bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 Peter 2
1 Peter 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 3 →
1
Uime sin a cur air chul a h-uile gò, ʼsa h-uile foille, us ceilge, us farmaid, ʼsa h-uile culchainnte,
2
Mar naoidheanan air an ùr-bhreith, iarraibh bainne reusonta gun cheilg; los gum fàs sibh leis gu sabhaladh:
3
Ma se ʼs gun do bhlais sibh gum beil an Tighearna milis.
4
Agus sibh a tighinn ga ionnsuidhse, mar gu cloich bheo, a dhiultadh gu dearbh le daoine, ach air a taghadh agus ann an urram le Dia:
5
Bithibhse cuideachd, mar bheo-chlachan air an togail suas, ʼnur tigh spioradail, ʼnur sagartachd naoimh gu tairgse suas iobairtean spioradail, taitneach do Dhia tromh Iosa Criosta:
6
As leth so tha e ri fhaighinn san Sgriobtur: Seall, suidhichidh mi ann an Sion priomh chlach-oisne, thaghte, phriseil: agus an neach a chreideas innte, cha bhi e air a narachadh.
7
Dhuibhse ma ta, a tha creidsinn, tha i ʼna h-urram: ach dhaibh-san nach eil a creidsinn, a chlach a dhiult na clachairean, rinneadh i so ʼna ceann na h-oisne;
8
Agus ʼna cloich-thuislidh, ʼs ʼna carraig sgainneil dhaibh-san, a thuislicheas air an fhacal, ʼs nach creid annsan sna shuidhicheadh iad.
9
Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rioghail, cinneadh naomh, pobull ceannaichte; los gun dian sibh follaiseach na buadhan aige-san, a ghairm sibh à dorchadas gu sholus miarailteach fhein:
10
Sibhse nach robh air uair ʼnur pobull, ach a tha nis; ʼnur pobull De: sibhse nach dʼ rainig air trocair, ach a nis a rainig air trocair.
11
A mhuinntir mo ghraidh, tha mi guidhe oirbh mar choigrich ʼs mar luchd-cuairt, sibh gu ʼr cumail fhein bho ana-miannan na feola, a tha cogadh an aghaidh an anma,
12
Le deagh ghiulan a bhith agaibh am measg nan cinneach; los, an aite olc a labhairt ʼnur n-aghaidh mar luchd-drochbheart, gun toir iad, le beachdachadh air ur deagh ghniomhran, gloir do Dhia air latha na sealltuinn.
13
Bithibh uime sin umhailte do ʼn h-uile creutair daonda air sgàth Dhe, co-dhiu ʼsann do ʼn righ, mar do ʼn neach is urramaiche,
14
No do dhʼ uachdrain, mar do dhaoine air an cur leis-san gu diughladh air na droch dhaoine, ʼs gu moladh nan daoine matha:
15
Oir se so toil Dhe, gun cuir sibh samhach, le math a dhianamh, aineolas dhaoine aimideach:
16
Mar dhaoine saor, gun a bhith dianamh dhe ʼr saorsa cleochd do dhrochmheinn, ach mar sheirbhisich Dhe.
17
Thugaibh urram do dhaoine uile, gaol do na braithrean, fiamh do Dhia, onair do ʼn righ.
18
A sheirbhisich, bithibh umhailte dha ʼr maighistirean leis a h-uile athadh, cha n-ann a mhain dhaibh-san, a tha math agus caoin, ach dhaibh-san a tha iargalta cuideachd.
19
Oir ʼs fhiach so taing, ma chuireas neach air son cogais as leth Dhe suas ri anshocair, a fulang neo-chiontach.
20
Oir ciod an t-aobhar uaille, ma ʼsann ʼnur peacaich, ʼsa thaobh sin air ur bualadh, a tha sibh a fulang? Ach ma ʼsann a dianamh math a tha sibh a fulang gu faighidneach, is airidh so air taing an lathair Dhe.
21
Oir ʼsann gu so a chaidh ur gairm: a chionn gun dʼ fhuilig Criosta air ar son, a fagail samhla agaibh, gus sibh a cheuman a leanail:
22
Esan nach dʼ rinn peacadh, ʼs cha mhua fhuaradh foill ʼna bhial.
23
Nuair a chàineadh e, nach do chàin; nuair a dhʼ fhuilig e, nach do mhaoith: ach liubhair e e fhein seachad dhasan a thug breth eucorach air;
24
A ghiulain ʼna choluinn fhein ar peacannan air a chrann; los, le bhith marbh do ʼn pheacadh, gum bi sinn beo do cheartas: le sgiursadh-san shlanuicheadh sibh.
25
Oir mar chaoraich bha sibh a dol air seachran, ach tha sibh a nis air tionndadh ri buachaill agus easbuig ur n-anmannan.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5