bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Mark 3
Mark 3
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 4 →
1
A‑rithist chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog, agus bha duine an sin le làimh sheargte.
2
Agus rinn iad faire air airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid e, airson 's gum b' urrainn dhaibh cùis‑dhìtidh a thoirt na aghaidh.
3
Thuirt e ris an duine, am fear leis an làimh sheargte, “Èirich dhan mheadhan.”
4
Agus thuirt e riutha, “A bheil e ceadaichte air làithean na Sàbaid math a dhèanamh no olc, anam a shàbhaladh no a sgrios?” Ach dh'fhan iadsan sàmhach.
5
Sheall e mun cuairt orra le feirg, air a chràdh gu domhainn air sgàth cruas an cridhe, agus thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Shìn e a‑mach i, agus chaidh a làmh aiseag slàn dha.
6
Sa bhad chaidh na Pharasaich a‑mach còmhla ri na Heròdianaich agus bha iad a' gabhail comhairle le chèile na aghaidh‑san mu mar a sgriosadh iad e.
7
Tharraing Ìosa air ais chun na mara còmhla ri a dheisciobail, agus lean sluagh mòr e o Ghalile agus o Iudèa,
8
o Ierusalem agus o Idumèa, o thaobh thall Iòrdain agus o mu thimcheall Thìruis agus Shìdoin. Nuair a chuala an sluagh mòr mun a h‑uile rud a bha e a' dèanamh, thàinig iad thuige.
9
Agus thuirt e ri a dheisciobail eathar bheag a dheisealachadh air a shon air sgàth an t‑sluaigh, airson 's nach bruthadh iad e.
10
Oir bha e air mòran a leigheas, leis a' bhuil gun do theann iadsan uile ris air an robh tinneasan, airson 's gum beanadh iad ris.
11
Agus uair sam bith a chunnaic na spioradan neòghlan e, thuiteadh iad sìos ma choinneamh agus ghlaodhadh iad a‑mach, “Is tusa Mac Dhè.”
12
Ach thug e òrdugh teann dhaibh nach dèanadh iad aithnichte e.
13
Agus chaidh e suas chun na beinne agus ghairm e thuige fhèin an fheadhainn sin a bha e ag iarraidh, agus thàinig iad thuige.
14
Agus shuidhich e dà fhear dheug — a dh'ainmich e cuideachd mar abstoil — airson 's gum biodh iad còmhla ris agus gun cuireadh e a‑mach iad a shearmonachadh,
15
agus airson 's gum biodh ùghdarras aca deamhain a thilgeil a‑mach.
16
Shuidhich e an dà fhear dheug: Sìmon (dhan tug e an t‑ainm Peadar);
17
Seumas mac Shebede agus Eòin bràthair Sheumais (dhan tug e an t‑ainm Boanerges, 's e sin Mic nan Tàirneanach);
18
Anndra, Philip, Bartolomèus, Mata, Tòmas, Seumas mac Alphèuis, Tadèus, Sìmon an Canàanach;
19
agus Iùdas Iscariot, a bhrath esan.
20
An uair sin chaidh e dhachaigh, agus chruinnich an sluagh a‑rithist, air chor 's nach robh e an comas dhaibh fiù 's aran ithe.
21
Nuair a chuala a chàirdean seo, chaidh iad a‑mach airson grèim a ghabhail air, oir bha iad ag ràdh, “Tha e às a chiall.”
22
Agus bha na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem ag ràdh, “Tha seilbh aig Beelsebul air! Is ann tro uachdaran nan deamhan a tha e a' tilgeil a‑mach dheamhan.”
23
Agus ghairm e thuige iad agus thuirt e riutha ann an cosamhlachdan, “Ciamar as urrainn dhan t‑Sàtan an Sàtan a thilgeil a‑mach?
24
Ma bhios rìoghachd roinnte na h‑aghaidh fhèin, chan urrainn dhan rìoghachd sin seasamh.
25
Agus ma bhios taigh roinnte na aghaidh fhèin, chan urrainn dhan taigh sin seasamh.
26
Agus ma tha an Sàtan air èirigh suas na aghaidh fhèin agus gu bheil e roinnte, chan urrainn dha seasamh, tha e crìochnaichte.
27
Ach chan urrainn do neach sam bith a dhol a‑steach do thaigh duine làidir agus a sheilbh a chreach mura ceangail e an duine làidir an toiseach, agus an uair sin creachaidh e a thaigh.
28
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun tèid a h‑uile peacadh a mhathadh do chloinn nan daoine, agus ge b' e dè na toibheuman a chanas iad;
29
ach ge b' e cò a chanas toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a‑chaoidh, ach tha e ciontach de pheacadh sìorraidh”,
30
airson 's gun tuirt iad, “Tha spiorad neòghlan aige.”
31
An uair sin thàinig a mhàthair agus a bhràithrean agus, a' seasamh a‑muigh, chuir iad fios thuige agus ghairm iad air.
32
Bha sluagh nan suidhe timcheall air, agus thuirt iad ris, “Tha do mhàthair agus do bhràithrean a‑muigh, gad shireadh.”
33
Agus fhreagair e iad, “Cò iad mo mhàthair agus mo bhràithrean?”
34
Agus a' coimhead mun cuairt orrasan a bha nan suidhe timcheall air, thuirt e, “Seallaibh, mo mhàthair agus mo bhràithrean!
35
Oir ge b' e a nì toil Dhè, is esan mo bhràthair agus mo phiuthar agus mo mhàthair.”
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16