bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Mark 4
Mark 4
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 5 →
1
A‑rithist thòisich e air teagasg ri taobh na mara. Chruinnich sluagh fìor mhòr timcheall air, a dh'fhàg gun deach e a‑steach do dh'eathar, agus shuidh e innte air a' mhuir, agus bha an sluagh gu lèir ri taobh na mara air an tìr.
2
Agus bha e a' teagasg mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, agus na theagasg thuirt e riutha,
3
“Èistibh! Chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur sìl
4
agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid, agus thàinig na h‑eòin agus dh'ith iad e.
5
Thuit cuid eile air àite creagach, far nach robh mòran talmhainn aige, agus sa bhad dh'fhàs e suas, a chionn 's nach robh doimhne talmhainn aige.
6
Agus nuair a dh'èirich a' ghrian chaidh a losgadh, agus a chionn 's nach robh freumh aige, shearg e às.
7
Thuit cuid eile am measg dhroigheann, agus dh'fhàs na droighinn suas agus thachd iad e, agus cha tug e toradh a‑mach.
8
Agus thuit cuid eile air talamh math is thug e toradh a‑mach, a' fàs suas agus a' meudachadh, is ghiùlain e a thrithead, a sheasgad 's a cheud uiread.”
9
Agus thuirt e, “An neach aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e.”
10
Nuair a bha e na aonar, dh'fhaighnich iadsan a bha mun cuairt air, còmhla ris an dà fhear dheug, mu dheidhinn na cosamhlachd.
11
Thuirt e riutha, “Dhuibhse chaidh dìomhaireachd rìoghachd Dhè a thoirt, ach dhaibhsan a th' air an taobh a‑muigh tha a h‑uile rud ann an cosamhlachdan
12
airson 's: “a' faicinn, gum faiceadh iad, ach nach toireadh iad fa‑near, agus a' cluinntinn, gun cluinneadh iad ach nach tuigeadh iad; air eagal 's gun tionndaidheadh iad agus gum faigheadh iad mathanas!”
13
An uair sin thuirt e riutha, “Nach eil sibh a' tuigsinn na cosamhlachd seo? Ciamar mar sin a thuigeas sibh na cosamhlachdan air fad?
14
Tha am fear‑cuir a' cur an fhacail.
15
Is iad seo an fheadhainn ri taobh an rathaid, far a bheil am facal air a chur: nuair a chluinneas iad, tha an Sàtan a' tighinn sa bhad agus a' toirt air falbh an fhacail a chaidh a chur annta.
16
Agus is iad seo an fheadhainn a th' air an cur air àite creagach: an fheadhainn, nuair a chluinneas iad am facal, a ghabhas e sa bhad le gàirdeachas.
17
Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad ùine ghoirid. An uair sin, nuair a dh'èireas àmhghar no geur‑leanmhainn air sgàth an fhacail, sa bhad tha iad a' tuiteam air falbh.
18
Agus tha feadhainn eile air an cur am measg dhroigheann: is iad sin an fheadhainn a chluinneas am facal;
19
ach tha cùraman an t‑saoghail agus mealltaireachd beairteis agus na miannan airson rudan eile a' tighinn a‑steach is a' tachdadh an fhacail, agus tha e fàs neothorrach.
20
Ach is iadsan a chaidh a chur ann an talamh math an fheadhainn a chluinneas am facal agus a ghabhas e is a bheir a‑mach toradh — a thrithead, a sheasgad agus a cheud uiread.”
21
Thuirt e riutha, “A bheil lampa air a toirt a‑steach airson 's gun tèid a cur fo shoitheach, no fo leabaidh? Nach ann airson a cur air an lampair?
22
Oir chan eil rud sam bith falaichte ach airson 's gum bi e air fhoillseachadh; cha mhotha a tha rud sam bith dìomhair ach airson 's gun tig e am follais.
23
Ma tha cluasan airson èisteachd aig neach sam bith, èisteadh e.”
24
Agus thuirt e riutha, “Thoiribh an aire dha na chluinneas sibh. Leis an tomhas a chleachdas sibh, thèid a thomhas dhuib' fhèin, agus thèid tuilleadh a chur ribhse.
25
Oir an neach aig a bheil, thèid toirt dha, agus an neach aig nach eil, thèid fiù 's na th' aige a thoirt uaithe.”
26
Thuirt e cuideachd, “Tha rìoghachd Dhè mar gun sgaoileadh duine sìol air an talamh.
27
Caidlidh is èiridh e a dh'oidhche 's a latha, agus bòrcaidh is fàsaidh an sìol air dhòigh 's nach aithne dha.
28
Bheir an talamh a‑mach toradh leis fhèin — an toiseach a' bhileag‑fheòir, an uair sin an dias, às dèidh sin an làn‑ghràinne san dèis.
29
Ach nuair a tha a' ghràinne abaich, sa bhad cuiridh e an corran a‑steach, a chionn 's gu bheil am fogharadh air tighinn.”
30
A‑rithist thuirt e, “Dè ris an samhlaich sinn rìoghachd Dhè, no dè a' chosamhlachd a chleachdas sinn air a son?
31
Tha i coltach ri gràinne mustaird, rud — nuair a thèid a cur san talamh — as lugha dhe na sìl gu lèir a th' air thalamh,
32
ach às dèidh a cur, fàsaidh i suas agus thig i gus a bhith nas motha na na lusan‑gàrraidh uile, agus cuiridh i geugan cho mòr a‑mach is gun urrainn do dh'eòin an adhair neadan a dhèanamh fo a sgàil.
33
Le mòran chosamhlachdan dhen leithid sin bhruidhinn e am facal riutha, a rèir mar a b' urrainn dhaibh èisteachd.
34
Cha do bhruidhinn e riutha gun chosamhlachd, ach gu prìobhaideach bha e a' mìneachadh a h‑uile rud dha dheisciobail fhèin.”
35
Air an latha sin, nuair a bha am feasgar air tighinn, thuirt e riutha, “Rachamaid thairis chun an taoibh eile.”
36
Agus a' fàgail an t‑sluaigh, thug iad leotha san eathar e, dìreach mar a bha e; agus bha eathraichean eile còmhla ris.
37
An uair sin dh'èirich sgal mòr gaoithe agus bha na tonnan a' slaiceadh air an eathar, air chor 's gun robh i mu thràth ga lìonadh.
38
Ach bha esan san deireadh, na chadal air a' chluasaig. Dhùisg iad e, agus thuirt iad, “Fhir‑Teagaisg, nach eil dragh idir agad gu bheil sinn gu bhith caillte?”
39
Agus dhùisg esan, agus chronaich e a' ghaoth agus thuirt e ris a' mhuir, “Sàmhach! Bi nad thost!” Agus stad a' ghaoth, agus bha ciùine mhòr ann.
40
Thuirt e riutha, “Carson a tha an t‑eagal oirbh? Nach eil creideamh fhathast agaibh?”
41
Agus chaidh an lìonadh le eagal mòr agus thuirt iad ri chèile, “Cò mar sin a tha seo, agus gu bheil fiù 's a' ghaoth 's a' mhuir umhail dha?”
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16