bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Mark 16
Mark 16
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
1
ʼS nuair a chaidh an t-sàbaid seachad, cheannaich Mairi Magdalen, us Mairi mathair Sheumais, agus Salome, spiosradh, los, air tighinn daibh, gun ungadh iad Iosa.
2
Agus ro-mhuch sa mhaduinn air a chiad latha deʼn t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe an deigh eirigh na greine.
3
ʼS bha iad a g-radh ri cheile: Co charaicheas a chlach dhuinn bho bhial na h-uaighe?
4
ʼSa toirt sula, chunnaic iad a chlach air a carachadh air a h-ais. Oir bʼanabarrach mor i.
5
ʼSa dol a stigh doʼn uaigh, chunnaic iad oganach ʼna shuidhe air an taobh dheas, an eideadh geal, agus bha sgàth orra.
6
Us thuirt e riu: Na biodh eagal oirbh: tha sibh a sireadh Iosa bho Nasareth a chaidh cheusadh: dhʼeirich e, cha n-eil e an so, seallaibh an t-aite far na chuir iad e.
7
Ach falbhaibh, us innsibh dha dheisciopuil, agus do Pheadar, gu bheil e dol roimhibh do Ghalile: chi sibh an sin e, mar thuirt e ribh.
8
ʼSa gabhail a mach, theich iadsa bhoʼn uaigh: oir ghlac eagal us balla-chrith iad; ʼs cha tuirt iad ni ri duine air bith: oir bha sgàth orra.
9
Ach esan a g-eirigh much sa mhaduinn air a chiad latha deʼn t-seachduin, chunnacas an toiseach e le Mairi Magdalen, as na chuir e seachd deomhain.
10
Dhʼfhalbh ise, agus dhʼ innis i dhaibhse a bhʼair a bhith comhla ris, ʼs iad a gal ʼsa caoidh.
11
Us iadsʼ a cluinntinn gun robh e beo, ʼs gum facas e leatha, cha do chreid iad.
12
ʼS an deigh sin dhʼfhiach e e fhein an riochd eile do dhithis dhiu, a bha coiseachd a mach doʼn duthaich.
13
Agus dhʼfhalbh iadsan, us dhʼinnis iad do chàch: ʼs cha mhua chreid iadsan iad.
14
Mu dheireadh chunnacas e leis na h-aon-diag, nuair a bha iad aig bord; agus thug e achasan dhaibh air son am mi-chreidimh agus cruas an cridhe: a thaobh nach do chreid iad an fheadhainn a chunnaic e an deigh dha eirigh rithist.
15
Us thuirt e riu: Falbhaibh feadh an t-saoghail gu leir, agus searmonaichibh an soisgeul doʼn h-uile creutair.
16
Esan a chreideas ʼsa bhaistear, sabhailear e: ach esan nach creid, theid a dhiteadh.
17
Agus leanaidh na comharran so iadsan a chreideas: Na mʼ ainmse tilgidh iad a mach deomhain: labhraidh iad le teangan ura;
18
Us togaidh iad nathraichean; agus ma dhʼolas iad ni marbhtach air bith, cha dian e dolaidh orra; cuiridh iad an lamhan air daoine tinn, agus bithidh iad gu math.
19
Agus an deigh doʼn Tighearna Iosa labhairt riu, thogadh suas e gu neamh, agus tha e ʼna shuidhe air laimh dheis De.
20
Agus chaidh iadsan a mach, agus shearmonaich iad anns gach aite, an Tighearna a co-oibreachadh leo, ʼsa daingneachadh an fhacail leis na comharran a lean.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16