach air a’ chòmhnard à treubh Reubein, agus Ramot ann an Gilead à treubh Ghad, agus Golan ann am Basan à treubh Mhanaseh.
9
B’iad sin na bailtean a shònraicheadh airson chloinn Israeil uile, agus airson a’ choigrich a tha air chuairt nam measg, a‑chum ge bè a mharbhadh neach ann an aineolas, gun teicheadh e an sin, agus nach bàsaicheadh e le làimh dìoghaltair na fala, gus an seasadh e an làthair a’ cho‐chruinneachaidh.
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 21 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24