bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Song of Solomon 2
Song of Solomon 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 3 →
1
Is ròs o Shàron mise, lilidh nan gleann.
2
Mar lilidh am measg droighnich is amhail mo ghràdh‐sa am measg nan nighean.
3
Mar chrann‐ubhall am measg croinn na coille, is amhail mo rùn‐sa am measg nan òganach; fo a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas.
4
Threòraich e mi do thaigh an fhìona, agus b’i a bhratach tharam an gràdh.
5
Cumaibh suas mi le cùirn, sgapaibh ùbhlan mum thimcheall, oir tha mi tinn le gràdh.
6
Tha a làmh chlì fom cheann, agus a làmh dheas timcheall orm.
7
Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, air earban agus air èildean na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh, gus an àill leis fhèin.
8
Guth mo ghràidh! Feuch, tha e a’ teachd, a’ leumnaich air na beanntan, a’ toirt sithidh air na tulaichean.
9
Is cosmhail mo ghràdh ri earba no ri laogh fèidh: feuch, tha e na sheasamh air cùl ar balla, a’ sealltainn a‑mach air na h‑uinneagan, ga nochdadh fhèin tron chlèith.
10
Fhreagair mo ghràdh, agus thubhairt e rium, Eirich, a bhean mo ghaoil, m’aon sgiamhach, thig leam:
11
Oir feuch, tha an geamhradh seachad, tha an t‑uisge thairis, dh’imich e roimhe.
12
Chìthear na blàthan air an talamh, tha àm seinn nan eun air teachd, agus cluinnear guth an turtair nar tìr.
13
Tha an crann‐fìge a’ cur a‑mach a fhìgean glasa, agus tha dearcan maotha a’ chroinn‐fhìona a’ toirt fàile cùbhraidh uapa: èirich, a bhean mo ghaoil, m’aon sgiamhach, agus thig leam.
14
Mo chalaman, a tha ann an sgoltaidhean na creige, ann an ionad‐diamhair a’ bhruthaich, leig dhomh amharc ort, leig leam do ghuth a chluinntinn, oir tha do ghuth binn, agus d’aogas maiseach.
15
Glacaibh dhuinn na sionnaich, na sionnaich bheaga, a mhilleas na croinn‐fhìona, agus dearcan òga ar crann‐fìona.
16
Is leamsa mo ghràdh, agus is leis‐san mise: tha e ag ionaltradh am measg nan lilidh.
17
Gus am bris an là, agus an teich na sgàilean, till; bi cosmhail ri earb, a ghràidh, no ri laogh fèidh air beanntan Bheteir.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8