bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Peter 3
1 Peter 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 4 →
1
Mar an ciadna biodh mnathan umhailt dha ʼm fearaibh; los, ma tha feadhainn nach eil a creidsinn an fhacail, gum biodh iad as aonais an fhacail air an cosnadh le caithe-beatha nam ban,
2
Le iad a bhith beachdachadh air ur giulan beusach le fiamh.
3
Biodh an sgeadachadh cha n-ann air an taobh-mach le dualadh an fhuilt aca, no le cur suas òir no riomhachas eididh:
4
Ach duine diomhair a chridhe, ann an neo-thruailleachd spioraid shamhaich, chiuin, a tha beairteach an lathair Dhe.
5
Oir ʼsann mar so a sgeadaich roimh so boirionnaich naomh iad fhein, a bha g-earbsa á Dia, us iad striochdte dha ʼm fearaibh fhein.
6
Mar bha Sara umhailt do dhʼ Abraham a cantuinn tighearna ris; dha bheil sibhse ʼnur nigheanan, a tha dianamh gu math, ʼs aig nach eil sion de ghioraig romh thuairgneadh.
7
Sibhse cuideachd, fheara, a tha tamh maille riu a reir eolais, thugaibh onair do ʼn mhnaoi, mar do ʼn t-saghach is laige, ʼs mar do cho-oighreachan air grasan na beatha; gus nach bacar ur n-urnaighean.
8
A dhʼ aon fhacal, bithibh uile a dhʼ aon inntinn, truacanta ri cheile, gaolach air na braithrean, iochdor, stuama, iriosal:
9
Gun olc a dhianamh air son uilc, no càineadh an aghaidh càinidh, ach, a cheart eile, beannachadh: oir ʼsann gu so a tha sibh air ur gairm, gu beannachd a shealbhachadh mar oighreachd.
10
Oir esan leis an toil beatha ghradhachadh, us laithean math fhaicinn, caisgeadh e a theanga bho olc, ʼsa bhilean nach labhair iad foill;
11
Seachnadh e an t-olc, us dianadh e math; sireadh e sith, agus leanadh e i:
12
A chionn gum beil suilean an Tighearna air na daoine cearta, ʼsa chluasan ri ʼn urnaighean: ach tha gnuis an Tighearna air an fheadhainn a tha ri olc.
13
Us co a ʼs urrainn ur dochann, ma tha sibh titheach air nì math?
14
Ach ma dhʼ fhuiligeas sibh nì air son a cheartais, is beannaichte sibh. Agus na biodh sgàth oirbh romh an eagal-san, ʼs na bithibh fo bhruaillean.
15
Ach naomhaichibh an Tighearna Criosta ʼnur cridheachan, deas an comhnuidh gu gach aon a thoileachadh, a dhʼ iarras reuson air an dochas a thʼ unnaibh:
16
Ach le stuamachd ʼs le fiamh, le deagh chogais a bhith agaibh: air chor ʼs, an aite dhaibh a bhith labhairt oirbh air olc, gun gabh iadsan nàire, a tha diteadh gu briagach ur deagh chomhraidh ann an Criosta.
17
Oir is fhearr fulang (ma se sin toil Dhe) a dianamh math, no a dianamh an uilc.
18
A chionn gun dʼ fhuilig Criosta am bàs aon uair air son ar peacannan, an neo-chiontach air son nan ciontach, gus sinn a thairgse do Dhia, ʼs e air a chur gu bàs gu dearbh san fheoil, ach air a bheothachadh san spiorad.
19
Anns an tainig e, us anns na shearmonaich e cuideachd do na spioraid a bha am priosan:
20
A bha air uair mi-chreideach, nuair bha iad a feitheamh ri faighidin Dhe an laithean Noé, nuair bha an àirc ga dianamh; anns an robh beagan, se sin, ochd anmannan air an tiarnadh tromh uisge.
21
ʼS ri dearbh choltas so tha am baisteadh a nis gu ʼr sabhaladh-sa: cha n-ann le toirt air falbh sailche na feola, ach le dearrsachadh deagh chogais an lathair Dhe tromh aiseirigh Iosa Criosta,
22
A tha air deas laimh Dhe, a slugadh sios a bhàis, gus sinn a bhith ʼnar n-oighreachan air a bheatha shiorruidh; ʼs air dha dol suas gu neamh, chuireadh na h-ainglean, ʼs na cumhachdan, ʼs na feartan, fo smachd dha.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5