bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Song of Solomon 1
Song of Solomon 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 2 →
1
Dàn nan dàn, dàn Sholaimh.
2
Pògadh e mi le pògan a bheòil; oir is math do ghràdh seach fìon.
3
Airson fàile cùbhraidh is math d’ola‑ungaidh‐sa: is ola‑ungaidh air a dòrtadh d’ainm; uime sin ghràdhaich na h‑òighean thu.
4
Tarraing mi. Ad dhèidh ruithidh sinn. Da sheòmraichean threòraich an Rìgh mi. Nì sinn luathghaire agus bidh aoibhneas oirnn annadsa: cuiridh sinn an cuimhne do ghràdh nas mò na fìon: ghràdhaich na fìreanan thu.
5
Dubh tha mi, ach sgiamhach, O a nigheanan Ierusaleim, mar bhùthan Chedair, mar chùirteanan rìomhach Sholaimh.
6
Na biodh umhail agaibh ged tha mi dorcha, a chionn gun d’amhairc a’ ghrian orm: bha mic mo mhàthar am feirg rium; rinn iad coimheadaiche nam fìonlios dhìom: am fìonlios a bu leam fhèin cha do choimhead mi.
7
Innis dhomh, O thusa da bheil gràdh aig m’anam, càit an ionaltair thu do threudan, càit an toir thu orra laighe sìos mu mheadhon‐là; oir carson a bhithinn mar aon air faondradh am measg treudan do chompanach?
8
Mura bheil fhios agad, O thusa as àillidh am measg bhan, imich a‑mach air luirg an treud, agus ionaltair do mhinn làimh ri bùthan nan aodhairean.
9
Ri eich ann an carbadan Phàraoh samhlaicheam thu, a bhean mo ghaoil.
10
Is àillidh do ghruaidhean le sreathan sheud, do mhuineal le slabhraidhean.
11
Sreathan òir nì sinn dhut, le ballachan airgid.
12
Am feadh a tha an Rìgh aig a fhleadh tha mo spiocnard a’ sgaoileadh a fhàile cùbhraidh.
13
Is ceanglachan mirr mo ghràdh dhòmhsa; eadar mo chìochan laighidh e rè na h‑oidhche.
14
Tha mo ghràdh dhòmhsa mar bhasgaid den chrann‐champhir ann am fìonliosan En‑gedi.
15
Feuch, tha thu àillidh, a bhean mo ghaoil; feuch, tha thu àillidh; tha sùilean chalaman agad.
16
Feuch, tha thu àillidh, fhir mo ghràidh, agus taitneach, agus tha ar n‑uirigh uaine.
17
Is croinn sheudair sailthean ar taighe, croinn‐ghiuthais ar ceann‐fhiodh.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8