bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
1 Corinthians 11
1 Corinthians 11
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 12 →
1
Bithibh nur luchd‑leanmhainn ormsa mar a tha mise air Crìosd.
2
A‑nis tha mi gur moladh air sgàth 's gu bheil cuimhne agaibh ormsa sa h‑uile sìon agus gu bheil sibh a' cumail nan teagasgan dìreach mar a thug mise dhuibh iad.
3
Ach tha mi ag iarraidh gun tuig sibh gur e ceann a h‑uile fir Crìosd, agus gur e ceann na mnà an duine, agus gur e ceann Chrìosd Dia.
4
Gach fear a tha ag ùrnaigh no a' fàidheadaireachd le a cheann còmhdaichte, tha e a' toirt eas‑urram dha cheann.
5
Ach a h‑uile boireannach a tha ag ùrnaigh no a' fàidheadaireachd gun chòmhdach air a ceann, tha i a' toirt eas‑urram dha ceann — oir tha sin co‑ionnan ri gum biodh i air a bearradh.
6
Oir mura còmhdaich boireannach a ceann, biodh i cuideachd air a lomadh; ach ma tha e nàrach do bhoireannach a bhith air a lomadh no air a bearradh, cuireadh i còmhdach oirre.
7
Oir cha bu chòir do dh'fhear a cheann a chòmhdachadh bhon as esan ìomhaigh is glòir Dhè, ach 's i am boireannach glòir an fhir.
8
Oir chan eil am fear on bhoireannach, ach am boireannach on fhear,
9
agus cha deach am fear a chruthachadh airson a' bhoireannaich, ach am boireannach airson an fhir.
10
Air an adhbhar sin bu chòir dhan bhoireannach samhla ùghdarrais a bhith aice air a ceann, air sgàth nan aingeal.
11
A dh'aindeoin sin, san Tighearna, chan eil am boireannach neo‑eisimeileach on fhear no am fear on bhoireannach,
12
oir mar a tha am boireannach on fhear, mar sin cuideachd tha am fear air a bhreith tron bhoireannach. Ach is ann o Dhia a tha a h‑uile sìon.
13
Breithnichibh dhuib' fhèin: a bheil e ceart do bhoireannach ùrnaigh a dhèanamh ri Dia gun chòmhdach air a ceann?
14
Nach eil fiù 's nàdar fhèin a' teagasg dhuibh, ma bhios falt fada air fear, gu bheil e na nàire dha,
15
ach ma bhios falt fada air boireannach, gu bheil e na ghlòir dhi. Oir chaidh a falt a thoirt dhi mar chòmhdach.
16
Ach ma tha neach sam bith air aomadh gus a bhith connspaideach, chan eil a leithid sin de chleachdadh againne, no aig eaglaisean Dhè.
17
Ach sna teagasgan a leanas, chan eil mi gur moladh, a chionn 's gu bheil sibh a' tighinn còmhla, chan ann airson an nì as fheàrr, ach airson an nì as miosa.
18
Oir, sa chiad àite, nuair a chruinnicheas sibh mar eaglais, tha mi a' cluinntinn gu bheil sgaraidhean nur measg, agus tha mi ga chreidsinn gu ìre.
19
Oir feumaidh roinnean a bhith nur measg airson 's gun tèid am buidheann a tha fìor nur measg a dhèanamh follaiseach.
20
Mar sin nuair a chruinnicheas sibh a dh'aon àite, chan e suipear an Tighearna a tha sibh ag ithe.
21
Oir nur n‑ithe tha gach neach a' dol air adhart gus a shuipeir fhèin ithe an toiseach, agus tha aon neach acrach agus neach eile air mhisg.
22
Dè? An e nach eil taighean agaibh airson ithe is òl annta? No a bheil sibh a' dèanamh tàir air eaglais Dhè, agus a' nàrachadh na feadhna aig nach eil sìon? Dè a chanas mi ribh? Am mol mi sibh sa chùis seo? Sa chùis seo, cha mhol.
23
Oir fhuair mise on Tighearna an nì a thug mi cuideachd dhuibhse, gun do ghlac an Tighearna Ìosa — air an oidhche san deach a bhrath — aran,
24
agus nuair a bha e air taing a thoirt, bhrist e e, agus thuirt e, “Is e seo mo chorp‑sa, a th' air ur son‑se; dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.”
25
Agus anns an aon dòigh cuideachd ghabh e an cupa, às dèidh na suipeire, ag ràdh, “Is e an cupa seo an coicheangal ùr nam fhuil‑sa; dèanaibh‑se seo, cho tric is a dh'òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.”
26
Oir cho tric is a dh'itheas sibh an t‑aran seo is a dh'òlas sibh an cupa, tha sibh ag aithris bàs an Tighearna gus an tig e.
27
Mar sin, ge b' e cò a dh'itheas an t‑aran no a dh'òlas cupa an Tighearna gu neo‑iomchaidh, bidh e ciontach de chorp agus de dh'fhuil an Tighearna.
28
Ach sgrùdadh duine e fhèin, agus mar sin itheadh e dhen aran agus òladh e dhen chupa.
29
Oir neach sam bith a dh'itheas agus a dh'òlas, gun aithne a dhèanamh air corp an Tighearna, tha e ag ithe agus ag òl breitheanas dha fhèin.
30
Air an adhbhar seo tha mòran nur measg lag is tinn, agus tha grunnan nan cadal.
31
Ach nan toireamaid breith oirnn fhèin, cha deigheadh breith a thoirt oirnn.
32
Ach nuair a thèid breith a thoirt oirnn leis an Tighearna, tha sinn air ar smachdachadh airson 's nach bi sinn air ar dìteadh cuide ris an t‑saoghal.
33
Mar sin, mo bhràithrean, nuair a thig sibh còmhla airson ithe, fanaibh airson a chèile.
34
Ma bhios cuideigin acrach, itheadh e aig an taigh, airson 's nach tig sibh còmhla gu breitheanas. A thaobh nan rudan eile cuiridh mi an òrdugh iad nuair a thig mi.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16