bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
1 Corinthians 5
1 Corinthians 5
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 6 →
1
Tha e dha‑rìribh air aithris dhomh gu bheil mì‑mhoraltachd feise nur measg, agus de sheòrsa nach eil a' tachairt fiù 's am measg nam pàganach, oir tha bean athar aig fear.
2
Agus tha sibh air ur sèideadh suas! An àite sin nach bu chòir dhuibh a bhith ri bròn? Bitheadh esan a rinn seo air a thoirt air falbh o ur measg.
3
Oir ged nach eil mi còmhla ribh sa chorp, tha mi an làthair ann an spiorad; agus mar gun robh mi an làthair, tha mi mu thràth air breith a thoirt air an neach a rinn a leithid de rud.
4
Nuair a tha sibh air ur cruinneachadh an ceann a chèile ann an ainm ar Tighearna Ìosa agus mo spiorad‑sa an làthair, le cumhachd ar Tighearna Ìosa,
5
tha agaibh ris an duine seo a thoirt thairis do Shàtan airson sgrios na feòla, airson 's gum bi a spiorad air a shàbhaladh air latha ar Tighearna.
6
Chan eil ur bòstadh math. Nach aithne dhuibh gun goirtich beagan de thaois ghoirt an cnap gu lèir?
7
Glanaibh a‑mach an t‑seann taois ghoirt, airson 's gum bi sibh nur cnap ùr mar a tha sibh dha‑rìribh neo‑ghortaichte. Oir tha Crìosd, ar n‑uan‑Càisge, air a bhith air ìobradh.
8
Cumamaid mar sin an Fhèill, chan ann le seann taois ghoirt, taois ghoirt a' mhìoruin 's an uilc, ach le aran neo‑ghortaichte an dùrachdais 's na fìrinn.
9
Sgrìobh mi thugaibh nam litir gun sibh a bhith ann an comann le feadhainn a tha mì‑mhoralta a thaobh feise —
10
chan ann idir a' ciallachadh iadsan a tha mì‑mhoralta a thaobh feise san t‑saoghal, no luchd‑sannta, no luchd‑foille, no luchd‑iodhal‑adhraidh, on a dh'fheumadh sibh an uair sin a dhol a‑mach às an t‑saoghal.
11
Ach a‑nis tha mi a' sgrìobhadh thugaibh gun sibh a bhith ann an comann le neach sam bith aig a bheil an t‑ainm bràthair ma tha e ciontach de mhì‑mhoraltachd feise no de shannt, no a tha na neach‑iodhal‑adhraidh, na neach‑càinidh, na mhisgeir, no na neach‑foille — na ithibh fiù 's còmhla ri a leithid seo.
12
Oir dè mo ghnothach‑sa breith a thoirt orrasan a tha a‑muigh? Nach iadsan a th' air an taobh a‑staigh air an toir sibh breith?
13
Tha Dia a' toirt breith orrasan a th' air an taobh a‑muigh, “Cuiribh air falbh an duine olc o ur measg.”
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16