bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Hebrews 2
Hebrews 2
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
1
Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo.
2
Oir ma bha am facal a labhradh le ainglean seasmhach, agus gun d’fhuair gach uile bhriseadh agus eas-ùmhlachd dìol-thuarasdal dligheach;
3
Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e;
4
Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin?
5
Oir cha do chuir e fo cheannsal nan aingeal an saoghal ri teachd, mum bheil sinn a’ labhairt.
6
Ach rinn neach fianais ann an ionad àraidh, ag ràdh, Ciod e an duine gun cuimhnicheadh tu air? No mac an duine gum fiosraicheadh tu e?
7
Rinn thu e rè tamaill bhig na b’ìsle na na h‑aingil; chrùn thu e le glòir agus le urram, agus chuir thu e os cionn obraichean do làmh;
8
Chuir thu na h‑uile nithean sìos fo a chasan. Oir ann an cur nan uile nithean fodha dha, cha d’fhàg e nì air bith gun chur fodha. Ach a‑nis chan eil sinn a’ faicinn nan uile nithean fhathast air an cur fo a cheannsal:
9
Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram.
10
Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais.
11
Oir tha araon an tì a naomhaicheas, agus iadsan a naomhaichear, uile o aon: air an adhbhar sin cha nàir leis bràithrean a ghairm dhiubh,
12
Ag ràdh, Cuiridh mi d’ainm an cèill dom bhràithrean, ann am meadhon na h‑eaglais seinnidh mi cliù dhut.
13
Agus a-rìs, Cuiridh mi mo dhòchas ann. Agus a‑rìs, Feuch mise, agus a’ chlann a thug Dia dhomh.
14
Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal;
15
Agus gun saoradh e iadsan a bha tre eagal a’ bhàis rè am beatha uile fo dhaorsa.
16
Oir gu deimhinn cha do ghabh e nàdar nan aingeal air; ach ghabh e sìol Abrahàim air.
17
Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:
18
Oir a mheud is gun d’fhuiling e fhèin, air dha a bhith air a bhuaireadh, is comasach e air cobhair a dhèanamh orrasan a tha air am buaireadh.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13