bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Peter 1
1 Peter 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
1
Peadar, ostal Iosa Criosta, thun nan coigreach taghte, a tha sgapte feadh Phontuis, Ghalatia, Chapadocia, Asia, agus Bhithinia,
2
A reir roimh-eòlas De an t-Athair, gu naomhachd an Spioraid, gu umhlachd us crathadh fuil Iosa Criosta. Gun robh grasan agus sith air am miadachadh dhuibh.
3
Beannaichte gun robh Dia us Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a dhʼ ath-ghin sinn gu dochas laidir, a reir a mhor-throcaire fhein, le aiseirigh Iosa Criosta bho na mairbh,
4
Gu oighreachd neo-thruaillidh, gun smal, nach searg, a feitheamh oirbh ann am flathanas,
5
A tha le cumhachd Dhe air ur gleidheadh tromh chreideamh gu sabhaladh, a tha deas gu bhith air a shoillseachadh sna h-amannan deirionnach.
6
Anns an dian sibh mor-aighear, ged is fheudar dhuibh a nis a bhith fo bhròn car seal le iomadh buaireadh,
7
Gus am faighear dearbhadh ur creidimh nas priseile gu mor na òr (a tha airʼa dhearbhadh le teine) gu moladh, ʼs gu onair, ʼs gu gloir aig taisbeanadh Iosa Criosta;
8
Dha bheil sibh a toirt gaoil, ged nach fhaca sibh e; anns a bheil sibh nis a creidsinn, ged nach eil sibh ga fhaicinn: us le bhith creidsinn ni sibh mor-aighear le sòlas nach gabh innse, agus glormhor:
9
A faighinn crioch ur creidimh, se sin, sabhaladh ur n-anmannan.
10
Mu dheidhinn an t-sabhalaidh so, dhʼ iarr us rannsuich gu durachdach na faidhean, a rinn faisneachd mu na grasan a bha gu tighinn oirbhse;
11
A rannsachadh cuin, no ciod an seorsa ama, a bha Spiorad Chriosta a ciallachadh unnta, ʼsa g-innse roimh laimh nam fulangasan sin a thʼ ann an Criosta, ʼs na gloire a thigeadh ʼnan lorg:
12
Dhaibh-san a chaidh thaisbeanadh nach ann dhaibh fhein ach dhuibhse, a fhritheil iad na nichean sin, a tha nis air an innse dhuibh leo-san, a theagaisg dhuibh an soisgeul, air do ʼn Spiorad Naomh a bhith air a chur a nuas á flathanas, air an toigh leis no h-ainglean a bhith g-amharc.
13
Leis a sin air do leasraidh ur n-inntinn a bhith crioslaichte agaibh, agus sibh measarra, biodh dochas coimhlionta agaibh as na grasan a thʼ air an tairgse dhuibh aig taisbeanadh Iosa Criosta,
14
Mar chloinn na h-umhlachd, gun a bhith air ur cumadh ri tograichean ur n-aineolais roimh so:
15
Ach a reir-san, a ghairm sibh, a tha Naomh: bithibhse mar an ciadna naomh ʼnur caithe-beatha gu leir:
16
A chionn tha e sgriobhte: Bithidh sibhse naomh, oir tha mise naomh.
17
Us ma ghairmeas sibh air an Athair, esan a bheir breth gun taobh ri neach seach neach a reir obair gach duine, caithibh ur beatha le fiamh fad laithean ur tuinidh an so:
18
A tuigsinn nach deach ur saoradh le nichean truaillidh, mar tha òr no airgiod, bho chaithe-beatha faoin beul-aithris ur n-aithrichean,
19
Ach le fuil phriseil Chriosta, mar uan gun smal ʼs gun truailleadh:
20
Roimh-aithnichte gu dearbh romh chruthachadh an t-saoghail, ach air a thaisbeanadh sna h-amannan deirionnach air ur sonsa,
21
A tha troimh-san a creidsinn ann an Dia, a thog e bho na mairbh, ʼsa thug gloir dha, gus ur creideamh agus ur dochas a bhith ann an Dia:
22
A glanadh ur n-anmannan le umhlachd na carrantachd, le gaol braithreil, bho chridhe aon-fhillte thugaibh gradh dha cheile gu deothasach:
23
Le sibh a bhith air ur n-ath-bhreith, cha n-ann bho shiol truaillidh, ach neo-thruaillidh, tromh fhacal an De bheo, a mhaireas a chaoidh:
24
Oir tha h-uile feoil mar fhiar, agus a gloir uile mar bhlath an fheoir; shearg am fiar, us thuit a bhlath.
25
Ach mairidh facal an Tighearna gu bràth: agus se so am facal a chaidh a shoisgeulachadh dhuibh.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
Recommended Reading
Commentary
1 Peter Commentaries
→
Devotional
1 Peter Devotional Guide
→
Get This Bible
MacEachen Study Bible
→