bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Peter 5
1 Peter 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
1
Tha mi guidhe ma ta air na seanairean ʼnur measg, ʼs mi fhein cuideachd am sheanair, ʼs am fhianuis air fulangasan Chriosta, agus am fhear-comhphairt de ʼn ghloir sin a tha ri foillseachadh anns an àm ri tighinn:
2
Beathaichibh treud Dhe a tha ʼnur measg, a gabhail curaim dhi, cha n-ann a dhʼ aindeoin, ach gu deonach a reir Dhe; cha n-ann air son buannachd salaich, ach le ʼr deoin;
3
Cha mhua ʼsann le ain-tighearnas air a chleir, ach ʼnur luchd-sampuill do ʼn treud bho ʼn chridhe.
4
Us nuair dhʼ fhoillsichear prionns nam buachaillean, gheobh sibh crùn na glorach nach searg.
5
Mar an ciadna bithibh, a dhaoine oga, umhailte do na seanairean. Us fiachaibh uile umhlachd do gach a cheile: oir tha Dia a cur an aghaidh nan uaibhreach, ʼsa toirt ghrasan do na daoine iriosal.
6
Bithibhse ma ta iriosal fo laimh chumhachdaich Dhe, los gun ardaich e sibh an àm na sealltuinn:
7
A tilgeadh ur n-uile churaim air, oir tha curam aige dhibh.
8
Bithibh measarra, agus dianaibh faire: a chionn gum beil ur namhaid an deomhan a dol mun cuairt mar leomhan beucach a sireadh co a shluigeas e:
9
Cuiribhse ʼna aghaidh, laidir sa chreideamh: le fios gum beil ur braithrean, a tha san t-saoghal, fo ʼn diachuinn chiadna.
10
Ach Dia nan uile ghras, a ghairm sinn gu ghloir shiorruidh ann an Iosa Criosta, an deigh dhuibh beagan fhulang, ni e fhein coimhlion, laidir, agus steidheil sibh.
11
Dhasan gun robh gloir us rioghachd fad shaoghal nan saoghal. Amen.
12
Le Silbhanus, brathair dileas dhuibhse, mar tha mi an duil, sgriobh mi ann am beagan bhriathran: a guidhe, sa toirt teisteanais, gur iad so fior ghrasan Dhe air a bheil sibh ʼnur seasamh.
13
Tha an eaglais a thʼ ann am Babilon, a thaghadh maille ribh, a cur bheanuachd gu ʼr n-ionnsuidh, agus cuideachd Marcus mo mhac.
14
Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh. Grasan gun robh dhuibh uile, a tha ann an Iosa Criosta. Amen.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
All chapters:
1
2
3
4
5