bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Hebrews 5
Hebrews 5
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 6 →
1
Oir tha gach uile àrd-shagart, air a thoirt o mheasg dhaoine, air òrdachadh airson dhaoine ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum gun toir e suas araon tìodhlacan agus ìobairtean airson pheacaidhean:
2
Neach a tha comasach air truas a ghabhail ris an dream a tha aineolach, agus air seachran: do bhrìgh gu bheil e fhèin mar an ceudna air a chuartachadh le anfhainneachd:
3
Agus air a shon seo, is còir dha ìobradh airson pheacaidhean, mar as leth an t‑sluaigh, is amhail sin as a leth fhèin mar an ceudna.
4
Agus cha ghabh aon duine an t‑urram seo dha fhèin, ach an tì a tha air a ghairm o Dhia, mar a bha Aaron:
5
Is amhail sin, cha do ghlòraich Crìosd e fhèin, gu bhith air a dhèanamh na Ard-shagart; ach an tì a thubhairt ris, Is tu mo Mhac, an‑diugh ghin mi thu.
6
A rèir mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an ionad eile, Is sagart thu gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.
7
Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd-èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.
8
Ged bu Mhac e, dh’fhòghlaim e ùmhlachd o na nithean a dh’fhuiling e:
9
Agus air dha a bhith air a dhèanamh foirfe, rinneadh e na ùghdar slàinte shìorraidh dhaibhsan uile a bhios umhail dha;
10
Air a ghairm le Dia na Ard-shagart a rèir òrdagh Mhelchisedeic;
11
Mum bheil mòran againn ri labhairt, agus cruaidh rim mìneachadh; do bhrìgh gu bheil sibh mall nur n‑èisdeachd.
12
Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd-teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad-thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir.
13
Oir gach neach a tha a’ gnàthachadh bainne, tha e neo-theòma air facal na fìreantachd: oir is naoidhean e.
14
Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13