bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
2 Corinthians 3
2 Corinthians 3
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 4 →
1
A bheil sinn a' tòiseachadh air ar moladh fhèin a‑rithist? No a bheil feum againne, mar a th' aig cuid, air litrichean‑molaidh thugaibh no uaibh?
2
Is sibhse ar litir‑ne, sgrìobhte nar cridheachan, air a h‑aithneachadh 's air a leughadh leis a h‑uile duine;
3
a' foillseachadh gur sibh litir Chrìosd, a chaidh a fhrithealadh leinne, sgrìobhte chan ann le dubh ach le Spiorad an Dè bheò; chan ann air clàran cloiche, ach air clàran cridhe feòla.
4
Is e a leithid seo de chinnt a th' againn tro Chrìosd a thaobh Dhè.
5
Chan e gu bheil sinn comasach anainn fhèin air smaoineachadh gu bheil nì sam bith a' tighinn uainn fhèin, ach tha ar comas o Dhia,
6
a tha air ar dèanamh comasach air a bhith nar ministearan de thiomnadh nuadh; chan ann den litir, ach den Spiorad; oir tha an litir a' marbhadh, ach tha an Spiorad a' beothachadh.
7
Ach ma thàinig ministrealachd a' bhàis — snaidhte air clachan — le glòir, is nach b' urrainn do chloinn Israeil coimhead gu geur air aghaidh Mhaois air sgàth glòir na h‑aghaidhe aige a bha a' sìoladh às,
8
ciamar nach bi barrachd glòire aig ministrealachd an Spioraid?
9
Oir ma tha glòir aig ministrealachd an dìtidh, tha fada a bharrachd air a sin aig ministrealachd na fìreantachd a tha a' cur thairis le glòir.
10
Oir dha‑rìribh an rud aig an robh glòir, chan eil glòir aige san t‑seagh seo, air sgàth na glòire aig a bheil barrachd air.
11
Oir ma thàinig an rud a tha a' dol à bith le glòir, fada nas motha na sin tha a' ghlòir aig an rud a mhaireas.
12
Mar sin air sgàth 's gu bheil a leithid sin de dhòchas againn, tha sinn a' cleachdadh mòr‑dhànachd
13
is chan ann mar Mhaois, a bha a' cur còmhdach air aghaidh airson 's nach sealladh clann Israeil gu geur air crìoch na bha a' sìoladh às.
14
Ach bha an inntinnean air an cruadhachadh; oir, gus an latha an‑diugh ann an leughadh an t‑seann tiomnaidh tha an aon chòmhdach a' fantainn gun togail, oir is ann an Crìosd a tha e air a thoirt air falbh.
15
Ach chun an latha an‑diugh ge b' e cuin a thèid Maois a leughadh, tha còmhdach na laighe air an cridhe.
16
Ach ge b' e cuin a thionndaidheas neach chun an Tighearna, tha an còmhdach air a thoirt dheth.
17
A‑nis is e an Tighearna an Spiorad, agus far a bheil Spiorad an Tighearna, tha saorsa.
18
Ach tha sinne uile — le aghaidhean gun chòmhdach, a' coimhead mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna — gar n‑atharrachadh chun na h‑aon ìomhaigh o ghlòir gu glòir, dìreach mar on Tighearna, an Spiorad.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13