bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
1 Corinthians 12
1 Corinthians 12
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 13 →
1
A‑nis a thaobh thiodhlacan spioradail, a bhràithrean, chan eil mi ag iarraidh gum biodh sibh aineolach.
2
Tha fios agaibh gu robh sibh air ur toirt air seachran gu iodhalan balbha nuair a bha sibh nur pàganaich, ge b' e ciamar a bha sibh air ur treòrachadh.
3
Mar sin tha mi ag iarraidh gun tuig sibh nach can duine sam bith a tha a' bruidhinn tro Spiorad Dhè, “Tha Ìosa mallaichte,” agus nach urrainn duine sam bith, “Is Ìosa an Tighearna,” a ràdh, ach, tron Spiorad Naomh.
4
A‑nis, tha diofar thiodhlacan ann, ach chan eil ann ach aon Spiorad,
5
agus tha diofar sheòrsaichean sheirbheisean ann, ach an aon Tighearna,
6
agus tha diofar sheòrsaichean obrachaidh ann, ach is e an t‑aon Dhia a tha ag obrachadh a h‑uile sìon sa h‑uile neach.
7
Ach do gach aon tha foillseachadh an Spioraid air a thoirt, airson maith nan uile.
8
Oir do dh'aon neach tha facal a' ghliocais air a thoirt tron Spiorad agus do neach eile facal an eòlais a rèir an dearbh Spioraid,
9
do neach eile creideamh tron aon Spiorad, do neach eile tiodhlacan leighis tron aon Spiorad,
10
do neach eile obrachadh mhìorbhailean, do neach eile fàidheadaireachd, do neach eile eadar‑dhealachadh eadar spioradan, do neach eile diofar sheòrsaichean theangannan, agus do neach eile eadar‑mhìneachadh theangannan.
11
Ach 's e an t‑aon 's an dearbh Spiorad a tha ag obrachadh na rudan sin uile, a' roinn do gach aon fa leth mar as miann leis‑san.
12
Oir dìreach mar a tha an corp na aon agus mòran bhall ann; agus buill a' chuirp uile — ged a tha mòran dhiubh ann — nan aon chorp, mar seo cuideachd tha Crìosd.
13
Oir ann an aon Spiorad chaidh ar baisteadh uile dhan aon chorp — Iùdhaich no Greugaich, daor no saor, agus chaidh toirt oirnn uile òl dhen aon Spiorad.
14
Oir chan e aon bhall a th' anns a' chorp, ach mòran.
15
Nan canadh a' chas, “A chionn 's nach e làmh a th' annam, chan ann dhen chorp a tha mi,” chan fhàgadh sin na pàirt nas lugha dhen chorp i.
16
Agus nan canadh a' chluas, “A chionn 's nach e sùil a th' annam, chan ann dhen chorp a tha mi,” chan fhàgadh sin na phàirt nas lugha sam bith dhen chorp i.
17
Nam biodh an corp uile na shùil, càit am biodh a' chlaistneachd? Nam biodh e uile na chlaistneachd, càit am biodh faireachadh an fhàilidh?
18
Ach a‑nis shuidhich Dia na buill, gach aon dhiubh, anns a' chorp, mar bu mhiann leis.
19
Nam biodh iad uile nan aon bhall, càit am biodh an corp?
20
Ach a‑nis tha iad nam mòran bhall, ach nan aon chorp.
21
Agus chan urrainn dhan t‑sùil a ràdh ris an làimh, “Chan eil feum agam ort,” no a‑rithist an ceann ris na casan, “Chan eil feum agam oirbh.”
22
Air a chaochladh, tha e nas fhìre gu bheil na pàirtean dhen chorp a tha a rèir choltais nas laige, deatamach,
23
agus na buill a tha sinn a' meas as mì‑urramaiche dher corp, tha sinn a' cuartachadh le barrachd urraim, agus iadsan as mì‑eireachdaile dhuinn, is iadsan a tha a' faighinn am barrachd eireachdais,
24
fhad 's nach eil dìth air na buill againn a tha nas eireachdaile. Ach rinn Dia co‑chumadh air a' chorp ann an leithid de dhòigh, is gu bheil e a' toirt an urraim as motha dhan bhall a bh' ann an dìth,
25
airson 's nach bi sgaradh sam bith sa chorp, ach gum biodh an t‑aon chùram aig na buill dha chèile.
26
Agus ma dh'fhuilingeas aon bhall, fulaingidh na buill uile còmhla; no ma gheibh aon bhall urram, nì na buill eile gàirdeachas còmhla ris.
27
A‑nis is sibhse corp Chrìosd agus buill fa leth dheth.
28
Agus shuidhich Dia san eaglais an toiseach abstoil, san dara h‑àite fàidhean, san treas àite luchd‑teagaisg, an uair sin mìorbhailean, an uair sin tiodhlacan leighis, luchd‑cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh seòrsa teanga.
29
A bheil iad uile nan abstoil? A bheil iad uile nam fàidhean? A bheil iad uile nan luchd‑teagaisg? A bheil iad uile nan luchd‑dèanamh mhìorbhailean?
30
A bheil tiodhlacan leighis aca uile? Am bruidhinn iad uile le teangannan? An dèan iad uile eadar‑mhìneachadh?
31
Ach, miannaichibh gu dùrachdach na tiodhlacan as fheàrr. Agus seallaidh mise dhuibh slighe nas fheàrr buileach.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16