bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Mark 5
Mark 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 6 →
1
Agus thainig iad thairis air a chaolas mhara gu duthaich nan Geresach.
2
ʼSa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan,
3
Aig an robh a thuineadh anns na h-uaighean, ʼs cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheangal a nis, ged bʼ ann le slabhruidhean:
4
Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, ʼs le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, ʼs bhruan e na cuibhrichean, agus cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheannsachadh.
5
Us bha e daonnan a latha ʼsa dhʼoidhche anns na h-uaighean agus anns na beanntan, a g-eigheach, ʼs ga bhruthadh fhein le clachan.
6
ʼSa faicinn Iosa fad as, ruith e, ʼs thug e aoradh dha;
7
ʼSa g-eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod mo ghnothachsa riut, Iosa Mhic an De is airde? guidheam ort as leth Dhe, nach pian thu mi.
8
Oir thuirt e ris: Gabh a mach as an duine, a spioraid neoghlain.
9
Agus dhʼfhaighnich e dheth: Cʼainm thʼort? Us thuirt e ris: Se Legion mʼ ainm, oir is moran sinn.
10
Us ghrios e gu cruaidh air, nach fogradh e mach as an duthaich e.
11
Agus bha an sin mun bheinn treud mhor mhuc a g-ionaltradh.
12
Agus ghuidh na spioraid air, a g-radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta,
13
Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. ʼS air dol a mach do na spioraid neoghlan, chaidh iad a stigh anns na mucan; us chaidh an treud, a bha mu dhà mhile, ʼnan deann-ruith an comhair an cinn sa mhuir, agus thachdadh iad sa mhuir.
14
Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, us dhʼinnis iad sa bhaile, us feadh na ducha. Agus chaidh iad a mach a dhʼfhaicinn ciod a thachair;
15
Us thainig iad gu Iosa, agus chunnaic iad esan, a bha air a sharachadh leis an deomhan, ʼna shuidhe agus aodach uime, agus ʼna lan chiall; us ghabh iad eagal.
16
Agus dhʼinnis iadsan, a chunnaic e dhaibh mar a rinneadh airsan anns an robh an deomhan, agus mu dheidhinn nam muc.
17
Agus thòisich iad ri guidhe air, gum falbhadh e as an criochan.
18
ʼS nuair a bha e dol a stigh doʼn bhàta, thòisich am fear, a bha air a phianadh leis an deomhan, ri griosad air a leigeil comhla ris:
19
Agus cha do leig e leis, ach thuirt e ris: Falbh dhachaidh gu do mhuinntir, us innis dhaibh a mhiad ʼsa rinn an Tighearna riut, ʼs mar ghabh e truas riut.
20
Us dhʼfhalbh e, agus thòisich e ri innse ann an Decapolis a mhiad sa rinn Iosa ris; agus ghabh iad uile iongantas.
21
ʼS nuair a chaidh Iosa thar an aiseag a rithist sa bhàta, thionail moran sluaigh ga ionnsuidh, agus bha e teann air a mhuir.
22
Agus thainig fear de dhʼuachdrain an t-sinagoig, dhaʼm bʼainm Iairus; ʼs ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan,
23
Agus ghuidh e gu cruaidh air, a g-radh: Tha mo nighean ri uchd bàis, thig, cuir do lamh oirre, los gun leighisear i, ʼs gum bi i beo.
24
Us dhʼfhalbh e comhla ris, agus lean cuideachda mhor e, us bha iad a domhlachadh uime.
25
Agus boirionnach, air an robh siubhal fala fad dà bhliadhna dhiag,
26
ʼSa dhʼfhuilig moran bho iomadh lighich, ʼsa chosg a cuid uile, ʼs nach deach dad am feobhas, ach an aite sin am miosad,
27
A cluinntinn mu Iosa, thainig i, am measg an t-sluaigh, air a chulaobh, agus bhean i dha eideadh;
28
Oir thuirt i: Ged nach dian mi ach beantuinn dha aodach, bithidh mi slan.
29
Us thiormaich san uair a tobar fala, agus dhʼfhairich i air a coluinn gun robh a h-eucail air a leigheas.
30
Agus dhʼaithnich Iosa sa cheart uair ann fhein, gun deach feartan a mach bhuaithe, agus thionndaidh e ris an t-sluagh, us thuirt e: Co bhean dha mʼ eideadh?
31
Us thuirt a dheisciopuil ris: Tha thu faicinn an t-sluaigh ga dʼ theannachadh, ʼs an abair thu: Co bhean dhomh?
32
Agus sheall e mun cuairt a dhʼfhaicinn na té a rinn so.
33
Ach am boirionnach a tuigsinn na rinneadh innte, thainig i fo fhiamh ʼs air chrith, agus thuit i sios air a bhialaobh, us dhʼinnis i dha an fhirinn gu leir.
34
Us thuirt esan rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh ann an sith, us bi air do leigheas bho tʼ eucail.
35
Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig feadhainn bho riaghladair an t-sinagoig, a g-radh: Chaochail do nighean: car-son a tha thu cur tuille dragh air a mhaighistir?
36
Ach nuair a chual Iosa am facal a bhathas a labhairt, thuirt e ri riaghladair an t-sinagoig: Na gabh eagal: ach a mhain creid.
37
ʼS cha do leig e le duine air bith a leanail, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, brathair Sheumais.
38
Us rainig iad tigh riaghladair an t-sinagoig, agus chunnaic e an iomairt, us sluagh a gal, ʼsa caoidh gu goirt.
39
ʼSa dol a stigh, thuirt e riu: Car-son tha sibh fo bhruaillean, ʼsa gal? cha n-eil an nighean marbh, ach ʼna cadal.
40
Us rinn iad gàire fanaid air. Ach air dhasan an cur uile mach, thug e leis athair us mathair na h-ighinn, us iadsan a bha cuide ris, agus chaidh e a stigh far an robh an nighean ʼna laidhe.
41
ʼSa breith air laimh na h-ighinn, thuirt e rithe: Talitha cumi, se sin air eadar-theangachadh: A nighean (tha mi g-radh riut), eirich.
42
Us dhʼeirich an nighean san uair, us choisich i, oir bha i dà bhliadhna dhiag a dhʼ aois. Agus bʼanabarrach an t-iongantas a ghabh iad.
43
Us sparr e gu cruaidh orra, gun neach air bith brath fhaighinn air so; agus dhʼ iarr e rudeigin a thoirt di ri icheadh.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16