bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
1 Corinthians 2
1 Corinthians 2
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 3 →
1
Nuair a thàinig mise thugaibh, a bhràithrean, cha tàinig mi thugaibh a' cur an cèill dìomhaireachd Dhè le cainnt uachdarach no gliocas.
2
Oir chuir mi romham gun eòlas a chur air rud sam bith nur measg ach Ìosa Crìosd agus esan air a cheusadh.
3
Agus bha mi còmhla ribh ann an laigse is ann an eagal is ann am mòran ball‑chrith
4
agus cha robh mo bhruidhinn is mo shearmonachadh ann am briathran gliocais a tharraingeas neach a thaobh, ach ann an taisbeanadh an Spioraid 's a' chumhachd,
5
airson 's nach biodh ur creideamh‑se ann an gliocas dhaoine ach ann an cumhachd Dhè.
6
A dh'aindeoin sin am measg nan inbheach tha sinn a' bruidhinn gliocas, ged nach e gliocas na linne seo a th' ann no gliocas riaghladairean na linne seo, a tha a' tighinn gu neoni.
7
Ach tha sinn a' bruidhinn dìomhaireachd fhalaichte Dhè, a dh'òrdaich Dia ron t‑saoghal airson ar glòir‑ne.
8
Cha do thuig gin de riaghladairean an t‑saoghail seo, oir nan robh iad air tuigsinn, cha bhiodh iad air Tighearna na glòire a cheusadh.
9
Ach, mar a tha e sgrìobhte: “Chan fhaca sùil, cha chuala cluas, agus cha tàinig a‑steach do chridhe duine na rudan a dh'ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha” —
10
na rudan sin, tha Dia air fhoillseachadh dhuinne tron Spiorad. Oir tha an Spiorad a' rannsachadh a h‑uile sìon, fiù 's rudan domhain Dhè.
11
Oir cò dhan aithne smuaintean neach ach spiorad an neach sin fhèin, a tha na bhroinn? Mar sin cuideachd chan eil neach sam bith a' tuigsinn smuaintean Dhè ach Spiorad Dhè.
12
A‑nis tha sinn air sealbhachadh, chan e spiorad an t‑saoghail, ach an Spiorad a tha o Dhia, airson 's gun tuigeamaid na rudan a chaidh a thoirt dhuinn gu saor le Dia.
13
Agus tha sinn a' bruidhinn na rudan sin ann am briathran nach deach an teagasg le gliocas dhaoine, ach a chaidh an teagasg leis an Spiorad, ag eadar‑mhìneachadh rudan spioradail dhaibhsan a tha spioradail.
14
Chan eil an neach nàdarra a' gabhail ri rudan Spiorad Dhè, oir tha iad nan amaideachd dha, agus chan eil e an comas dha an tuigsinn a chionn 's gu bheil iad air an tuigsinn gu spioradail.
15
Tha an neach spioradail a' tuigsinn a h‑uile sìon, ach chan eil e fhèin ri bhith air a chur fo bhreith le neach sam bith:
16
“Oir cò dham b' aithne inntinn an Tighearna airson 's gun teagaisgeadh e e?” Ach tha inntinn Chrìosd againne.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16