bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Hebrews 1
Hebrews 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 2 →
1
Dia, a labhair o shean gu minig, agus air iomadh dòigh ris na h‑athraichean leis na fàidhean,
2
Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail;
3
Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:
4
Air dha a bhith air a dhèanamh nas ro‑òirdheirce na na h‑aingil, a mheud is gun d’fhuair e mar oighreachd ainm a bu ro‑fheàrr na iadsan.
5
Oir cò de na h‑aingil ris an dubhairt e uair air bith, Is tu mo Mhac-sa, an‑diugh ghin mi thu? Agus a‑rìs, Bidh mise am Athair dhàsan, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa?
6
Agus a‑rìs, nuair a tha e a’ tabhairt a’ chiad-ghin a‑steach don t‑saoghal, tha e ag ràdh, Agus dèanadh uile aingil Dhè adhradh dha.
7
Agus a‑thaobh nan aingeal tha e ag ràdh, Neach a tha a’ dèanamh ainglean nan spioradan, agus a mhinistearan nan lasair theine.
8
Ach ris a’ Mhac tha e ag ràdh, Tha do rìgh-chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal; is slat-rìoghail ro‑chothromach slat do rìoghachd-sa:
9
Ghràdhaich thu fìreantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd; uime sin dh’ung Dia, do Dhia-sa, thu le ola aoibhneis os cionn do chompanach.
10
Agus, Leag thusa, a Thighearna, bunaitean na talmhainn air tùs; agus is iad na nèamhan obraichean do làmh:
11
Teirgidh iadsan, ach mairidh tusa: agus fàsaidh iad uile sean mar aodach;
12
Agus fillidh tu iad mar bhrat, agus caochlaidhear iad: ach is tusa an Tì ceudna, agus chan fhàilnich do bhliadhnachan.
13
Ach cò de na h‑ainglean ris an dubhairt e uair air bith, Suidh air mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl-chas fod chasan?
14
Nach spioradan-frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13