bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Romans 14
Romans 14
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 15 →
1
Gabhaibh ris an neach a tha lag sa chreideamh, ach chan ann airson a bhith ag argamaid mu bheachdan.
2
Tha aon neach a' creidsinn gum faod e rud sam bith ithe, ach tha an duine lag ag ithe glasraich a‑mhàin.
3
Na cuireadh esan a dh'itheas ann an suarachas esan a tha a' seachnadh, agus na toireadh esan nach eil ag ithe breith air an neach a dh'itheas, oir tha Dia air gabhail ris.
4
Cò th' annadsa a tha a' toirt breith air seirbheiseach neach eile? Is ann mu choinneamh a mhaighstir fhèin a sheasas no a thuiteas e. Agus seasaidh e, oir tha an Tighearna an comas toirt air seasamh.
5
Tha aon neach a' meas aon latha thar latha eile, 's tha neach eile a' meas a h‑uile latha coltach ri chèile. Bu chòir do gach neach a bhith làn‑dhearbhte na inntinn fhèin.
6
Tha an neach a chumas an latha ga chumail dhan Tighearna. Tha an neach a dh'itheas ag ithe dhan Tighearna, on a tha e a' toirt taing do Dhia, agus an neach nach ith, chan eil e ag ithe dhan Tighearna, agus tha e a' toirt taing do Dhia.
7
Oir chan eil neach againn beò dha fhèin, agus chan eil neach a' bàsachadh dha fhèin.
8
Oir ma tha sinn beò, tha sinn beò dhan Tighearna, agus ma bhàsaicheas sinn, bàsaichidh sinn dhan Tighearna. Mar sin, ged a bhiodh sinn beò, no a bhàsaicheadh sinn, 's ann leis an Tighearna a tha sinn.
9
Oir airson an adhbhair sin fhuair Crìosd bàs, agus bha e beò a‑rithist, airson 's gum biodh Tighearnas aige an dà chuid thar nam mairbh is nam beò.
10
Carson a tha thusa a' toirt breith air do bhràthair? No thusa, carson a tha thu a' dèanamh tàir air do bhràthair? Oir seasaidh sinn uile mu choinneamh cathair‑breitheanais Dhè.
11
Oir tha e sgrìobhte: “‘Mar a tha mise beò,’ tha an Tighearna ag ràdh, ‘lùbaidh gach glùin dhòmhsa, agus nì gach teanga aideachadh do Dhia.’”
12
Mar sin bheir gach aon againn cunntas ma dheidhinn fhèin do Dhia.
13
Air an adhbhar sin na toireamaid breith air càch‑a‑chèile, ach an àite sin roghnaicheamaid nach cuir sinn clach‑tuislidh no ceap‑tuislidh ann an slighe bràthar.
14
Is aithne dhomh agus tha mi dearbhte san Tighearna Ìosa nach eil sìon neòghlan ann fhèin, ach gu bheil e neòghlan dhàsan a tha a' smaoineachadh gu bheil e neòghlan.
15
Oir ma tha do bhràthair air a leòn le na tha thu ag ithe, chan eil thu tuilleadh a' coiseachd a rèir gràidh. Na sgrios, le na tha thu ag ithe, an neach dhan do bhàsaich Crìosd.
16
Mar sin na leigibh gun deigheadh bruidhinn gu h‑olc mun rud a tha math.
17
Oir chan eil rìoghachd Dhè mu ithe 's mu òl ach mu fhìreantachd is mu shìth is mu aoibhneas san Spiorad Naomh.
18
Oir an neach a nì an t‑seirbheis seo do Chrìosd tha e taitneach do Dhia agus air a dheagh mheasadh le daoine.
19
Mar sin, leanamaid na rudan a tha a' dèanamh sìth agus na rudan a bhios a' togail suas càch‑a‑chèile.
20
Na sgrios obair Dhè air sgàth bìdh. Tha a h‑uile sìon dha‑rìribh glan, ach tha e ceàrr do neach sam bith toirt air neach eile tuisleadh le bhith ag ithe.
21
Tha e math gun feòil ithe no fìon òl, no rud sam bith a dhèanamh a bheir air do bhràthair tuisleadh.
22
An creideamh a th' agad, biodh e agad fhèin mu choinneamh Dhè. Is beannaichte an neach nach toir breith air fhèin le na bhios e a' moladh.
23
Ach esan a tha teagmhach, tha e air a dhìteadh ma dh'itheas e, a chionn 's nach eil sin o chreideamh; oir a h‑uile sìon nach eil o chreideamh, 's e peacadh a th' ann.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16