bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Mark 11
Mark 11
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 12 →
1
Nuair a thàinig iad faisg air Ierusalem, air Betphage agus Betani, aig Beinn nan Crann‑Ola, chuir Ìosa air falbh dithis dhe dheisciobail,
2
agus thuirt e riutha, “Thallaibh dhan bhaile mur coinneamh, agus cho luath 's a thèid sibh a‑steach ann gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh. Fuasglaibh e agus thoiribh an seo e.
3
Ma chanas neach sam bith ribh, ‘Carson a tha sibh a' dèanamh seo?’ canaibh ris, ‘Tha feum aig an Tighearna air agus cuiridh e air ais an seo sa bhad e.’”
4
Dh'fhalbh iad agus fhuair iad searrach ceangailte aig doras, a‑muigh air an t‑sràid. Agus fhad 's a bha iad ga fhuasgladh,
5
thuirt cuid dhen fheadhainn a bha nan seasamh an sin riutha, “Dè a tha sibh a' dèanamh, a' fuasgladh an t‑searraich?”
6
Agus dh'innis iad dhaibh dè a bha Ìosa air a ràdh, agus leig iad leotha falbh.
7
Thug iad an searrach gu Ìosa agus thilg iad an cuid aodaich uachdair air, agus shuidh esan air.
8
Agus sgaoil mòran an t‑aodach uachdar aca air an rathad, agus sgaoil feadhainn eile geugan duilleagach a bha iad air a ghearradh bho na h‑achaidhean.
9
Agus bha iadsan a bha a' dol air thoiseach, 's iadsan a bha a' leantainn ag èigheach, “Hosanna!” “Is beannaichte esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna! ”
10
“Is beannaichte an rìoghachd a tha ri thighinn aig ar n‑athair Daibhidh!” “Hosanna anns na h‑àrdan!”
11
Chaidh Ìosa a‑steach a dh'Ierusalem, agus dhan teampall. Nuair a bha e air coimhead mun cuairt air a h‑uile rud, on a bha an uair mu thràth anmoch, chaidh e a‑mach gu Betani còmhla ris an dà fhear dheug.
12
An ath latha, nuair a thàinig iad a‑mach à Betani, bha Ìosa acrach.
13
A' faicinn o fhad' às craobh‑fhìge air an robh duilleach, chaidh e a dh'fhaicinn an lorgadh e rud sam bith oirre. Nuair a thàinig e thuice, cha do lorg e rud sam bith ach duilleach, oir cha b' e an t‑àm airson fìgean a bh' ann.
14
Agus thuirt e rithe, “Na itheadh neach sam bith toradh dhìotsa gu bràth tuilleadh.” Agus chuala a dheisciobail e.
15
An uair sin thàinig iad gu Ierusalem. Agus chaidh e a‑steach dhan teampaill is thòisich e air an fheadhainn a bha a' reic 's a' ceannach san teampall a ruaigeadh a‑mach agus chuir e car de bhùird luchd‑malairt an airgid is cathraichean luchd‑reic nan calman.
16
Agus cha leigeadh e le neach sam bith dad a ghiùlain tron teampall.
17
Agus theagaisg e iad, ag ràdh riutha, “Nach eil e sgrìobhte: “‘Thèid taigh ùrnaigh airson a h‑uile nàisean a ghabhail air mo thaighsa, ach tha sibhse air uamh mhèirleach a dhèanamh dheth. ’”
18
Agus chuala na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean seo agus bha iad ag iarraidh dòigh air a chur gu bàs, oir bha eagal orra uaithe, oir bha an sluagh uile fo mhòr‑iongnadh air sgàth a theagaisg.
19
Nuair a thàinig am feasgar, chaidh iad a‑mach às a bhaile.
20
Anns a' mhadainn, fhad 's a bha iad a' dol seachad, chunnaic iad a' chraobh‑fhìge air crìonadh o a freumhan.
21
Chuimhnich Peadar, agus thuirt e ris, “A Rabaidh, seall! Tha a' chraobh‑fhìge a mhallaich thu air crìonadh.”
22
Agus fhreagair Ìosa, “Biodh creideamh agaibh ann an Dia.
23
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a chanas ris a' bheinn seo, ‘Bi air do thogail agus air do thilgeil dhan mhuir,’ agus nach bi fo amharas‑cridhe, ach a chreideas gun tachair an rud a chanas e, thèid a dhèanamh dha.
24
Mar sin tha mi ag ràdh ribh, ge b' e dè na rudan a dh'iarras sibh ann an ùrnaigh, creidibh gum faigh sibh iad, agus thèid a dhèanamh dhuibh.
25
Agus ge b' e cuin a sheasas sibh ag ùrnaigh, mathaibh, ma tha rud sam bith agaibh an aghaidh neach sam bith, airson 's gum math ur n‑Athair a th' air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse.
26
Ach mura math sibhse, cha mhotha a mhathas ur n‑Athair a th' air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse.”
27
Thàinig iad a‑rithist gu Ierusalem, agus fhad 's a bha Ìosa a' coiseachd anns an teampall, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean agus na h‑èildearan thuige,
28
agus thuirt iad ris, “Dè an t‑ùghdarras a th' agad airson na rudan seo a' dèanamh, no cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo airson 's gun dèanadh tu iad?”
29
Fhreagair Ìosa iad, “Faighnichidh mise aon cheist dhuibhse. Freagraibh mise, agus innsidh mi dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson na rudan seo a dhèanamh.
30
An ann o nèamh no o dhaoine a bha baisteadh Eòin? Freagraibh mi.”
31
Agus rinn iad deasbad nam measg fhèin, ag ràdh, “Ma chanas sinne, ‘O nèamh,’ canaidh esan, ‘Carson ma‑thà nach do chreid sibh e?’
32
Ach nan canamaid, ‘O dhaoine …?’” (Bha eagal an t‑sluaigh orra, oir mheas iad uile gum b' e fàidh dha‑rìribh a bh' ann an Eòin.)
33
Mar sin fhreagair iad Ìosa, “Chan eil fios againn.” Agus thuirt Ìosa riutha, “Cha mhotha a dh'innseas mise dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson na rudan seo a dhèanamh.”
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16