bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Mark 13
Mark 13
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 14 →
1
Agus fhad 's a bha e a' tighinn a‑mach às an teampall, thuirt aon dhe a dheisciobail ris, “Fhir‑Teagaisg, seall, nach sgoinneil na clachan 's nach sgoinneil na togalaichean!”
2
Agus thuirt Ìosa ris, “A bheil thu a' faicinn nan togalaichean mòra seo? Chan tèid aon chlach fhàgail air muin cloiche an seo nach tèid a leagail sìos!”
3
Agus fhad 's a bha e na shuidhe air Beinn nan Crann‑Ola mu choinneamh an teampaill, chuir Peadar, Seumas, Eòin agus Anndra, ceist air gu prìobhaideach, ag ràdh,
4
“Innis dhuinne, cuin a thachras na rudan seo, agus dè an comharra a bhios ann nuair a tha na rudan seo gu lèir gus a bhith air an coileanadh?”
5
Agus thòisich Ìosa air a ràdh riutha, “Thoiribh an aire nach meall neach sam bith sibh.
6
Thig mòran nam ainm‑sa, ag ràdh, ‘Is mise Esan,’ agus meallaidh iad mòran.
7
Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus fathannan mu chogaidhean, na bithibh fo dhragh. Feumaidh seo tachairt, ach chan eil a' chrìoch ann fhathast.
8
Oir èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Bidh crithean‑talmhainn ann an iomadh àite; bidh gortan ann. Is iad seo toiseach tòiseachaidh phiantan asaid.
9
“Ach thoiribh an aire! Oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean, agus thèid ur dochann sna sionagogan, agus seasaidh sibh mu choinneamh uachdaran is rìghrean air mo shon‑sa, mar fhianais dhaibhsan.
10
Agus feumaidh an soisgeul an toiseach a bhith air a shearmonachadh dhan a h‑uile nàisean.
11
Agus nuair a bheir iad leotha sibh agus a bheir iad thairis sibh, na biodh cùram oirbh ro‑làimh a thaobh dè a chanas sibh, ach canaibh ge b' e dè a thèid a thoirt dhuibh aig an àm sin, oir chan e sibhse a tha a' bruidhinn ach an Spiorad Naomh.
12
“Bheir bràthair a bhràthair thairis gu bàs, agus athair a leanabh, agus èiridh a' chlann suas an aghaidh am pàrantan, agus bidh iad air an cur gu bàs.
13
Fuathaichidh gach neach sibh air sgàth m' ainme‑sa, ach bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.
14
“Ach nuair a chì sibh ‘gràinealachd an lèir‑sgrios’ na seasamh far nach bu chòir dhi a bhith (tuigeadh an leughadair), an uair sin teicheadh iadsan a th' ann an Iudèa gu na beanntan.
15
Na tigeadh an neach a th' air mullach an taighe a‑nuas, 's na deigheadh e a‑steach airson rud sam bith a thoirt às a thaigh,
16
agus na tilleadh an neach a th' anns an achadh air ais a thogail aodaich uachdair leis.
17
Nach truagh dhaibhsan a tha trom agus dhan fheadhainn a tha ag altram leanaban sna làithean sin!
18
Dèanaibh ùrnaigh nach tachair e sa gheamhradh.
19
Oir sna làithean sin bidh àmhghar ann nach fhacas a leithid o thoiseach a' chruthachaidh a chruthaich Dia gus a‑nis — agus nach bi ann tuilleadh.
20
Agus mura biodh an Tighearna air na làithean sin a ghiorrachadh, cha bhiodh neach sam bith air a shàbhaladh. Ach air sgàth na feadhna thaghte, a thagh e fhèin, ghiorraich e na làithean.
21
Agus an uair sin ma chanas neach sam bith ribh, ‘Seallaibh, tha an Crìosd an seo!’ no ‘Seallaibh, tha e an sin!’ na creidibh e.
22
Èiridh crìosdan brèige agus fàidhean brèige is nì iad comharraidhean agus iongantasan, airson 's, nan robh e an comas, an fheadhainn thaghte fhèin a mhealladh.
23
Ach thoiribh‑se an aire; dh'innis mu dhuibh a h‑uile sìon ro‑làimh.
24
“Ach sna làithean sin, às dèidh an àmhghair ud, “‘bidh a' ghrian air a dorchnachadh, agus cha toir a' ghealach a solas uaipe;
25
bidh na rionnagan a' tuiteam o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.’
26
“Agus an uair sin chì iad Mac an Duine a' tighinn ann an sgòthan, le mòr‑chumhachd agus glòir.
27
Agus an uair sin cuiridh e na h‑ainglean aige a‑mach, agus cruinnichidh e fheadhainn thaghte fhèin o na ceithir gaothan, o chrìochan na talmhainn gu crìochan nèimh.
28
“Ionnsaichibh cosamhlachd on chraoibh‑fhìge: cho luath 's a bhios a geug bog, agus a chuireas i a‑mach a duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh faisg.
29
Mar sin leibhse cuideachd: nuair a chì sibh na rudan seo a' tachairt, biodh fhios agaibh gu bheil e faisg, aig na dorsan fhèin.
30
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo seachad gus an tachair a h‑uile rud a tha seo.
31
Thèid nèamh is talamh seachad, ach cha tèid mo bhriathran‑sa seachad idir.
32
“Ach a thaobh an latha sin no na h‑uaire, chan aithne do neach sam bith, fiù 's na h‑ainglean air nèamh, no am Mac, ach dìreach an t‑Athair.
33
Thoiribh an aire! Dèanaibh faire! Oir chan eil fios agaibh cuin a thig an t‑àm.
34
Tha e coltach ri duine a' dol air turas, nuair a dh'fhàgas e a thaigh fhèin agus a bheir e ùghdarras dha sheirbheisich, is obair fhèin do gach neach, agus a bheir e àithne dhan dorsair faire a dhèanamh.
35
“Mar sin dèanaibh faire — oir chan aithne dhuibh cuin a thig maighstir an taighe, an ann feasgar, no aig meadhan‑oidhche, no nuair a ghairmeas an coileach, no sa mhadainn —
36
gun fhios nach tig e gu luath 's gun lorg e sibh nur cadal.
37
Agus na rudan a tha mi ag ràdh ribhse, tha mi ag ràdh ri na h‑uile: ‘Dèanaibh faire!’”
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16