bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Peter 4
1 Peter 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
1
Bhon a dhʼ fhuilig Criosta ma ta san fheoil, bithibhse cuideachd armaichte leis an smaoineachadh chiadna: oir esan a dhʼ fhuilig san fheoil, sguir e de pheacannan;
2
Los gum bi e nis a chuid eile dhe a latha beo san fheoil, cha n-ann a reir toil dhaoine, ach a reir toil De.
3
Oir is leor an uine chaidh seachad gu coimhlionadh toil nan cinneach dhaibh-san, a ghluais an roic, an druis, an anabarr fiona, an raoitearachd, an cuilmean, ʼs an iodhol-aoradh neo-laghail.
4
Bho sin tha iad ga shaoilsinn ʼna iongantas, nach eil sibhse a ruith comhla riu thun an uamhais chiadna de roic, a labhairt air olc oirbhse:
5
A bheir cunntas dhasan, a tha deas gu breth a thoirt air bheo ʼs air mhairbh.
6
Oir sann air son so fhein a chaidh an soisgeul a shearmonachadh do na mairbh; gu breth a thoirt orra gu dearbh a reir dhaoine san fheoil, ach a bhith beo a reir Dhe san Spiorad.
7
Tha crioch gach ni aig laimh. Bithibh glic ma ta, us dianaibh caithris ri urnaighean.
8
Ach romh ʼn h-uile ni biodh carrantachd bhuan agaibh do gach a cheile: oir tha charrantachd a falach moran pheacannan:
9
A cleachdadh aoidheachd ri gach a cheile gun ghearan:
10
A reir ʼs mar a fhuair gach aon grasan, gan riarachadh air a cheile, mar dheagh luchd-buileachaidh grasan lionor Dhe.
11
Ma labhras duine, labhradh e mar bhriathran Dhe; ma tha duine ri frithealadh, biodh e ris mar leis a chumhachd, a tha Dia buileachadh air; los Dia a dhʼ fhaighinn onair anns a h-uile ni tromh Iosa Criosta, dha bheil gloir agus rioghachd ri linn nan linn. Amen.
12
A mhuinntir mo ghraidh, na gabhaibh ioghnadh as an teas loisgeach a tha gus ur dearbhadh, mar gum bu rud ùr a dhʼ eireadh dhuibh:
13
Ach leis gum beil roinn agaibh am fulangas Chriosta, bithibh aoibhinn, chionn, nuair a thaisbeanar a ghloir, gun dian sibh aoibhneas le mor aighear.
14
Ma nithear taire oirbh air son ainm Chriosta, bithidh sibh beannaichte: oir sin a tha gu onair, gu gloir, ʼs gu cumhachd Dhe, agus esan is Spiorad da, ni e tamh oirbh.
15
Ach na fuiligeadh a h-aon agaibh mar mhurtair, no mar mheirleach, no mar fhear-càinidh, no mar sanntach air cuid chàich.
16
Ach ma ʼsann mar chriostaidh, na biodh nàire air: ach thugadh e gloir do Dhia san ainm sin.
17
Oir tha an t-àm ann gun tòisich breitheanas aig tigh Dhe. Us ma ʼsann againn an toiseach, ciod a chrioch a bhios aca-san, nach eil a creidsinn soisgeul Dhe?
18
Agus ma ʼs gann a thiarnar an duine ionraic, càit am fiach an duine mi-dhiadhaidh ʼs am peacach iad fhein?
19
Le sin iadsan, a tha fulang a reir toil De, earbadh iad an anmannan ann an deagh ghniomhran ris a Chruthadair dhileas.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5