bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Romans 1
Romans 1
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 2 →
1
Pòl, seirbheiseach Chrìosd Ìosa, air a ghairm gus a bhith na abstol, air a chur air leth airson soisgeul Dhè,
2
a gheall e ro‑làimh tro na fàidhean aige fhèin anns na Sgriobtaran naomha;
3
mu dheidhinn a Mhic, a bha de shìol Dhaibhidh a rèir na feòla
4
agus a bh' air a dhearbhadh gu follaiseach a bhith na Mhac Dhè le cumhachd a rèir Spiorad na naomhachd, tron aiseirigh o na mairbh: Ìosa Crìosd ar Tighearna.
5
Troimhesan fhuair sinne gràs is abstolachd gus ùmhlachd a' chreideimh a thoirt gu bith am measg nan nàiseanan gu lèir air sgàth ainm‑san.
6
Nam measg‑san tha sibhse cuideachd a th' air ur gairm gus a bhith le Ìosa Crìosd.
7
Gu na h‑uile a th' anns an Ròimh a th' air an gràdhachadh le Dia agus a th' air an gairm gus a bhith nan naoimh: Gràs dhuibhse agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Ìosa Crìosd.
8
An toiseach, tha mi a' toirt taing dham Dhia tro Ìosa Crìosd air ur son‑se uile, a chionn 's gu bheil ur creideamh air aithris gu follaiseach air feadh an t‑saoghail.
9
Oir is e Dia m' fhianais, dham bheil mi a' dèanamh seirbheis lem spiorad ann an soisgeul a Mhic, gu bheil mi gun sgur a' toirt iomradh oirbh
10
an‑còmhnaidh nam ùrnaighean, a' faighneachd ann an dòigh air choireigin, le toil Dhè, gum faodainn a‑nis, mu dheireadh thall, soirbheachadh ann a bhith a' tighinn thugaibhse.
11
Oir tha fadachd orm ur faicinn, airson 's gum faod mi tiodhlac spioradail air choireigin a chompàirteachadh leibh airson ur neartachadh —
12
's e sin, airson 's gum faod sinn a bhith air ur misneachadh còmhla le creideamh a chèile, an dà chuid agaibhse agus agamsa.
13
Chan eil mi ag iarraidh nach bi aithne agaibh, a bhràithrean, gu bheil mi tric air cur romham tighinn thugaibh (ach gu ruige seo chaidh bacadh a chur orm), airson 's gum biodh toradh agam nur measg‑se, cuide ri am measg a' chòrr dhe na Cinnich.
14
Tha mi fo dhleastanas an dà chuid do Chinnich is do Bhorbairich, an dà chuid dhaibhsan a tha glic is dhaibhsan a tha amaideach.
15
Mar sin tha mi deiseil gus a bhith a' searmonachadh an soisgeul dhuibhse cuideachd a th' anns an Ròimh.
16
Oir chan eil nàire ormsa mun t‑soisgeul, oir is e cumhachd Dhè a th' ann airson slàinte dhan a h‑uile neach a chreideas, an toiseach dhan Iùdhach agus cuideachd dhan Ghreugach.
17
Oir ann, tha fìreantachd Dhè air fhoillseachadh o chreideamh gu creideamh, mar a tha e sgrìobhte, “Bidh am fìrean beò tro chreideamh.”
18
Oir tha corraich Dhè air a foillseachadh o nèamh an aghaidh gach uile mì‑dhiadhaidheachd is eucoir dhaoine, a tha a' mùchadh na fìrinn ann an neo‑fhìreantachd,
19
a chionn 's gu bheil na tha an comas a bhith air fhiosrachadh mu Dhia follaiseach dhaibh, on a tha Dia air fhoillseachadh dhaibh.
20
Oir riamh o chruthachadh an t‑saoghail tha na feartan neo‑fhaicsinneach aige — 's e sin, a chumhachd sìorraidh 's a nàdar diadhaidh — air a bhith air an toirt fa‑near gu soilleir, anns na rudan a chaidh a dhèanamh. Tha sin a' fàgail gu bheil iad gun leisgeil.
21
Oir ged a b' aithne dhaibh Dia, cha tug iad urram dha mar Dhia, cha mhotha a thug iad taing dha, ach dh'fhàs iad dìomhain nan smaoineachadh, agus bha an cridheachan gòrach air an dorchnachadh.
22
A' cumail a‑mach a bhith glic, dh'fhàs iad amaideach,
23
agus dh'atharraich iad glòir an Dè neo‑bhàsmhoir airson ìomhaighean coltach ris an duine bhàsmhor agus eòin is beathaichean is snàgairean.
24
Mar sin thug Dia thairis iad ann an ana‑miannan an cridheachan do neòghlaine, do dh'eas‑urramachadh am bodhaigean nam measg fhèin.
25
Oir dh'atharraich iad an fhìrinn mu Dhia airson breug agus rinn iad adhradh is rinn iad seirbheis dhan chreutair an àite dhan Chruthaidhear, a tha beannaichte gu sìorraidh. Amen.
26
Air an adhbhar seo thug Dia thairis iad do thograidhean eas‑urramach. Oir dh'atharraich na mnathan gnìomhan‑feise nàdarra airson feadhainn a tha mì‑nàdarra,
27
agus anns an aon dòigh thug na fir suas gnìomhan‑feise nàdarra le boireannaich agus bha iad air an losgadh le miann airson a chèile, fireannaich a' cur an gnìomh rudan mhì‑bheusach le fireannaich agus a' faighinn annta fhèin am peanas dligheach airson an t‑seachrain aca.
28
Agus dìreach o nach fhaca iad freagarrach Dia aideachadh tuilleadh, thug Dia thairis do inntinn choirbte iad, gus rudan nach bu chòir a bhith air an dèanamh a dhèanamh.
29
Chaidh an lìonadh leis a h‑uile seòrsa eucoir, olc, sannt, mì‑rùn. Tha iad làn de dh'fharmad, de mhurt, de chòmhstri, de chealgaireachd, de dhroch‑rùn. Tha iad nan cabadairean,
30
nan luchd cùl‑chàinidh, nan luchd fuathachaidh Dhè, stràiceil, àrdanach, bòstail, innleadairean an uilc, eas‑umhail rim pàrantan,
31
gun tuigse, gun chreideamh, gun ghràdh, gun tròcair.
32
Ged as aithne dhaibh òrdugh Dhè — gu bheil iadsan a chuireas a' leithid an gnìomh airidh air bàs — chan e a‑mhàin gu bheil iad gan dèanamh ach gu bheil iad cuideachd ag aontachadh leothasan a tha gan cur an gnìomh.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16