bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Hebrews 7
Hebrews 7
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 8 →
1
Oir b’e am Melchisedec seo rìgh Shàleim, sagart an Dè as ro‑àirde, neach a choinnich Abrahàm a’ tilleadh o àr nan rìghrean, agus a bheannaich e;
2
Don tug Abrahàm eadhon deicheamh den uile: neach as e air tùs, air eadar-theangachadh, rìgh na fìreantachd, agus na dhèidh sin mar an ceudna, rìgh Shàleim, is e sin rìgh na sìthe;
3
Gun athair, gun mhàthair, gun sinnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha aige; ach air a dhèanamh cosmhail ri Mac Dhè, tha e a’ fantainn na shagart gu sìorraidh.
4
A‑nis thugaibh an aire cia mòr an duine seo, don tug eadhon am prìomh-athair Abrahàm an deicheamh den chreich.
5
Agus gu deimhinn iadsan de chloinn Lèbhi, a tha a’ faotainn na sagartachd, tha àithne aca deicheamh a thogail on t‑sluagh a rèir an lagha, sin ri ràdh, om bràithrean fhèin, ged thàinig iad a‑mach à leasraidh Abrahàim:
6
Ach an tì nach eil air a shloinneadh uapasan, fhuair e deicheamh o Abrahàm, agus bheannaich e esan aig an robh na geallaidhean.
7
Agus gun ag sam bith, beannaichear an tì as lugha leis an tì as fheàrr.
8
Agus an seo tha daoine a gheibh bàs a’ faotainn deichimh: ach an sin an tì aig a bheil fianais gu bheil e beò.
9
Agus mar a dh’fhaodas mi a ràdh, fhuaireadh ann an Abrahàm deicheamh o Lèbhi fhèin, a thogas an deicheamh:
10
Oir bha e fhathast ann an leasraidh a athar, nuair a choinnich Melchisedec e.
11
A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?
12
Oir air don t‑sagartachd a bhith air a h‑atharrachadh, is èiginn an lagh a bhith air atharrachadh mar an ceudna.
13
Oir an tì air an labhrar na nithean sin, buinidh e do threubh eile, de nach do rinn aon neach frithealadh aig an altair.
14
Oir is soilleir gur ann o Iùdah a dh’èirich ar Tighearna, treubh air nach do labhair Maois nì air bith a‑thaobh sagartachd.
15
Agus tha e fhathast nas ro‑shoilleire, a mheud gun d’èirich sagart eile a rèir coslas Mhelchisedeic,
16
A rinneadh na shagart, chan ann a rèir lagh àithne fheòlmhoir, ach a rèir cumhachd beatha gun chrìoch.
17
Oir tha e a’ dèanamh fianais gur sagart thu gach linn a rèir òrdagh Mhelchisedeic.
18
Oir gu deimhinn tha an àithne roimhe air a cur air cùl, airson i a bhith anfhann agus neo-thairbheach.
19
Oir cha do rinn an lagh nì sam bith foirfe, ach rinn toirt a‑steach dòchais as fheàrr e; tre a bheil sinn a’ teachd am fagas do Dhia.
20
Agus a mheud nach do rinneadh sagart dheth gun mhionnan;
21
(Oir rinneadh sagartan dhiubh-san as eugmhais mhionnan: ach dhethsan le mionnan, tre an tì a thubhairt ris, Mhionnaich an Tighearna, agus cha ghabh e aithreachas, Is sagart thu gu sìorraidh, a rèir òrdagh Mhelchisedeic;)
22
Is cho mòr is sin a rinneadh Iosa na urras air coicheangal as fheàrr.
23
Agus bha gu deimhinn mòran dhiubhsan nan sagartan, do bhrìgh gun do bhacadh dhaibh leis a’ bhàs a bhith maireann:
24
Ach an duine seo, do bhrìgh gum mair e gu sìorraidh, tha sagartachd neo-chaochlaideach aige.
25
Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.
26
Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;
27
Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.
28
Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd-shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd-shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13