bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
2 Corinthians 2
2 Corinthians 2
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
1
Ach chuir mi seo romham annam fhèin, nach tiginn a‑rithist fo bhròn thugaibh.
2
Oir ma chuireas mise bròn oirbhse, cò a nì toilichte mise, mura h‑e an neach a th' air a chur fo bhròn leamsa?
3
Agus sgrìobh mi an dearbh rud seo, airson 's nuair a thiginn, nach deigheadh mo chur fo bhròn leis an fheadhainn sin a bu chòir a bhith gam dhèanamh toilichte, le earbsa annaibh uile, gum bi mo thoileachas‑sa na thoileachas dhuibh‑se gu lèir.
4
Oir à mòr‑àmhghar is cràdh cridhe sgrìobh mi thugaibh tro iomadh deur; chan ann airson 's gum biodh sibh fo bhròn ach airson 's gum biodh fios agaibh air a' ghràdh ro‑phailt a th' agam air ur son‑se.
5
Ach ma tha neach sam bith air bròn adhbhrachadh, cha b' ann ormsa a chuir e bròn, ach gu ìre — gun a chur ro làidir — oirbhse.
6
Is leòr dhan a leithid sin de neach am peanas seo a chaidh a chur air le mòran,
7
airson 's, air an làimh eile, gum bu chòir dhuibh a mhathadh is cofhurtachd a thoirt dha, air eagal 's gum faodadh gum biodh a leithid seo de dhuine air a shlugadh suas le tuilleadh 's a chòir bròin.
8
Mar sin tha mi gar n‑earalachadh gun dearbh sibh ur gràdh dha.
9
Oir air an adhbhar seo sgrìobh mi, airson 's gun dearbhainn sibh, a dh'fhaicinn a bheil sibh umhail sa h‑uile sìon.
10
Ach neach dhan toir sibhse mathanas ann an nì sam bith, mathaidh mise cuideachd; oir dha‑rìribh na mhath mise — ma mhath mi nì sam bith — rinn mi e air ur son‑se ann an làthair Chrìosd,
11
gus nach gabhadh Sàtan brath oirnn, oir chan eil sinn aineolach air na h‑innleachdan aigesan.
12
A‑nis nuair a thàinig mi gu Tròas airson soisgeul Chrìosd 's a chaidh doras fhosgladh dhomh san Tighearna,
13
cha robh fois agam nam spiorad, air sgàth 's nach do lorg mi Tìtus mo bhràthair; ach a' gabhail mo chead dhibh, dh'fhalbh mi gu Macedònia.
14
Ach taing do Dhia, a tha an‑còmhnaidh gar treòrachadh gu buadhach ann an Ìosa Crìosd agus tromhainne a' foillseachadh fàileadh eòlais fhèin anns gach àite:
15
oir tha sinne nar deagh‑fhàileadh Chrìosd do Dhia am measg na feadhna a tha gan sàbhaladh, agus am measg na feadhna a tha gan sgrios,
16
do dh'fheadhainn nar fàileadh o bhàs gu bàs, dhan fheadhainn eile nar fàileadh o bheatha gu beatha. Agus cò a tha freagarrach airson na rudan seo?
17
Oir chan eil sinne mar a tha mòran, a nì malairt le facal Dhè, ach mar o dhùrachdas, mar o Dhia, tha sinn a' bruidhinn ann an Crìosd am fianais Dhè.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13