bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Mark 3
Mark 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 4 →
1
Us chaidh e stigh a rithist do ʼn t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte.
2
Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air na laithean sàbaid; los cuis dhitidh fhaighinn ʼna aghaidh.
3
Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon.
4
Us thuirt e riu: A bheil e laghail math dhianamh air na laithean sàbaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as di? Ach bha iadsan ʼnan tosd.
5
ʼSa g-amharc orra mun cuairt le feirg ʼs le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sìn a mach do lamh. Agus shìn e i: us rinneadh slan a lamh dha.
6
ʼSna Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich ʼna aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad a dhith e.
7
Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile ʼs bho Iudéa,
8
Agus bho Ierusalem, agus bho Iduméa, ʼs bho thaobh thall Iordain; us iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, ʼs iad air cluinntinn nan nichean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh.
9
Agus thuirt e ri dheisciopuil, saghach beag a bhith ga fhreasdal as leth an t-sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e.
10
Oir leighis e moran, air chor ʼs gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn da, a mhiad ʼsa bha easlainteach.
11
ʼS nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dhʼeigh iad, a g-radh:
12
Is tusa Mac Dhe. Us mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach.
13
ʼSa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a bʼaill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh.
14
Agus roghnaich e gum biodh dà fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad.
15
Us thug e comas dhaibh tinneasan a leigheas, agus deomhain a thilgeadh a mach.
16
Agus thug e Peadar mar ainm air Simon:
17
Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, us thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich:
18
Agus Aindris, agus Philip, agus Bartholomé, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananéach,
19
Agus Iudas Iscariot, esa mar an ciadna a bhrath e.
20
Us thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor ʼs nach bʼ urrainn daibh urad agus aran iche.
21
ʼS nuair a chual a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Guna ghabh e an caothach.
22
Us thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas á Ierusalem: Tha Beelsebub aige, ʼs gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan.
23
ʼS an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riu ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach?
24
Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, cha n-urrainn do ʼn rioghachd sin seasamh.
25
Agus ma bhios tigh air a roinn ʼna aghaidh fhein, cha n-urrainn do ʼn tigh sin seasamh.
26
ʼS ma tha Satan air eirigh ʼna aghaidh fhein, tha e roinnte, ʼs cha n-urrainn da seasamh, ach tha crioch air.
27
Cha n-urrainn do neach air bith dol a stigh do thigh duine laidir, agus ʼairneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh.
28
Gu firinneach tha mi g-radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum:
29
Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha n-fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh.
30
Chionn gun robh iad a g-radh: Tha spiorad neo-ghlan aige.
31
Us thainig a mhathair ʼsa bhraithrean; ʼs ʼnan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh.
32
Agus bha an sluagh ʼnan suidhe mun cuairt da; us thuirt iad ris: Faic tha do mhathair ʼs do bhraithrean a muigh ga tʼ iarraidh.
33
Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean?
34
ʼSa g-amharc mun cuairt orrasan, a bha ʼnan suidhe mu thimchioll, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean.
35
Oir is esan, a ni toil De, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16