bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Romans 11
Romans 11
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 12 →
1
Tha mi a' faighneachd, mar sin: A bheil Dia air a shluagh a dhiùltadh? Na tachradh e gu bràth! Tha mise nam Israeleach mi fhèin, de shliochd Abrahàim, de threubh Bheniàmin.
2
Cha do dhiùlt Dia a shluagh‑san a ro‑aithnich e. Nach aithne dhuibh dè a tha an Sgriobtar ag ràdh mu Eliah, mar a tha e a' tagradh air Dia an aghaidh Israeil?
3
“A Thighearna, tha iad air na fàidhean agad a mharbhadh, tha iad air na h‑altairean agad a leagail sìos; is mise a‑mhàin a tha air m' fhàgail, agus tha iad a' sireadh mo bheatha.”
4
Ach dè a fhreagair Dia ris? “Tha mi air seachd mìle fear a chumail dhomh fhèin nach do lùb an glùin do Bhàal.”
5
Mar sin cuideachd, aig a' cheart àm seo, tha fuidheall ann, a chaidh a thaghadh le gràs.
6
Ach mas ann le gràs a tha e, chan eil e tuilleadh air bun‑stèidh obraichean; no cha bhiodh gràs tuilleadh na ghràs.
7
Dè mar sin? An rud a bha Israel a' sireadh, cha d' fhuair i. Fhuair an fheadhainn thaghte e, ach chaidh an còrr a chruadhachadh,
8
mar a tha e sgrìobhte: “Thug Dia spiorad suaine dhaibh, sùilean airson 's nach fhaiceadh iad agus cluasan airson 's nach cluinneadh iad, sìos chun an latha seo fhèin.”
9
Agus tha Daibhidh ag ràdh: “Biodh am bòrd aca a' tighinn gus a bhith na ribe 's na inneal‑glacaidh, na cheap‑tuislidh agus na ath‑dhìoladh dhaibh.
10
Biodh an sùilean air an dorchnachadh airson 's nach fhaic iad, is biodh an dromannan air an cromadh gu bràth.”
11
Mar sin tha mi ag ràdh, an do thuislich iad airson 's gun tuiteadh iad? Na tachradh e gu bràth! An àite sin, trom peacadh‑san tha slàinte air tighinn gu na Cinnich, gus Israel a dhèanamh farmadach.
12
A‑nis ma tha am peacadh acasan a' ciallachadh saidhbhreis dhan t‑saoghal, agus ma tha am fàilligeadh acasan a' ciallachadh saidhbhreis airson nan Cinneach, nach mòr mar sin a bhios an lànachd‑san?
13
A‑nis tha mi a' bruidhinn ribhse a Chinneacha. Mar sin, chun na h‑ìre 's gu bheil mi nam abstol gu na Cinnich, tha mi ag àrdachadh mo mhinistrealachd
14
airson 's, ann an dòigh air choireigin, gun dèanainn farmadach sluagh mo cho‑fheòla, is mar sin gun sàbhailinn cuid dhiubh.
15
Oir ma tha an diùltadh‑san a' ciallachadh rèiteachadh an t‑saoghail, dè a bhios an ‘gabhail ris’ aca a' ciallachadh, ach beatha o na mairbh?
16
Ma tha a' chiad chuid dhen taois a th' air a tairgsinn, naomh, tha 's an cnap gu lèir, agus ma tha am freumh naomh, tha 's na geugan cuideachd.
17
Ach ma chaidh cuid dhe na geugan am briseadh dheth, is gun deach thusa, ged a tha thu nad chrann‑ola fiadhaich, do nòdachadh a‑steach nam measg agus a‑nis gu bheil thu a' faighinn co‑roinn ann am freumh bheathachail a' chroinn‑ola,
18
na bi àrdanach ri na geugan. Ma bhitheas, cuimhnich nach tusa a tha a' giùlain an fhreumha, ach gur e am freumh a tha gad ghiùlain‑sa.
19
Canaidh tu an uair sin, “Bha geugan air am briseadh dheth airson 's gum bithinn‑sa air mo nòdachadh a‑steach.”
20
Tha sin fìor. Chaidh am briseadh dheth air sgàth an eas‑creideimh‑san, ach tha thusa a' seasamh gu daingeann tro chreideamh. Mar sin na bidh pròiseil, ach fo eagal.
21
Oir mur an do chaomhain Dia na geugan nàdarra, cha mhotha a chaomhaineas e thusa.
22
Faic ma‑thà, coibhneas is geur‑smachd Dhè, geur‑smachd dhaibhsan a th' air tuiteam, ach coibhneas Dhè dhutsa, ma chumas tu ort na choibhneas. No bidh thusa cuideachd air do ghearradh às.
23
Agus bidh fiù 's iadsan, mura lean iad orra nan eas‑creideamh, air an nòdachadh a‑steach, oir tha an cumhachd aig Dia gus an nòdachadh a‑steach a‑rithist.
24
Oir ma bha thusa air do ghearradh às on chrann‑ola a bha fiadhaich a thaobh nàdair, 's air do nòdachadh, an aghaidh nàdair, a‑steach do chrann‑ola àitichte, nach mòr nas motha a bhios iad seo, na geugan nàdarra, air an nòdachadh air ais a‑steach dhan chrann‑ola aca fhèin?
25
Oir chan eil mi ag iarraidh gum bi sibhse aineolach mun dìomhaireachd seo, a bhràithrean, airson 's nach bidh sibh glic nur barail fhèin — gu bheil cruadhachadh ann am pàirt air tighinn air Israel gus am bi làn‑àireamh nan Cinneach air tighinn a‑steach.
26
Agus mar sin bidh Israel gu lèir air a sàbhaladh, mar a tha e sgrìobhte: “Thig am Fear‑Saoraidh o Shion; agus tionndaidhidh e mì‑dhiadhaidheachd o Iàcob.
27
Agus is e seo mo chùmhnant leotha, nuair a bheir mi air falbh am peacaidhean.”
28
A thaobh an t‑soisgeil, tha iad nan nàimhdean air ur sgàth‑se. Ach a thaobh an taghaidh, tha iad gràdhaichte air sgàth nan athraichean;
29
oir tha tiodhlacan is gairm Dhè gun atharrachadh.
30
Dìreach mar a bha sibhse aig aon àm eas‑umhail do Dhia, ach a‑nis tha sibh air tròcair fhaighinn air sgàth an eas‑ùmhlachd‑san,
31
mar sin tha iadsan a‑nis cuideachd air a bhith eas‑umhail air sgàth 's, leis an tròcair a chaidh a shealltainn dhuibhse, gum faigh iadsan a‑nis tròcair cuideachd.
32
Oir tha Dia air a h‑uile sìon a dhùnadh suas ann a eas‑ùmhlachd, airson 's gun sealladh e tròcair dhaibh uile.
33
Ò, doimhne saidhbhreis is gliocais is eòlais Dhè! Nach do‑rannsaichte a bhreitheanais, agus nach do‑thuigsinneach a shlighean!
34
“Oir cò aig an robh fios air inntinn an Tighearna? No cò a bha na chomhairleach dha?”
35
“No cò a thug dhàsan an toiseach, airson 's gum biodh e air a phàigheadh air ais?”
36
Oir is ann uaithesan is troimhesan is dhàsan a tha a h‑uile sìon. Dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16