bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Song of Solomon 4
Song of Solomon 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 5 →
1
Feuch, is àillidh thu, a bhean mo ghaoil; feuch, is àillidh thu! Tha sùilean chalaman agad an taobh a‑staigh ded chiabhan: tha d’fhalt mar threud ghobhar a nochdar o shliabh Ghilead.
2
Is cosmhail do dheud ris an treud lomarta, a thàinig a‑nìos on àite‐nighidh, a bheireas gach aon dhiubh càraid, agus gun aon chaora sheasg nam measg.
3
Mar shnàthainn dearg air a dhath dà uair tha do bhilean, agus tha do chainnt binn: mar mhìr de phomgranat tha do chamagan am meadhon do chiabh.
4
Tha do mhuineal mar thùr Dhaibhidh, air a chur suas gu bhith na thaigh‐arm: tha mìle targaid crochte suas ris, uile sgiathan nan treun‐fhear.
5
Tha do dhà chìch mar dhà mheann earba, càraid na maoislich, a dh’ionaltras am measg nan lilidh.
6
Gus am bris an là, agus an teich na sgàilean, thèid mi gu beinn a’ mhirr, agus gu tulach na tùise.
7
Tha thu uile àillidh, a bhean mo ghaoil, agus smal chan eil annad.
8
Leamsa o Lebanon, a chèile, leamsa thig o Lebanon: seall o mhullach Amana, o mhullach Shenir agus Hermoin, o àitean‐tàimh nan leòmhann, o bheanntan nan liopard.
9
Dh’èignich thu mo chridhe, a phiuthar, a chèile; dh’èignich thu mo chridhe le aon ded shùilean, le aon slabhraidh mud mhuineal.
10
Cia taitneach a tha do ghràdh, a phiuthar, a chèile! Cia mòr as fheàrr na fìon do ghràdh, agus fàile d’ola‑ungaidh na na h‑uile spìosraidh!
11
Mar a’ chìr‐mheala silidh do bhilean, a chèile: tha mil agus bainne fo do theangaidh; agus tha fàile do thrusgain mar fhàile cùbhraidh Lebanoin.
12
Is lios glaiste thu, a phiuthar, a chèile; fuaran dùinte, tobar air a sheulachadh.
13
Tha do gheugan mar lios phomgranat, leis a’ mheas as taitniche; le croinn champhir maille ri preasan spiocnaird:
14
Spiocnard agus cròch; cuilc mhilis agus canal, leis na h‑uile chraobhan tùise; mirr agus alo, maille ris na spìosraidh as taghte;
15
Fuaran lios, tobar uisgeachan beò, agus a’ sruthadh o Lebanon.
16
Eirich, a ghaoth tuath, agus thig a ghaoth a deas, sèid air feadh mo liosa, rachadh fàile cùbhraidh a spìosraidh a‑mach. Thigeadh m’annsachd da lios, agus itheadh e a thoradh taitneach.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8