bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Romans 10
Romans 10
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 11 →
1
A bhràithrean, 's e miann mo chridhe is m' ùrnaigh do Dhia dhaibhsan, gum biodh iad air an sàbhaladh.
2
Oir tha mi a' toirt fianais mun deidhinn gu bheil eud aca airson Dhè, ach chan ann a rèir eòlais.
3
Oir, aineolach mun fhìreantachd a tha a' tighinn o Dhia agus a' sireadh am fìreantachd fhèin a shuidheachadh, cha do ghèill iad do dh'fhìreantachd Dhè.
4
Oir is e Crìosd crìoch an lagha airson fìreantachd dhaibhsan uile a chreideas.
5
Oir tha Maois a' sgrìobhadh mun fhìreantachd a tha on lagh: “Bidh an neach a nì na rudan seo beò leotha.”
6
Ach tha an fhìreantachd a tha o chreideamh ag ràdh, “Na can nad chridhe, ‘Cò a thèid suas gu nèamh?’ ” (Is e sin, a bhith a' toirt Chrìosd sìos)
7
“no ‘Cò a thèid sìos dhan doimhneachd?’ ” (Is e sin a bhith a' togail Chrìosd suas o na mairbh).
8
Ach dè a tha i ag ràdh? “Tha am facal faisg ort, nad bheul agus nad chridhe.” (Is e sin facal a' chreideimh a tha sinne a' cur an cèill).
9
Oir, ma dh'aidicheas tu led bheul gur e Ìosa Crìosd an Tighearna agus ma chreideas tu nad chridhe gun do thog Dia on na mairbh e, bidh thu air do shàbhaladh.
10
Oir is ann leis a' chridhe a tha neach a' creidsinn agus air fhìreanachadh, agus leis a' bheul a tha neach ag aideachadh 's air a shàbhaladh.
11
Oir tha an Sgriobtar ag ràdh: “A h‑uile neach a chreideas annsan cha bhi e air a nàrachadh.”
12
Oir chan eil eadar‑dhealachadh sam bith eadar Iùdhach is Greugach; 's e an aon Tighearna Tighearna nan uile, a' buileachadh a bheairteis orrasan uile a tha a' gairm air.
13
Oir, “Ge b' e cò a ghairmeas air ainm an Tighearna thèid a shàbhaladh.”
14
Ach ciamar a ghairmeas iad airsan anns nach do chreid iad? Agus ciamar a chreideas iad annsan mu nach cuala iad? Agus ciamar a chluinneas iad gun shearmonaiche?
15
Agus ciamar a shearmonaicheas iad mura h‑eil iad air an cur? Mar a tha e sgrìobhte, “Nach brèagha casan na feadhna sin a tha a' searmonachadh an deagh sgeòil!”
16
Ach cha robh iad uile umhail dhan t‑soisgeul. Oir tha Isaiah ag ràdh, “A Thighearna, cò a chreid ar teachdaireachd?”
17
Mar sin tha creideamh a' tighinn o èisteachd, agus èisteachd tro fhacal Chrìosd.
18
Ach, tha mi ag ràdh, nach cuala iad? Dha‑rìribh chuala: “Tha an guth‑san air a dhol a‑mach dhan t‑saoghal uile, agus am briathran gu iomallan an t‑saoghail.”
19
Ach tha mi ag ràdh, nach do thuig Israel? An toiseach tha Maois ag ràdh: “Nì mi farmadach sibh tromhpasan nach eil nan nàisean; le nàisean neo‑thuigseach nì mi feargach sibh.”
20
Agus tha Isaiah cho dàn 's gu bheil e ag ràdh: “Chaidh mo lorg leothasan nach robh gam shireadh; dh'fhoillsich mise mi fhèin dhaibhsan nach do dh'fhaighnich air mo shon.”
21
Ach mu Israel tha e ag ràdh: “Fad an latha tha mi air mo làmhan a shìneadh a‑mach ri sluagh eas‑umhail 's a tha nam aghaidh.”
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16