bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Mark 2
Mark 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 3 →
1
Agus chaidh e stigh a rithist do Chapharnaum an ceann beagan laithean.
2
Us chualas gun robh e san tigh, agus chruinnich moran, ionnus ʼs nach faigheadh iad fiu timchioll an doruis, us labhair e am facal riu.
3
Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar.
4
ʼSa chionn nach bʼurrainn iad a chur ʼna lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad an tigh far an robh e; ʼs air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe ʼna laidhe.
5
ʼS nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut.
6
Ach bha cuidʼ de na Sgriobhaich ʼnan suidhe an sin, ʼsa smaoineachadh ʼnan cridheachan:
7
Ciod thaʼm fearsa cantuinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia ʼna aonar?
8
Dhʼaithnich Iosa san uair ʼna spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, us thuirt e riu: Car-son tha sibh a smaoineachadh nan nichean sin ʼnur cridheachan?
9
Co dhiu is fhasa gh-radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich?
10
Ach los fios a bhith agaibh gum beil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,)
11
Deiream riut: Eirich, tog do leaba, agus imich gu do thigh.
12
Agus ghrad-dhʼeirich e: ʼsa togail a leaba, dhʼfhalbh e ʼnam fianuis uile; air chor ʼs gun do ghabh iad ioghnadh air fad, ʼs thug iad gloir do Dhia, a g-radh: Cha n-fhaca sinn riamh a leithid so.
13
Us chaidh e mach a rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, us theagaisg e iad.
14
ʼS nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis ʼna shuidhe an tigh na cise, us thuirt e ris: Lean mise. ʼSa g-eirigh, lean e e.
15
Agus thachair, nuair a bha e ʼna shuidhe aig biadh ʼna thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor us pheacach mar ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e.
16
Agus na Sgriobhaich ʼs na Phairisich a faicinn gun robh e g-iche comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Car-son a tha ur maighistir a g-iche ʼsa g-ol comhla ri cismhaoir agus peacaich?
17
Air do Iosa so chluinntinn, thuirt e riu: Cha n-eil feum aig daoine slana air leigh, ach aig daoine tinne: oir cha tainig mi a ghairm nan naomh ach nam peacach.
18
Agus bha deisciopuil Eoin ʼs nam Phairiseach a trasgadh; agus thainig iad, us thuirt iad ris: Car-son tha deisciopuil Eoin ʼs nam Phairiseach ri traisg, agus nach eil na deisciopuil agadsa ri traisg?
19
Us thuirt Iosa riu: An urrainn clann na bainnse trasgadh, fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riu? Fhad ʼsa bhitheas fear-na-bainnse cuide riu, cha n-urrainn dhaibh trasgadh.
20
Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin.
21
Cha n-fhuaghail duine air bith breid de dhʼaodach ùr air seann eideadh: air-neo bheir am breid ùr a liad fhein as an t-seann aodach, us bithidh an stracadh nas mua.
22
Agus cha chuir duine sam bith fion ùr ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, us doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is còir fion ùr a chur an searragan ùra.
23
Us thachair a rithist, nuair a bha an Tighearna triall tromh achaidhean arbhair air an t-sàbaid, gun a theann a dheisciopuil, ʼs iad a gabhail air an adhart, ri spioladh dhias.
24
Us thuirt na Phairisich ris: Seall, car-son tha iad a dianamh air latha na sàbaid ni nach eil ceadaichte?
25
Us thuirt e riu: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Dài, nuair a bha e feumach ʼs air acras, e fhein agus iadsan a bha cuide ris?
26
Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dhʼich e na builionnan-tairgse, nach robh ceadaichte icheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhse a bha comhla ris?
27
Us thuirt e riu: Rinneadh an t-sàbaid air son an duine, ʼs cha n-e an duine air son na sàbaid.
28
Mar sin se Mac an duine Tighearna na sàbaid fhein.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16