bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
2 Corinthians 9
2 Corinthians 9
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 10 →
1
Oir a thaobh frithealaidh dha na naoimh tha e tuilleadh 's a chòir dhòmhsa sgrìobhadh thugaibh,
2
oir is aithne dhomh ur deisealachd, mum bheil mi a' bòstadh mur deidhinn ris na Macedònianaich, ag ràdh gu robh Achaia deiseil bhon uiridh. Agus bhrosnaich ur n‑eud‑se barrachd dhiubh.
3
Ach chuir mi na bràithrean thugaibh, gus nach bi ar bòstadh‑ne mur deidhinn air a dhèanamh falamh san t‑suidheachadh seo, airson 's, mar a bha mi ag ràdh, gum biodh sibh deiseil,
4
no, ma thig gin dhe na Macedònianaich còmhla rium, is gun lorg iad sibhse neo‑dheiseil, gum biodh sinne — gun ghuth oirbh‑se — air ar nàrachadh leis a' chinnt seo.
5
Mar sin shaoil mi gun robh e riatanach ìmpidh a chur air na bràithrean a dhol air thoiseach oirbh airson ar tabhartais — a gheall sibh roimhe — a chur an òrdugh, airson 's gum biodh sin deiseil, mar shaor‑thiodhlac 's chan ann an aghaidh ur toil.
6
Ach seo tha mi ag ràdh, an neach a chuireas gu gann, buainidh e cuideachd gu gann, agus esan a chuireas gu pailt, buainidh e cuideachd gu pailt.
7
Dèanadh gach neach mar a shuidhich e na chridhe fhèin, chan ann a dh'aindeoin no fo èiginn, oir tha gràdh aig Dia dhan neach a bheir seachad gu sunndach.
8
Agus tha Dia an comas air a h‑uile gràs a dhèanamh pailt dhuibh, airson 's — an‑còmhnaidh le gu leòr sa h‑uile sìon — gum bi pailteas agaibh airson gach deagh obrach.
9
Mar a tha e sgrìobhte: “Sgaoil e mun cuairt, thug e dha na bochdan; tha fhìreantachd a' maireachdainn gu sìorraidh.”
10
A‑nis, esan a bheir sìol dhan fhear‑cuir agus aran airson ithe, solaraichidh is nì e lìonmhor ur sìol agus meudaichidh e toradh ur fìreantachd.
11
Bidh sibh air ur dèanamh beairteach sa h‑uile sìon airson a h‑uile fialaidheachd, a tha tromhainne a' toirt taingealachd do Dhia gu buil.
12
Oir tha ministrealachd na seirbheis seo, chan ann a‑mhàin a' solarachadh feumalachdan nan naomh, ach tha e cuideachd a' cur thairis tro thòrr thaingealachdan do Dhia.
13
Tro dhearbhadh an fhrithealaidh seo, bheir iad glòir do Dhia air sgàth ur n‑ùmhlachd do shoisgeul Chrìosd a rèir ur n‑aidmheil, agus airson fialaidheachd ur tabhartais dhaibh agus dhan a h‑uile duine,
14
fhad 's a tha iadsan cuideachd, tro ùrnaigh air ur son, a' gabhail fadachd air ur son air sgàth gràs ro‑phailt Dhè annaibh.
15
Taing do Dhia airson a thiodhlaic‑san a tha thar bhriathran.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13