bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Song of Solomon 3
Song of Solomon 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 4 →
1
Air mo leabaidh anns an oidhche dh’iarr mi an tì da bheil gràdh aig m’anam: dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e.
2
Eiridh mi a‑nis, agus thèid mi mun cuairt anns a’ chathair, anns na sràidean agus anns na slighean farsaing iarraidh mi esan da bheil gràdh aig m’anam: dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e.
3
Thachair orm an luchd‐faire a’ dol mun cuairt anns a’ chathair: Am faca sibh an tì da bheil gràdh aig m’anam?
4
Cha deachaidh mi ach beagan air m’aghaidh uapa, nuair a fhuair mi esan da bheil gràdh aig m’anam; rinn mi greim air, agus cha leiginn as e, gus an tug mi e do thaigh mo mhàthar, agus da seòmar‐se a rug mi.
5
Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, air earban agus air èildean na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh, gus an àill leis fhèin.
6
Cò ise a tha ag èirigh suas as an fhàsach mar stuaghan deataich, cùbhraidh le mirr agus tùis, le uile mhìn‐dhus ceannaiche nan spìosraidh?
7
Feuch, uirigh Sholaimh! Trì‐fichead treun‐fhear ma timcheall de threun‐fhir Israeil.
8
Fir‐chlaidheimh uile, cleachdte ann an cogadh; gach fear le a chlaidheamh air a leis, an aghaidh gàbhadh na h‑oidhche.
9
Rinn Solamh an Rìgh leabaidh‐phòsaidh dha fhèin de chroinn Lebanoin.
10
A puist dhealbh e de airgead, a h‑ìochdar de òr, a còmhdach de chorcar; bha a meadhon air obrachadh le samhlaidhean gràidh le nigheanan Ierusaleim.
11
Rachaibh a‑mach, a nigheanan Shioin, agus faicibh Rìgh Solamh leis a’ chrùn leis an do chrùn a mhàthair e air là a phòsaidh, agus air là subhachas a chridhe.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8