bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Mark 8
Mark 8
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 9 →
1
Anns na laithean sin a rithist nuair a bha moran sluaigh ann, gun ni aca a dhʼitheadh iad, ghairm e a dheisciopuil, us thuirt e riu:
2
Tha truas agam ris an t-sluagh: oir, seall, tha iad air giulan leam cheana tri latha, ʼs cha n-eil ni aca a dhʼitheas iad:
3
Agus ma leigeas mi air falbh iad ʼnan traisg dhaʼn tighean, fannaichidh iad air an rathad; oir thainig cuid dhiu fad as.
4
Us fhreagair a dheisciopuil e: Co as is urrainn do neach an riarachadh le aran an so san fhasach?
5
Us dhʼfharraid e dhiu: Co miad builionn a thʼagaibh? Thuirt iad: Seachd.
6
Agus dhʼorduich e doʼn t-sluagh suidhe air an làr. ʼSa glacail nan seachd builionnan, ʼsa toirt buidheachais, bhrist e, us thug e dha dheisciopuil iad gus an cur air am bialaobh, agus chuir iad air bialaobh an t-sluaigh iad.
7
ʼS bha beagan de mheanbh-iasg aca; agus bheannaich e iad, agus dhʼ iarr e an cur air am bialaobh.
8
Agus dhʼith iad, us riaraicheadh iad, agus deʼn phronnaig a dhʼfhagadh thog iad seachd cleibh.
9
Us bha an fheadhainn a dhʼith mun cuairt do cheithir mile: agus chuir e air falbh iad.
10
ʼS gun mhoille chaidh e stigh do shaghach maille ri dheisciopuil, agus thainig e gu criochan Dhalmanutha.
11
Agus thainig na Phairisich a mach, us thòisich iad ri cheasnachadh, a g-iarraidh comharraidh air bho neamh, ga bhuaireadh.
12
ʼSa g-osnaich ʼna spiorad, thuirt e: Car-son a tha an ginealach so a g-iarraidh comharraidh? gu deimhinn tha mi g-radh ribh, nach toirear comharradh doʼn ghinealach so.
13
Agus gam fagail chaidh e a rithist air bord saghaich, us dhʼfhalbh e thar a chaol.
14
Agus dhiochuimhnich iad builionnan a thoirt leo; agus cha robh aca ach aon bhuilionn maille riu san eathar.
15
Us dhʼàithn e orra, a g-radh: Bithibh sealltuinneach agus faicilleach oirbh fhein bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, ʼs bho thaois-ghoirt Heroid.
16
Agus bha iadsa reusonachadh ri cheile, a g-radh: ʼSann a chionn nach eil aran againn.
17
Os Iosa riu, ʼs e tuigsinn so: Car-son tha sibh smaoineachadh a chionn ʼs nach eil aran agaibh? nach eil aithne agaibh fhathast no tuigse? am beil ur cridhe dall fhathast?
18
Tha suilean agaibh, ʼs nach eil sibh a faicinn? agus tha cluasan agaibh, ʼs nach eil sibh a cluinntinn? cha mhua tha sibh a cuimhneachadh,
19
Nuair bhrist mi na coig builionnan am measg choig mile, co miad lan cleibh de phronnagan a thog sibh? Thuirt iad ris: A dhà-dhiag.
20
Agus a rithist na seachd builionnan am measg cheithir mile, co miad cliabh de phronnagan a thog sibh? Us thuirt iad ris: Seachd.
21
Us thuirt e riu: Ciamar nach eil sibh a tuigsinn fhathast?
22
Agus thainig iad gu Bethsaida, ʼs thug iad duine dall ga ionnsuidh, agus ghuidh iad air gum beanadh e dha.
23
ʼSa breith air laimh an doill, thug e mach as a bhaile e; ʼsa cur a shile air a shuilean, ʼsa cur a lamhan air, dhʼ fharraid e dheth, an robh e faicinn dad.
24
ʼSa sealltuinn suas thuirt e: Tha mi faicinn dhaoine mar chraobhan a g-imeachd.
25
An sin chuir e a lamhan air a shuilean rithist; agus thòisich e ri faicinn; us fhuair e fhradharc, air chor ʼs gum bu leir dha gach ni gu soilleir.
26
Us chuir e gu thigh fhein e, a g-radh: Falbh gu do thigh; agus ma theid thu stigh doʼn bhaile, na innis do neach air bith.
27
Agus chaidh Iosa agus a dheisciopuil a mach gu bailtean Chesaréa Philippi; ʼs air an t-slighe dhʼ fharraid e dhe dheisciopuil, a g-radh riu: Co tha daoine g-radh is mi?
28
Fhreagair iad e a g-radh: Eoin Baiste, cuid Elias, ach cuid eile mar h-aon de na faidhean.
29
An sin thuirt e riu: Ach co tha sibhse cantuinn is mi? Fhreagair Peadar, us thuirt e ris: Is tu Criosta.
30
Agus mhaoidh e orra, gun iad a dhʼinnseadh so uime do neach air bith.
31
Us thòisich e ri theagasg dhaibh gum feum Mac an duine moran fhulang, a bhith air a dhiultadh leis na seanairean, ʼs leis na h-ard-shagairt, agus leis na Sgriobhaich, ʼsa bhith air a chur gu bàs; agus an deigh thri laithean eirigh a rithist.
32
Agus labhair e am facal gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus theann e ri chronachadh.
33
Ach Iosa a tionndadh, sheall e air a dheisciopuil, us bhagair e air Peadar, a g-radh: Theirig air mo chulaobh, a shatain: oir cha n-eil tlachd agad de nichean Dhe, ach de nichean dhaoine.
34
ʼSa gairm an t-sluaigh maille ri dheisciopuil ga ionnsuidh, thuirt e riu: Ma ʼs aill le neach air bith mise leantuinn, aicheadhadh e e fhein, us togadh e chrois, agus leanadh e mi.
35
Oir co sa bith leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: agus co sa bith chailleas a bheatha air mo shonsa, ʼs air son an t-soisgeil, sabhailidh e i.
36
Oir ciod e is fheairrde duine, an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e anam?
37
No ciod a bheir duine an eirig anma?
38
Oir an neach a ghabhas naire asamsa, us as mo bhriathran, anns a ghinealach adhaltrannach agus pheacach so, gabhaidh Mac an duine naire as-san, nuair a thig e an gloir Athar maille ris na h-ainglean naomha.
39
Us thuirt e riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gum beil cuid dhiu-san, a tha ʼnan seasamh an so, nach blais bàs, gus am faic iad rioghachd Dhe a tighinn an cumhachd.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16